Search

Prògram Choinnich

Date 16 April 1997
Track ID 8047
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 16.04.1997

Summary

Theft of birds' eggs.

Peigi Màiri Nicholson, spokesperson for the Royal Society for the Protection of Birds, talks about the theft of birds' eggs. This is a crime which is prevalent in the Highlands and the public are told what to look out for.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Flòraidh NicIllEathain (FN): Tha sgioba ùr de dh'oifigearan poilis air a stèidheachadh ann an sgìrean taobh tuath Alba airson barrachd smachd a chumail air an sgrios a thathas a' dèanamh le daoine a' creachadh neadan agus a' goid agus a' marbhadh eòin a th' air an dìon. An sàs anns an sgeama cuideachd, tha a' bhuidheann Comann Dìon nan Eunlaith. Còmhla rium anns an stiùidio, tha oifigear Comann Dìon nan Eunlaith. 'S ise Peigi Màiri NicNeacail. Madainn mhath dhut, a Pheigi Màiri.

Peigi Màiri NicNeacail (PN): Madainn mhath, a Fhlòraidh.

FN: Ciamar a tha thu an-diugh?

PN: Chan eil mi dona idir.

FN: Glè mhath. Nise, ochd oifigearan aig a' phoilis air a... air a chur an sàs anns an rud a tha seo. Dè dìreach cho dona 's a tha an suidheachadh?

PN: Tha an suidheachadh an dèidh a bhith dona fad na bliadhnaichean. Man a tha fios agaibh, tha eòin man iolairean, tha iad... daoine a bhith às an dèidh... bha feadhainn aca 's bhàsaich iad às, fhios a'd, bho chionn linn, 's tha iad dìreach a' tilleadh a-nis, man an iolaire mhòr no an iolaire bhàn. Tha daoine nam marbhadh... Bho chionn fhada, 's ann man as trice, 's ann a bha iad nam marbhadh, feagal orra gun robh iad a' marbhadh uain no... Nise, tha a' chuid as motha dhen a... dhen a' mharbhadh a' tachairt thall air a' chost an ear. 'S ann air... air... far a bheil cearcan-fraoich air an togail, fhios agad, airson daoine a bhith nam marbhadh, 's tha na h-eòin mhòra a tha seo a' falbh le feadhainn aca. Nise, an taobh sa dhe Alba, 's e an rud as miosa, 's e cruinneachadh uighean, 's chan ann airson càil a... daoine a tha a' tighinn a-nuas, man as trice 's ann à Sasainn a tha iad a' tighinn a-nuas, agus tha iad a' falbh le na h-uighean, 's man as trice tha iad nan cumail dhaibh fhèin. Chan eil iad fiù 's nan reic. Tha e dìreach mar gum b' eadh iad... hobby a th' aca. Tha iad a' cruinneach uighean. Agus man as gann an t-ugh 's ann as... 's ann as fheàrr, fhios agad, fhaighinn. 'S tha cuideachd mar gum b' eadh seòrsa de ghèam ann dhaibh, a bheil fhios agad. Faighinn air falbh bho na poileis, 's gun duine am faicinn. 'S tha iad a' tilleadh a h-uile bliadhna, an ìre mhath, dhan aon... aon àitichean. Nuair a tha fios aca càit a bheil na beathaichean, na h-eòin a' neadachadh, tha iad a' tilleadh a h-uile bliadhna an uair sin, agus a' creach nan ugh.

FN: A bheil àitichean ann a tha nas miosa na àitichean eile?

PN: Tha mar gum b' eadh diofar eòin ann an diofar àitichean. Tha na h-Eileanan an Iar, man as trice, tha daoine a' tighinn an seo, 's ann airson uighean iolairean, iolairean... 'S tha na h-uighean sin, man a thuirt mi, tha iad nan cumail dhaibh fhèin. Tha àitichean eile man Cataibh 's Gallaibh, gu math tric 's ann a tha iad a' tighinn suas airson leargan, 's bidh iad a' tighinn a-nuas le rafts beaga 's a' seòladh a-mach air loch 's a' faighinn nan uighean aca. Fhios a'd, man as trice bidh sinn a' smaoineachadh air beathaichean mòra man iolairean, ach tha eòin sam bith a tha gann, tha na h-uighean aca, mar gum b' eadh, tha na daoine nas measaile air na h-uighean aca. Ach man as trice, 's ann dìreach nan cruinneachadh a tha iad, iad fhèin. Uairean tha iad nan reic.

FN: A bheil airgead annta dhaibh?

