Search

Prògram Choinnich

Date 16 April 1997
Track ID 8065
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 16.04.1997

Summary

The Highland Club in Inverness is now to become a backpackers' hostel. Fred Macaulay takes about the history of the 120-year-old building.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Stornoway

Island - Lewis

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Inverness and Bona

Village/Place - Inverness

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Flòraidh NicIllEathain (FN): Chuala sinn an t-seachdain sa gu bheil an togalach a bha gu sònraichte airson uaislean gu bhith air a chleachdadh a-nist mar àite-còmhnaidh airson luchd-turais a bhios a' coiseachd - backpackers mar a th' aca orra fhèin. B' ann an-uiridh a dhùin an togalach a' Highland Club ann an Inbhir Nis, a bha na àite cruinneachaidh aig mòran de luchd-gnìomhachais 's uachdarain na Gàidhealtachd. Tha beagan de dh'eachdraidh an àite sin aig Fred MacAmhlaigh, 's tha Fred còmhla rinn an-dràsta ann an stiùidio Inbhir Nis. Ciamar a tha sibh an-diugh, Fred?

Fred MacAmhlaigh (FM): Gu snog ann a sheo. Tùchadh beag orm.

FN: A bheil? Och, bidh sibh taghta. Cha bhithinn ceàrr a ràdh gur e nàdar de dhuine-uasal a th' annaibh fhèin, dè?

FM: Uill, 's e thu fhèin a thuirt e.

FN: Seadh ma-thà, an togalach a tha seo, Fred, cuin a chaidh a togail, 's carson a thòisich... carson a thòisich a' Highland Club a bha seo?

FM: Uill tha sia fichead bliadhna on a thòisich e 's barrachd, ach fhios agad, bha e na fhasan aig an àm a bha siud, gu h-àraid linn Bhictòria, agus cha bu chòir dhut a bhith measail sam bith air, a thoradh cha robhar a' coimhead air boireannaich idir, idir, idir ann. Dha na fir a bha a leithid de sheòrsa, 's gheibheadh tu iad feadh... feadh na dùthcha 's feadh an t-saoghail, far am biodh iad a' cruinneachadh air an oidhche, na fir, a' teicheadh bho na mnathan, fhios agad, 's rudan... rudan dhen t-seòrsa sin, agus a' cruinneachadh 's... och, bhiodh tòrr cur-seachad annta aig an àm, 's bhiodh iad uaireannan a' coimhead gu math domhainn air cùisean na dùthcha 's rudan mar sin. Ach 's ann a' sìor fhalbh às a chèile a bha an gnothach, gu h-àraid an linn seo, agus mu dheireadh thall theann iad ri sealltainn thuca 's bhuapa 's iad a' faicinn nach robh an gnothach a' leantail mar a b' àbhaist, 's nach robh e a' faighinn a leth uimhir tacsa 's a b' àbhaist. Agus feadhainn dhiubh, tha iad a' dol fhathast. Bha iad ciallach 's theann iad ri boireannaich a thoirt a-staigh mar bhuill dhen an àite, agus tha feadhainn an Dùn Èideann fhathast a' dol gu làidir air an stèidh a tha sin.

Ach an Inbhir Nis, bha an gnothach dìreach... uill, nuair a choimheadas tu air eachdraidh Inbhir Nis, 's air eachdraidh na dùthcha, fhios agad, 's e na h-urracha mòra a bha a' tighinn a-staigh, agus eadhon an Inbhir Nis an-diugh fhèin 's e Loch Iall, 's e am president, fhios agad, an ceann-suidhe a bh' air a' chomann an seo. Agus nuair a bha e aig àird a neirt 's e... ò na h-iarlaichean 's na h-uaislean 's fir-lagha 's daoine dhen t-seòrsa sin, 's eadhon... bha mi a' faicinn dìreach a' coimhead air an liosta a b' àbhaist a bhith a' tadhal ann, bha Lord Hailsham ann, 's MacKay of Clashfern, fhios agad, 's daoine dhen t-seòrsa sin. 'S gu h-àraid fhir-lagh, bhiodh iad an-còmhnaidh, nuair a bha iad a' tighinn a-nuas gu cùirtean an Inbhir Nis, 's ann sa chlub a bhiodh iad a' fuireach.

