Search

'S Muladach Mi 's Mi air M' Aineoil Hillean ò rò bha hò

Date c. November 1963
Track ID 79123
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1963.60.A8

Original Tape ID

SA1963.060

Summary

This waulking song has been sung in four sections. In the first, a woman describes being alone on an island with two children. Her husband is dead. The second section contains the puzzling lines about the 'white stirks' who sail to Ireland in the moonlight. Section three praises the brave men who can row to St. Columba's anchorage. The final section praises various clan chiefs.

Item Notes

27 lines plus choruses.

See:
'Òrain Luaidh Màiri Nighean Alasdair' (K. C. Craig ed., 1949) p. 82

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Hillean ó róbha hó
Hillean ó róbha hó

'S muladach mi 's mi air m' aineol
E ho hao ri ri ó
Hogaibh ó
Hillean ó róbha hó
'S muladach mi 's mi air m' aineol
Hillean ó róbha hó
'S mi leam fhìn san eilean mhara
E ho hao ri ri ó
Hogaibh ó
Hillean ó róbha hó
'S mi leam fhìn san eilean mhara
Air chuideachda dithis leanabh
'S na geòidh fhiadhaich a' dol thairis
Faodaidh iad sin 's a bhith fallain
Chaidh na sealgairean gu baile
Tha mo shealgair donn fon talamh
[???] de lèine chaol an anart
'N ciste chaol 's na saoir ga barradh
Hillean ó róbha hó
Hillean ó róbha hó
'S e mo ghràdh na gamhna geala
Thèid na chrò 's nach òl am bainne
Thèid dhan tràigh 's nach geàrr an fheamainn
Thèid a dh'Èirinn ris a' ghealaich
'S a thig às le aona seòl-mara
Thig a dh'Albainn ris a' ghaillinn
Hillean ó róbha hó
Hillean ó róbha hó
O gur h-e mo ghaol na gillean
Dh'iomaireas ràmh 's a dh'èigheas iorram
'S a bheir i gu cala tioram
Gu acarsaid Chaluim Chille
'S ged a bhristeadh ràmh cha tilleadh
Rachadh maide fuar na ionad
Hillean ó róbha hó
Hillean ó róbha hó
O gur h-e mo rùn na seòid
Bh' againn a-raoir mun a' bhòrd
Bha MacCoinnich ann 's MacLeòid
Mac 'ic Alasdair on Chrò
MacFhionghain o Shrath nam Bò
'S Mac 'ic Ailein nach eil beò
Hillean ó róbha hó
Hillean ó róbha hó

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good