PN: Tha beagan ann dìreach airson reic nan uighean. Tha barrachd airgead ann a bhith a' reic nan uighean leis an isean annta, agus, a bheil fhios a'd, a bhith... an t-isean air a thoirt às agus na thogail, mar gum b' eadh, agus na reic dhan a' Ghearmailt no a-null an Ear. Ach man as trice, 's ann a... 's ann an Sasainn a tha sin a' tachairt. Anns an Lake District an Sasainn, tha tòrr peregrines ann, agus tha an t-uabhas dhiubhsan, tha iad nan... tha iad a' goid nan uighean aca agus nan toirt gu, mar gum b' eadh, gu hatchery agus a' togail... togail an eòin.

FN: Nise, tha iad a' tighinn bho... bho chan e idir a-mhàin Sasainn, ach tha iad a' tighinn bho air feadh na Roinn Eòrpa, nach eil?

PN: Tha iad a' tighinn bho... tha, tha daoine a' tighinn feadh an àite a' tighinn a-nuas, 's tha tòrr a' tighinn a-nuas dhan a' Ghàidhealtachd bhon tha an t-uabhas eòin againn a tha a' fàs gann anns a' chòrr dhen an Roinn Eòrpa, agus tha e tarraingeach dha daoine mar sin a bhith a' tighinn a-nuas.

FN: Dè, can, dè cho dona 's a dh'fhaodadh an suidheachadh seo tachairt a thaobh nan eòin, leithid iolairean 's sin?

PN: Dh'fhaodadh e aig ceann an latha cur às dhaibh, ma thèid... ma thèid duine... 's ma bhiodh... mana biodh an-dràsta... mana biodh duine a' cumail sùil orra. Tha an RSPB bho chionn bhliadhnaichean, tha fios aca gu math tric, fhios a'd, dè na neadan a tha... a bh' air an creach, 's bidh sinn a' cumail sùil air neadan iolairean 's neadan eòin eile. Ach 's e an rud as duilghe, nach urrainn dha duine a bhith a' coimhead air na neadan sin fad an t-siubhail, fhios a'd. Chan urrainn dhut a bhith na do shuidhe fad an latha, le duine aig gach nead a' coimhead a-mach. 'S le sin, thòisich... bho chionn grunn bhliadhnaichean, thòisich na poileis, mar gum b' eadh, a' feuchainn ri sealltainn ris an t-suidheachadh a tha seo, mar gum b' eadh iad a' mothachadh gun robh seo a' dol air adhart, agus an toiseach, cha robh oifigearan aca air an cur air a thaobh, 's e dìreach oifigearan aig an robh ùidh anns a... anns a' chùis a bh' ann, agus bhiodh an RSPB a' dol a-steach... Bidh sinn a' dol a-steach trì no ceithir uairean anns a' bhliadhna, nuair a bhios iad a' trèanadh poilis ùr. Fhios a'd, chan eil diofar an e wildlife liaise officers a th' annta no dè, ach dìreach na poilis anns a' chumantas. Bidh sinn a' dol a-steach 's a' dèanamh, fhios a'd, seisean beag dhaibh. Ach chan eil sin gu leòr. Feumaidh tu, mus bheil thu an sàs ann an... fhios a'd, daoine a bhios a' creach nan neadan, feumaidh fios a bhith agad dè... dè seòrsa eòin a th' annta, dè seòrsa uighean, 's dè tha thu a' lorg anns na càraichean aca, no air am pearsa, a sheallas dhut gu bheil iad a' dol a chreachadh neadan.

FN: 'S e caran de dhreuchd às ùr a tha sin do leithid na poilis, an e?

PN: Tha mi a' creidse gur e. Man as trice 's e poilis aig a bheil ùidh mar-thà ann an nàdar a bhios a' dol a-steach airson seo. 'S e dìreach poilis àbhaisteach a th' annta. Tha e dìreach mar gum b' eadh beagan a bharrachd aca na ionnsachadh. 'S bidh iad a' bruidhinn ri chèile eadar, fhios a'd, na diofar roinnean anns a' Ghàidhealtachd, can, no shìos deas, 's canaidh... gheibh iad fòn a' cantainn:

'Tha a leithid a dhuine, tha fios againn, a bheil fhios a'd, gun àbhaist dha a bhith a' creachadh neadan, tha e air an t-slighe suas. Seo àireamh a' chàir aige. Seo an seòrsa càr a th' aige. Cùmaibh sùil a-mach air a shon.'

