Mo Dhòmhnallan Fhèin
Contributors
Fieldworkers
Date
28 May 1965
Track ID
85719
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1965.46.3
Original Tape ID
Summary
This song is a woman's love song. She sits alone thinking of Donald who has made her sad. Her parents told her she was silly to love a sailor, but even if she got a wealthy man, Donald is special to her. It is over a year since he sailed away. She carries locks of his hair in her pocket and has a framed picture of him.
Item Notes
Four verses sung. The song was composed by Neil MacLeod (1843-1924).
See:
'Clarsach an Doire' (N. MacLeòid, 1883) p. 36
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Nuair chruinnicheas an òigridh,
Gu mire 's gu sòlas,
Bidh mise nam ònar
An seòmar gun ghleus;
A' cuimhneachadh còmhraidh
An fhleasgaich a leòn mi,
'S an gaol a thug mi òg
Do mo Dhòmhnallan fhèin.
Tha m' athair 's mo mhàthair
Ri gearan 's ri cànran,
'S iad cantainn nach fheàrr mi
Na pàiste gun chèill;
Mo ghaol thoirt do dh'òigear
Tha daonnan a' seòladh,
'S a sgaoileas a stòras
Gun ghò ri gach tè.
Tha bliadhn' agus còrr
On a thriall e bho eòlas,
Tha ìomhaigh cho beò dhomh
'S ged sheòladh e 'n-dè;
Cha ghèill mi don òigear
'S cha trèig mi na bòidean,
A sheulaich mi òg
Do mo Dhòmhnallan fhèin.
Tha duaileagan bòidheach
De chuailean nam phòca,
'S a dhealbh air a còmhdach
Le òr ann an cèis;
Tha shùilean cho beò ann,
'S a ghruaidh mar na ròsan,
Ag ùrachadh dhòmhsa
Mo Dhòmhnallan fhèin.
Gu mire 's gu sòlas,
Bidh mise nam ònar
An seòmar gun ghleus;
A' cuimhneachadh còmhraidh
An fhleasgaich a leòn mi,
'S an gaol a thug mi òg
Do mo Dhòmhnallan fhèin.
Tha m' athair 's mo mhàthair
Ri gearan 's ri cànran,
'S iad cantainn nach fheàrr mi
Na pàiste gun chèill;
Mo ghaol thoirt do dh'òigear
Tha daonnan a' seòladh,
'S a sgaoileas a stòras
Gun ghò ri gach tè.
Tha bliadhn' agus còrr
On a thriall e bho eòlas,
Tha ìomhaigh cho beò dhomh
'S ged sheòladh e 'n-dè;
Cha ghèill mi don òigear
'S cha trèig mi na bòidean,
A sheulaich mi òg
Do mo Dhòmhnallan fhèin.
Tha duaileagan bòidheach
De chuailean nam phòca,
'S a dhealbh air a còmhdach
Le òr ann an cèis;
Tha shùilean cho beò ann,
'S a ghruaidh mar na ròsan,
Ag ùrachadh dhòmhsa
Mo Dhòmhnallan fhèin.
Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good