FN: 'S tha mi cinnteach mar sineach, gur e sineach an t-àite ma bha thu airson rudan fhaighinn a-mach. Can, bha sibh ag ràdh ann a shiud, fir-lagha 's daoine mar sin, tha fios gun robh sgeulachdan gu leòr a' dol timcheall anns a' bhuidheann fhèin, dè?

FM: Ò chan eil teagamh nach biodh mafia beag an siud 's an seo, fhios agad, 's am beul am bogadh ann an gnothaichean. Chan eil teagamh sam bith.

FN: Sin e. Nise, dè seòrsa ghoireasan a bh' ann, ge-tà?

FM: Uill, bha e glè mhath, 's ann an iomadach dòigh, fhios agad. Bha dà sheòmar-cadail shuas an staidhre, en suite mar a chanas iad, agus bha... dè eile a bh' agad? Bha rumannan... rumannan-suidhe ann. Snooker - mar a bhiodh dùil agad anns a h-uile club riamh dhe sheòrsa bha snooker a' dol. Agus bha àite mòr ann airson biadh. Shuidheadh e trì fichead 's a deich, eadhon sna lathaichean mu dheireadh ann an Inbhir Nis, 's bhathar a' dèanamh feum dhen a sin feadh an latha. 'S e an rud a bha a' marbhadh na clubs an-diugh gu bheil a h-uile duine a' dol dhachaigh nuair a tha iad a' sgur dhen obair làitheil, agus tha am bogsa grànda san oisinn agad ann a shiud a' tarraing dhaoine, 's cha leig iad a leas smuain a chur an cèill tuilleadh gu 'n tèid iad a leabaidh, ma thogras iad. Agus bha sin a' tachairt, ò, gu follaiseach ann an Inbhir Nis. Bha e... abair gun robh daoine ann aig àm dinnearach, aig meadhan-latha, ach air an oidhche cha robh e beò idir, idir, idir.

Nist, a' chuimhne a th' agamsa air clubaichean an Dùn Èideann, nuair a reigheadh tu a-staigh an sin aig seachd no h-ochd as t-oidhche, bhiodh bannal math ann, agus bhiodh an-còmhnaidh connspaid air choreigin ann, fhios agad. Bha cuspair... cuideigin air cuspair a thogail 's bha iad cruinn ann a shin 's a' cur asta mun a sin, 's mhaireadh sin 's dòcha gu, ò, gu meadhan-oidhche, agus bha e a' dùnadh co-dhiù aig meadhan-oidhche, 's bha thu a' falbh dhachaigh 's tu làn smaointinn, a' meòrachadh air na ceistean a bh' air a thogail. Bha e cho math sin. Fhios agad, thairngeadh e daoine

FN: Sin agad e. Agus chan fhaigheadh mo leithid a-staigh? Chan fhaighinn faisg air.

FM: Ò an uair ud cha robh dìreach, chan fhaodadh do shròn... chan fhaigheadh tu a-staigh air an doras, ach...

FN: Chan e... chan eil mi ag ràdh gur e... air sgàth 's gur e boireannach a th' annam idir, ach air sgàth 's nach eil mi... nach e boireannach uasal a th' annam.

FM: Ò cha robh sin a' cunntais idir. Cha robh. Ma bha, fhios agad, ma bha thu beulach, fhios agad, 's ùidh agad ann an gnothaichean, gheibheadh tu a-staigh gun teagamh. Cha robh iad cho... cha robh iad cho sònraichte sin idir. Ged a bha beagan dhen a sin cuideachd ann. Tachraidh sin... ach tachraidh sin riut anns a h-uile h-àite.

FN: Sin e. Ach tà, gheibh mi ann an ùine gun a bhith goirid, ma bhios e na bhackpackers club ann a shin.

FM: Ò, thèid mi fhèin 's tu fhèin ann.

FN: Dè mu dheidhinn, ma-thà? An ath turas a bhios mi an Inbhir Nis, bidh mi a' gnogadh air an doras agaibh.

FM: Sin agad e.

FN: Sin agad e.

FM: Thig thusa 's gheibh sinn paca beag an urra 's buailidh sinn a-staigh far an fhaic sinn cò ris a tha e coltach.

FN: Sin e, dìreach. Uill, Fred MacAmhlaigh, tapadh leibh gu dearbha airson siud.

FM: OK, a luaidh.

FN: OK, cheerio an-dràsta.

FM: Cheerio ma-thà.

FN: Cheerio.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good