Agus an uair sin bidh fios aig na poilis a-bhos an taobh sa fhèin gu bheil a leithid a dhaoine a' tighinn. Agus ma thèid iad gu càr, tha rudan ann air am bi iad... bidh iad a' sealltainn a-mach airson rudan anns a' chàr 's mathaid nach fhaiceadh duine eile ann, fhios a'd, nach robh iad a' faicinn cuidreamach. Can gun tèid thu gu càr agus gum bi tòrr chanastairean ann, man canastair bhriosgaidean, làn cotton wool. Fhios a'd, chan eil càil an aghaidh an lagh a bhith a' falbh le canastair làn cotton wool anns a' chàr...

FN: Cha chanainn gum bitheadh.

PN: No gum bi inflatable raft ann. Rudan mar sin, bidh iad...

FN: Dè... am faod mi fhaighneachd dè bha iad a' dol a dhèanamh le cotan?

PN: Le cotan. Tha airson cumail nan uighean sàbhailte. Fhios a'd, bheir iad ugh a-mach à nead agus feum... tha na daoine sa a' gluasad gu math luath. Bidh iad a' sreap gun an nead air creag no ann an craobh no...

FN: Daoine... daoine gleusta.

PN: Daoine gleu-... ò, feumaidh iad a bhith gu math gleusta, agus feumaidh iad toirt nan uighean sin sàbhailte... ma bhriseas tu an t-ugh, chan eil e gu feum sam bith dhaibhsan. Bidh iad a' falbh leis an ugh 's bidh iad na chur ann a... ann an clòimh, no ann an cotan no rudeigin, ann an canastair, 's a' falbh cho luath 's a ghabhas sìos air ais, a Shasainn, no shìos an deas am badeigin, 's tha iad an uair sin a' sèideadh am broinn a-mach às an ugh. Ma tha... ma tha isean anns an ugh, tha iad na leaghadh an toiseach.

FN: Ga leaghadh?

PN: Tha iad a' leaghadh... tha iad a' dèanamh toll beag anns an ugh 's tha iad a' dòrtadh man acid a-steach, uill rudeigin a leaghas an t-isean, ach nach... nach bean dhan an t-slige, 's tha iad a' leaghadh an t-isean beag bochd, 's tha iad na shèideadh a-mach, fhios agad, 's tha e a' dol na... na...

FN: Tha sin sgriosail, nach eil? Tha.

PN: 'S tha iad na shèideadh às. Agus chan eil iad ag iarraidh càil ach an t-ugh falamh. 'S tha iad na chur ann an treidhe ri taobh na h-uighean eile aca, agus bidh iad ag innse sgeulachdan dha chèile, man, a bheil fhios a'd, seo an latha... seo na rudan a thachair dhomh nuair a fhuair mi an t-ugh sa, 's bha na poilis ann an siud 's fhuair mi às. Fhios a'd, tha e mar gum b' eadh iad a' dèanamh adventure dhen an rud gu lèir.

FN: Dè seòrsa dhaoine a th' annta? A bharrachd gur e mèirlich 's eile a th' annta.

PN: Tha feadhainn aca, dìreach, tha iad mar gum b' eadh obsession aca le uighean. 'S mathaid gun do thòisich iad, fhios a'd, òg a' cruinneachadh uighean. Chan fhaod duine cruinneachadh ugh sam bith, ged a b' e druid a bhiodh ann. Fhios a'd, tha e an aghaidh an lagh. Seo rud a bu chaomh leinn a ràdh gu math trom cuideachd, gu bheil a h-uile càil a tha seo mì-laghail, fhios a'd. Tha an lagh ag ràdh nach fhaod thu a dhol faisg air nead, fiù 's, nuair a bhios uighean ann, no nuair a bhios iseanan faisg. Chan fhaod thu toirt leat uighean à nead. Chan fhaod thu marbhadh eun sam bith, no dèanamh... no fiù 's a dhol gu nead agus cumail na pàrantan air falbh, a bheil fhios a'd, le... mus fhàs na h-uighean fuar 's nach fhaigh an t-isean beag a-mach.

Uairean, bidh daoine na dhèanamh airson airgead. Na daoine a bhios a' goid uighean airson, a bheil fhios a'd, toirt an isein asta agus a reic air adhart an uair sin. Ach gu math tric ann a sheo, chan e sin an seòrsa daoine a th' annta idir, ach daoine a tha dìreach ag iarraidh dhaibh fhèin uighean annasach, no uighean gann, agus ged a bhiodh... tha mi a' smaoineachadh ged a b' e an iolaire mu dheireadh anns an t-saoghal a bhiodh ann, 's gum biodh nead aice, gun tigeadh cuideigin mar sin 's gum falbhadh iad le na h-uighean, 's chanadh iad an uair sin, fhuair mise an t-ugh mu dheireadh a-riamh a chaidh... a bheil fhios agad, a chaidh a bhreith anns an t-saoghal dhen an ugh sa, 's chan eil dragh sam bith aca mu dheidhinn na h-eòin.

