Mo Dhòmhnallan Fhèin
Contributors
Fieldworkers
Date
19 March 1989
Track ID
80005
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1989.34.B6
Original Tape ID
Summary
This song is a woman's love song. She sits alone thinking of Donald who has made her sad. Her parents told her she was silly to love a sailor, but even if she got a wealthy man Donald is special to her. It is over a year since he sailed away. She carries locks of his hair in her pocket and has a framed picture of him.
Recording Location
County - Midlothian
Parish - Edinburgh
Village/Place - Edinburgh
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Flòraidh NicNèill: This is a love song. A young girl who has a sweetheart who's a sailor away at sea. Her parents don't approve of him, but she still loves him and looks forward to him coming back.
Nuair chruinnicheas an òigridh,
Gu mire 's gu sòlas,
Bidh mise nam ònar
An seòmar gun ghleus;
A' cuimhneachadh còmhraidh
An fhleasgaich a leòn mi,
'S an gaol thug mi òg
Dha mo Dhòmhnallan fhèin.
Bidh m' athair 's mo mhàthair
Ri gearain 's ri cràmhan,
A' cantainn nach fheàrr mi
Na pàiste gun chèill;
Mo ghaol thoirt do dh'òigear
Bhios daonnan a' seòladh,
'S a sgaoileas a stòras
Gun ghò ri gach tè.
Tha dualagan bòidheach
Dhed chuailein nam phòca,
A dhealbh air a còmhdach
Le òr ann an cèis;
Do shùilean cho beò leam
Do ghruaidh mar na ròsan,
Ag ùrachadh dhòmhsa
Mo Dhòmhnallan fhèin.
Tha bliadhn' agus còrr
Bhon a sheòl e o eòlas,
Tha ìomhaigh cho beò leam
'S ged sheòl e an-dè;
Cha ghèill mi do dh'òigear
'S cha cheil mi na bòidean,
Na 'n gaol thug mi òg
Dha mo Dhòmhnallan fhèin.
Nuair chruinnicheas an òigridh,
Gu mire 's gu sòlas,
Bidh mise nam ònar
An seòmar gun ghleus;
A' cuimhneachadh còmhraidh
An fhleasgaich a leòn mi,
'S an gaol thug mi òg
Dha mo Dhòmhnallan fhèin.
Bidh m' athair 's mo mhàthair
Ri gearain 's ri cràmhan,
A' cantainn nach fheàrr mi
Na pàiste gun chèill;
Mo ghaol thoirt do dh'òigear
Bhios daonnan a' seòladh,
'S a sgaoileas a stòras
Gun ghò ri gach tè.
Tha dualagan bòidheach
Dhed chuailein nam phòca,
A dhealbh air a còmhdach
Le òr ann an cèis;
Do shùilean cho beò leam
Do ghruaidh mar na ròsan,
Ag ùrachadh dhòmhsa
Mo Dhòmhnallan fhèin.
Tha bliadhn' agus còrr
Bhon a sheòl e o eòlas,
Tha ìomhaigh cho beò leam
'S ged sheòl e an-dè;
Cha ghèill mi do dh'òigear
'S cha cheil mi na bòidean,
Na 'n gaol thug mi òg
Dha mo Dhòmhnallan fhèin.
Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Fair