Search

Ma Chanar Rium Bàrd nach Nàir mur h-Aithris Mi 'n Duan

Date April 1963
Track ID 85705
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1963.15.A8

Original Tape ID

SA1963.015

Summary

This is a man's love song. The bard praises the beauty of the girl he loves. He also praises her parents.

Item Notes

Composed by Donald John MacDonald (Dòmhnall Iain Dhonnchaidh) of Peninerine.

See:
'Chì Mi: The Gaelic Poetry of Donald John MacDonald' (B. Innes ed. 1998) p. 112

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

Kate Nicolson (KN):

Ma chanar rium bàrd, nach nàr mur h-aithris mi 'n duan
Mur h-aithris mi dàn don mhàldag bhanail gun ghruaim
Bean òg nan sùil blàth as àille sealladh is tuar
Dhan tug mise 'n gràdh gu bràth nach fannaich le fuachd

Do phearsa gun chearb gum faithnichinn fada bhom shùil
A grinnead mar dhealbh neo-sheargte, fallain, glan, ùr
Tha gaol agus bàidh a' snàmh an amharc do shùl
Is anail do bheòil mar cheò na meala fo dhriùchd

Nuair bhios mi leam fhìn bidh m' inntinn ortsa gach àm
'S e d' aghaidh ghlan shuairc' a ghluais mo chridhe nam chom
Do bhòidhchead, a ghràidh, a dh'fhàg mi dèanamh dhut rann
'S gum b' fheàrr leam do phòg na òr na cruinne nam làimh

Gum beannaicheadh Dia a' chìoch a dheothail thu tràth
A' mhàthair a bhiath 's a riaghl do bheatha nad phàist
Mo bheannachd dhan ghlùin a chùm do phearsa-sa ghràidh
'S a dh'altraim thu òg - b' e sòlas dhi thu bhith fàs

Chan iongnadh a ghràidh, do mhàthair 's d' athair bhith 'n uaill
Do leithid-sa fàs do phàrantan 's ainneamh ri luaidh
Ged bhithinn na b' fheàrr an càs nan ealain 's nan duan
Cha snaoiminn san dàn gu bràth gach mais' tha riut fuaight'

Chan eil san Roinn Eòrp' an òigh a bheireadh ort bàrr
'S cha do sheas ann am bròig tè òg as ceanalta gnàth
Cha d' ghluais ann an gùn, a rùin, an talla nam bàl
Tè eile thig suas ri tuar do mhaise-s', a ghràidh

Mar ghealach nan speur cur reul am falach le glòir
Mar ghathan na grèin' cur reul na maidne fo sgleò
Mar shruthan ron fhiadh 's gun deur sna gleannan ri òl
Tha thusa dhomh, ghràidh - 's cha nàr leam aithris rim bheò


B' e an call gun robh an cnatan orm. Tha òran an siud.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): 'S e òran brèagha a th' ann gun teagamh. Agus 's e fear a tha beò fhathast a rinn am fear sin?

KN: 'S e. Tha e beò fhathast, ann an Uibhist.

DE: Glè mhath.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair