Search

Prògram Choinnich

Date 16 April 1997
Track ID 8063
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 16.04.1997

Summary

Christina MacPherson, as the week's guest, answers questions about her own life.

Item Subject/Person

MacPherson, Christina

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Flòraidh NicIllEathain (FN): Uill, an t-àm a-nist airson cèiliche na seachdain. 'S dòcha an t-àm rud beag seachad. Co-dhiù, 's ann à sgìre Stafainn san Eilean Sgitheanach a tha Cairistìona Chamshron Nic a' Phearsain, ged a tha i an-diugh a' fuireach ann an Dùn Èideann. B' e ban-sgoilear a bh' innte mus do leig i dhith a dreuchd, agus chuir i seachad bliadhnachan a' teagasg ann an seann bhun-sgoil an Ìochdair an Uibhist a Deas. Tha Cairistìona còmhla rinn an-dràsta ann an stiùidio a' BhBC an Dùn Èideann. Madainn mhath, a Chairistìona.

Cairistìona Nic a' Phearsain (CN): Madainn mhath dhuibh fhèin.

FN: Ciamar a tha sibh an-diugh?

CN: Tha gu dòigheil.

FN: Glè mhath.

CN: Ciamar a tha sibh fhèin.

FN: Chan eil sinn dona idir.

CN: Glè mhath.

FN: Seadh ma-thà, cèiliche na seachdain, agus sreath cheistean an seo agam dhuibh, agus 's e a' chiad tè, dè a' chiad chuimhne a th' agaibh?

CN: Uill, 's e a' chiad chuimhne as fheàrr a th' agam, a bhith a' dol air imrich còmhla ri mo phàrantan aig aois ceithir bliadhna, eadar Bhaltos agus Tobhta. Cha b' e carbad a bh' againn ach cairt a rinn m' athair, agus tha cuimhne mhath agam air a bhith air spiris am mullach na cairte air muin na gleadhraich eile. Dòcha gur e a dh'fhàg mo chuimhne cho math, gun do choinnich boireannach còir às a' bhaile sinn le poca suiteis dhomh fhèin 's dham bhràthair.

FN: Seadh, tòrr chairtean mu chuairt aig an àm sin, dè?

CN: Bha. 'S e m' athair a rinn i sin, agus bha e snasail air a làmhan. Ged is e caiptean mara a bh' ann, bha e gu math snasail air a làmhan.

FN: Seadh, cò ris a bha a' chairt coltach?

CN: Ò, tha mi a' smaoineachadh caran uaine a bha i, agus strìoban dearga thall 's a-bhos innte, fhios agad.

FN: Abair innealan brèagha, nach e?

CN: Ò gu dearbh, 's e. Bha i cofhurtail cuideachd, agus bha an t-each gu math socair air an rathad.

FN: Tha mi cinnteach. 'S a bheil rud pearsanta agaibh, ma-thà, am broinn an taighe ris nach dealaicheadh sibh?

CN: Tha. Tha dealbh ann dhen teaghlach againn - mo thriùir bhràithrean 's mo phàrantan - agus chan eil iad uile air tìr nam beò a-nise, agus bu mhath leam an cumail, fhios a'd, air chuimhne.

FN: Tha, tha mi a' tuigsinn sin. Air chuimhne... airson... mar chuimhneachan. Nise...

CN: Dìreach.

FN: Nise, 's ann à sgìre... bha mi ag ràdh nas tràithe, 's ann à sgìre Stafainn a tha sibh fhèin.

CN: 'S ann.

FN: An ann às a sin a bha an teaghlach agaibh riamh?

CN: 'S ann. Uill, 's ann à Bhaltos a bha sinn an toiseach, agus ghluais sinn suas gu Tobhta nuair a bha mise ceithir bliadhna.

FN: Abair àite brèagha.

CN: Ò abair àite àlainn a th' ann an Stafainn air fad, bhon an Stòrr chun na Cuith-Raing. Tha e dìreach eireachdail, na monaidhean a tha sin, agus a' mhuir.

FN: Tha gu dearbh fhèin e. Aontaichidh mi ribh ann a shin. Am bi sibh a' dol ann tric?

CN: Bidh. Bidh sinn a' dol ann uair sa bhliadhna, mar as trice as t-fhoghar.

FN: Seadh, 's dè bhios sibh a' dèanamh? Dìreach a' gabhail làithean-saora?

CN: Ò dìreach a' coimhead air na h-eòlaich 's air na càirdean ann a shin, bho thaigh gu taigh, 's sinn a' faighinn murragan anns gach taigh. Abair gum bi sinn a' faighinn deagh bhiadh agus fàilte.