FN: An dùil a bheil iad... am faigh iad, ge-tà, an fheadhainn a tha gan reic, am faigh iad airgead, can, airson nan uighean a tha sin?

PN: Ma tha iad a' reic gu...

FN: Ma tha iad ga dhèanadh airson cuideigin eile, 's e tha mi a' ciallachadh.

PN: Ma nì iad gu cuideigin eile e, tha mi a' creidse gum faigh iad rudeigin air a shon. Man as trice, 's ann dhaibh fhèin a tha e, bhon tha an rud, a bheil fhios a'd, tha... 's e a bhith a' goid pàirt dhen a...

FN: Thrill.

PN: Thrill gu lèir, fhios a'd, a' dol air falbh 's a' tighinn suas, a' goid 's a' faighinn an ugh 's a' dèanamh, a bheil fhios a'd, 's na thoirt dhachaigh, 's gum bi e aca. Bidh iad an uair sin na thoirt a-mach bhon an leabaidh no às a' phreas, bidh e ann an treidhe aca, 's bidh iad na choimhead. 'S uairean chan eil duine eile anns an t-saoghal a chì iad. Fhios a'd, tha e cho mì-laghail, agus ma gheibh duine... uaireannan bidh sinne 's na poilis, fhios a'd, còmhla, a' faighinn cruinneachaidhean mòr de dh'uighean. Bho chionn fhada cha robh e an aghaidh an lagh ann, ach bha sin a' sealltainn a stòiridh fhèin. Chaidh tòrr dhe na h-eòin sin a-mach à bith. Agus uaireannan ann an museums, chì thu fhathast, a bheil fhios agad, feadhainn a chaidh an cruinneachadh, na sligean 's na h-uighean.

FN: Tha sin ceart. Aidh, chunna... aidh, chunna mi iad. Dè 's urrainn daoine a dhèanadh, airson 's dòcha cuideachadh? Dìreach daoine anns an fharsaingeachd. A bheil càil ann as urrainn... as urrainn dhuinne a dhèanamh?

PN: Dìreach a bhith a' cumail sùil a-mach. Tha cuimhn' a'm bho chionn dhà no thrì bhliadhnaichean, thàinig fòn bho daoine ann am baile ann an Leòdhas a chantainn gun robh cuideigin a' sreap timcheall air na creagan, agus gun robh iad... 's gun robh pòcaid... a bheil fhios agad, dh'aithnich muinntir a' bhaile gun robh rudeigin a' tachairt, 's bha fios aca gun robh iolairean timcheall, 's dh'fhòn iad thugainn agus chaidh an RSPB 's na poilis sìos agus chaidh glacadh e. Fhios agad, chaidh... bha an duine a bha seo 's e air a shlighe gu... gu creachadh nead. Uill, sin... sin a bha gu math follaiseach a bha a' dol a thachairt, a bheil fhios a'd, poca [?leaba], bucais le clòimh 's mar sin air adhart. Ach 's e dìreach cumail sùil. Duine sam bith aig a bheil ùidh ann an eòin...

FN: Bidh mi fhìn droch amhr-... droch amharasach bho seo a-mach, ma chì mi cotan aig duine an cùl a' chàir. Sin e. Sin e. Mu dheireadh, a Pheigi Màiri, dè tha a' dol a thachairt dha na daoine a tha sin ma thèid an glacadh?

PN: Thèid iad... thèid iad dhan a' chùirt agus bidh iad, a rèir an lagh, thèid... man as trice, 's e... 's e faighne a th' orra, a bheil fhios agad, a rèir dè na tha... a' chreach a rinn iad, 's dè... fhios a'd, an robh iad na dhèanamh tric mar-thà, 's mar sin air adhart. Ach tha iad a' faighinn faighne math airgead a chur orra, feuchainn ri stad a chur orra, a' dèanamh rudan mar seo tuilleadh. Tha e a' tachairt nas trice, tha mi a' smaoineachadh, bho chionn dhà no thrì bhliadhnaichean. Tha sinn an dòchas gun cuir e beagan stad. Ach bidh sinn a' feitheamh... mun tìde sa a bhliadhna, bidh iad air an t-slighe a-nuas, agus a h-uile duine a' cumail sùil a-mach airson...

FN: Sin e. Sin e dìreach. Uill, tha mi an dòchas gun cùm a h-uile duine sùil a-mach, agus iad a' dèanadh sgrios gu leòr anns an àite, agus 's e am peanasachadh a thoill iad. A Pheigi Màiri, mòran taing dhut, gu dearbha, airson a thighinn a-steach.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good