FN: Nise, tha an ath cheist caran... caran... tha sibh air... caran air a freagairt mar-thà - dè an dealbh as fheàrr a tha... as fheàrr leibh. Mar a bha sibh ag ràdh, dealbh an teaghlaich agaibh ann a shin. Ach a bheil dealbh air a peantadh no càil sam bith mar sin agaibh?

CN: Tha. Tha. Tha dealbh againn dhen a' Chuiltheann a b' àbhaist a bhith aig oifis an railway airson daoine a tharraing chun na h-eileanan. Tha i air leth dathte, le monadh 's lochan 's caoraich 's crodh innte, ach chan ann air taobh againne dhen eilean a tha i idir, ach tha mi a' smaoineachadh gur ann taobh an Àth Leathainn a tha i.

FN: Agus an e dealbh... an e dealbh mòr a th' ann, an e?

CN: Ò 's e dealbh mhòr a th' innte. Chan eil fhios a'm a bheil cuimhn' agadsa nuair a bha na dealbhan a bha siud ann an oifis na railway gus nach robh, ach bha iad air leth eireachdail. Bha iad dìreach airson daoine a tharraing chun na h-eileanan, fhios agad, le dath brèagha orra, agus... eadar monadh 's lochan 's caoraich 's crodh. Tha i dìreach... tha i eireachdail.

FN: 'S cò pheant i?

CN: Nise, chan eil fhios a'm air sin. Ach tha fios a'm nuair a bha mi ag innse do chuideigineach mu dheidhinn an dealbh a bha seo, thuirt i, ars ise: "Tha fios gur e an dealbh dhen a' Chuiltheann a th' agad a bhios tu a' bruidhinn mu dheidhinn," ars ise, "an dealbh mhòr a th' agad anns an rùm." Agus... ò, tha i air leth... sònraichte brèagha. Tha.

FN: Nise, a Chairistìona, a bheil sgil agaibh... no a bheil sgil ann nach eil agaibh a bu chaomh leibh ionnsachadh?

CN: Uill bu mhath leam a bhith sgileil air mi fhìn a dhèanadh suas na mo ghnùis 's na mo sgeadachadh.

FN: Seadh.

CN: Dìreach a bhith comasach air m' aois fhalach. Man tuirt an t-òranaiche, gun chòir a bhith aig aois orm, agus dh'fhaodainn a bhith beò.

FN: Am bi sibh a' cur oirbh makeup?

CN: Ò 's mi a bhitheas. Och 's mi a bhitheas. Bidh mi a' dèanamh an rud as fheàrr dhìom fhèin. Ò gun teagamh sam bith. Bidh, bidh. Lipstick 's gach rud eile. Powder 's rudan eile air mo mhalaidhean 's air mo shùilean, 's rudan mar sin. Och 's mi a bhitheas.

FN: Bidh sibh a' cur oirbh mascara, a bheil?

CN: Ò bidh, bidh, bidh, bidh.

FN: Feumaidh, ma-thà, gu bheil deagh fhradharc agaibh, dè?

CN: Uill, tha glainneachan orm.

FN: Ò a bheil?

CN: Tha. Tha glainneachan orm.

FN: Cha d' fhuair sibh contact lenses idir, ma-thà?

CN: Cha d' fhuair, cha d' fhuair, cha d' fhuair. Chan eil fhios a'm a bheil iad càil nas daoire na na glainneachan a th' orm. Na glainneachan a th' orm, bha iad dà cheud not.

FN: Dà cheud not?

CN: Dà cheud not. An creideadh tu e.

FN: Airson paidhir glainneachan?

CN: Seadh. Airson paidhir ghlainneachan.

FN: Ò tha sin daor.

CN: Ò tha e doirbh gun teagamh, ach tha e coltach gum faod mi leughadh leotha a bharrachd air a bhith a' faicinn fad às.

FN: Seadh. Ò uill, glè mhath. 'S math sin fhad 's a chì sibh. Dè bu mhotha a chuir eagal oirbh riamh?

CN: Uill, bha aon oidhche ann nach do thill an duine agam dhachaigh bho obair ann an Glaschu, mar a b' àbhaist dha aig seachd uairean. Thàinig naoi uairean, deich uairean, aon uair deug, dà-reug, 's cha robh guth no gabadh bhuaithe. Cha robh duine agam ris an tionndaidhinn ach na poileasmain. Co-dhiù, rinn mi sin, 's thàinig dithis dhe na fir mhòra chun an taighe. Bha fear aca caran spòrsail, 's dh'fhaighneachd e dhìom am buineadh an duine agam do na ceàrnan agam fhìn. Thuirt mi ris nach buineadh, ach gum buineadh athair do na ceàrnan sin. "Ma-thà," ars esan, "cluinnidh tu e a' sreap na staidhre mu thrì uairean sa mhadainn." Ma thuirt, b' fhìor.

FN: Seadh. Ciamar a bha fios aige air a sin?

CN: Cha leig mi leas innse dhuibh cà robh e.

FN: Feumaidh gun robh e anns a' phub.

CN: Ò gu dearbha.

FN: Sin e. Nise, an do rinn sibh, no an do thachair rud riamh dhuibh a nàraich sibh? No a mhaslaich sibh, mar a chanas cuid.

CN: Uill, mhaslaich seo mi gu dearbh. Bha mi aig aon àm a' faighinn thairis air tinneas san ospadal nuair a dh'fhaighneachd tè dhe na ban-eiridinn dhìom, am b' e siud mo mhac a bhiodh a' tadhal orm. Cò bha i a' ciallachadh ach an duine agam, agus sinn anns na comhaoisean. Abair sgleog.

FN: Seadh, feumaidh nach robh makeup a' dol an sin, an robh?

CN: Ò feumaidh nach robh, 's bha m' fhalt stireach sìos. Ò bha mi feumach air makeup aig an àm ud.

FN: Dè, a Chairistìona, an t-aithreachas bu mhotha a ghabh sibh riamh?

CN: Uill, 's e nach deachaidh mi a-staigh airson teagasg Gàidhlig, an àite a bhith a' teagasg sa bhun-sgoil.

FN: Seadh. Carson sin a-niste?

CN: Uill, nuair a bha mi a' teagasg ann an clasaichean feasgar, chòrd e uabhasach math rium. Bha mi a' teagasg Gàidhlig do dh'inbhich, agus chòrd sin uabhasach math rium. 'S bha mi an uair sin a' gabhail... a' ràdh rium fhìn, bochd nach deachaidh mi a-staigh air a shon nuair a bha mi na b' òige, fhios a'd, airson a bhith a' teagasg anns na sgoiltean feadh an latha.

FN: Seadh. Agus a bheil aon rud air a bheil fìor ghràin agaibh, ma-thà?

CN: Gu dearbh, tha. Tha gràin an aoig agam air radain.

FN: Radain?

CN: Radain. Beothaichean millteach agus cunnartach, a' sgaoileadh phlàighean.

FN: An tàinig sibh tarsainn air radan riamh?

CN: Ò gu dearbh cha tàinig, ach tha cuimhn' a'm aig an taigh againn ann an Tobhta far an robh... bha droch fhàileadh uabhasach, 's bha a h-uile duine a' gabhail iongnadh cò às a bha e a' tighinn, 's dè bha seo ach radan a bha air steigeadh air cùlaibh a' mhantlepiece agus a bha air grodadh ann. Cha do dhìochuimhnich mi sin riamh.

FN: Seadh. Cha bhiodh mòran air fhàgail dheth, ma-thà?

CN: Ò gu dearbh. Chan eil fhios a'm cò thug às idir e.

FN: Cha bhiodh mòran de chumhachd aige càil a dhèanadh oirbh nas motha, dè?

CN: Ò cha robh. Bha sin cho math.

FN: Sin e. Nam b' urrainn dhuibh a bhith air òran a sgrìobhadh, dè an t-òran a bhiodh an sin?

CN: Uill bu mhath leam òran a dhèanadh do bhaile m' àraich, a chumadh air chuimhne bòidhchead an àite. Làithean m' òige 's na dibhearsanan a bhiodh againn ann. Uill, tha monadh eireachdail, mar a bha mi a' ràdh mar-thà, eadar an Stòrr agus Cuith-Raing. Ò, tha e dìreach mar gum b' eadh rud a tharraingeadh duine, le obair nàdair an àite dìreach... ò, tha e dìreach eireachdail fhèin, agus a' mhuir air ar beulaibh, agus sinn a' coimhead air na bàtaichean a' dol a-null a dh'Uibhist 's a Leòdhas, agus... aig an àm ud co-dhiù, bha iad a' dol ann, ach chan eil fhios a'm ciamar... cha bhi iad mòran ann an-diugh. 'S ann an Ùige, eadar Ùige agus an Tairbeart a tha iad a' falbh an-diugh. Taobh eile an eilein.

FN: Sin e, dìreach. Ach an do sgrìobh sibh fhèin rann riamh?

CN: Chan eil beachd agam an-dràsta. Uill, tha mi a' smaoineachadh gun do sgrìobh mi rann anns a' Bheurla, do dh'fhear-lagh a bha a' dèanadh... a bha uabhasach croiseil. Nuair a bha an duine agam aig obair, bha e uabhasach croiseil. Sgrìobh mi rann dha sa Bheurla. 'S e duine caran iongantach a bh' ann na dhòigh. 'S sin am fear a tha a' tighinn na mo chuimhne an-dràsta co-dhiù.

FN: A bheil cuimhn' agaibh air loidhne no dhà dheth?

CN: Nutty... anns a' Bheurla?

FN: Dìreach loidhne no dhà ach an cluinn mi dè an tàlant...

CN: Nutty Alan of the Camus - 's e mar sin a bha e a' tòiseachadh. Chan eil cuimhn' a'm air a' chòrr dheth.

FN: Dè bh' ann? Naughty?

CN: Nutty.

FN: Ò, nutty.

CN: Nutty. Bha e uabhasach dèidheil air cnothan, agus bha e caran nutty dheth fhèin.

FN: Ò tha mi a' tuigsinn.

CN: Agus bha e a' fuireach anns a' Chamus. Camus... shuas Camus Drive no rudeigineach ann am Morningside. Agus sin an aon fhear a tha a' tighinn na mo chuimhne an-dràsta. Ach tha mi cinnteach gun do sgrìobh mi duanagan beaga uaireigineach, fhios agad...

FN: 'S dòcha gun sgrìobh sibh òran fhathast. Cò aig a tha fios, dè?

CN: Ò dh'fhaodte gun... ma thèid mo ghluasad gu mòr.

FN: Sin e. Nam b' urrainn dhuibh àite chuideigin eile ann an eachdraidh a ghabhail, cò bhiodh ann 's carson, a Chairistìona?

CN: Uill, bha mi a' smaoineachadh mu dheidhinn sin, agus tha mi a' smaoineachadh gur e Fionnghala NicDhòmhnaill, a chuidich am Prionnsa Teàrlach gu tèarainteachd nuair a bha e na fhògarrach.

FN: Seadh, carson a bha sin?

CN: Boireannach... boireannach dìleas agus treun, tha mi a' smaoineachadh, a bh' innte. 'S e.

FN: Seadh, bha dùil a'm gur e... 's dòcha gur e beagan romance a bha sibh a' lorg.

CN: Uill, dh'fhaodte gun robh sin ann cuideachd. Dh'fhaodte gun robh sin ann cuideachd.

FN: Nam biodh cothrom agaibh aon rud sònraichte nach do rinn sibh a dhèanamh le ur beatha, dè bhiodh ann?

CN: Bu mhath leam cead teagasg anns na h-Eileanan Siar, fear mu seach, far am biodh cèilidhean, dannsaichean, whist drives aig deireadh a h-uile seachdain, mar a bha ann an Uibhist a Deas nuair a bha mi ann.

FN: Seadh. Bha sibh ann poille, nach robh?

CN: Dà bhliadhna bha mi ann.

FN: An e?

CN: Bha mi ann... a' chiad dà bhliadhna a thòisich mi air teagasg an toiseach, fhios agad. Agus... agus chòrd e math dha-rìribh rium leis na... mar a bha mi a' ràdh, leis na cèilidhean 's na dannsaichean 's na whist drives. Bhithinn a' dol a-null a Bheinn na Fadhla. 'S bha mi aon triop ann am Beinn na Fadhla 's cha robh annamsa ach... cha do rinn mi ach tòiseachadh air cluich whist, fhios a'd, agus 's ann a fhuair mi an dàrna prize airson nam boireannach. Agus bha mi a' smaoineachadh nach robh iad... gun robh iad diombach dhìom, gun robh iad a' smaoineachadh gum bithinn a' tighinn às an Ìochdar a h-uile seachdain 's gun robh mi math air whist, ach cha robh càil ann ach beginner's luck, mar a chanas iad.

FN: Seadh. Glè mhath. Uill 's dòcha gum faigh sibh ann air làithean-saora, mura faigh sibh a theagasg ann.

CN: Uill tha mi an dòchas gum faigh.

FN: Glè mhath, ma-tà.

CN: Tha mi an dòchas gum faigh.

FN: Uill, mòran taing dhuibh gu dearbh airson a thighinn a-steach, a Chairistìona. Tapadh leibh an-dràsta.

CN: Mòran taing dhuibh fhèin.

FN: Cheerio an-dràsta. Cairistìona Chamshron Nic a' Phearsain an Dùn Èideann, cèiliche na seachdain sa.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good