Search

Am fear Uibhisteach a chuir seachad oidhche anns an Eilean S...

Date July 1964
Track ID 86018
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1964.42.A8

Original Tape ID

SA1964.042

Summary

The Uist man who stayed the night in Skye.

A Uist man had to go through Skye, and he went to a house after dark. The old man there said that a traveller was coming that night and their daughter would have to sleep outside when he came. The man offered the Uistman food and said that perhaps he could share with the Uistman. When the house was quiet, the traveller told the Uistman he was going out to spend the night with the girl, as he did every year. The Uistman promised not to tell. The old lady of the house got up during the night, and when she tried to find the bed with one person, she found that of the Uistman. After a while, the traveller came back, and he too tried to find the bed with one person. He jumped in beside the old man, and thinking it was the Uistman beside him, he started to tell him about the great night he spent with the girl. The old man became angry and the noise woke the old lady. She in turn woke the Uistman who fled and left the others arguing. He realised he was wearing the traveller's trousers.

Item Location

County - Inverness-shire

Island - Skye

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT1363

Transcription

Pàdraig Mac a' Phì: Naidheachd bheag a chuala mi ann an seothach aig fear a mhuinntir na dùthcha againn fhìn, fear a mhuinntir Taobh a Deas Loch Baghasdail, anns an t-seann aimsir. Bha e aig an iasgach, agus bha e air deireadh air càch a' tighinn. Ràinig càch roimhe air fad, ach bha esan a' tighinn leis fhèin co-dhiù.

Agus nuair a bha e a' tighinn tron Eilean Sgitheanach, bha aige ri tighinn... Bha iad a' faighinn na pacaid an uair sin 's bha iad a' tighinn gu ruige Loch nam Madadh, 's bha aca ri coiseachd tron dùthaich. Ach co-dhiù nuair bha esan a' tighinn tron Eilean Sgitheanach, thàinig an oidhche air 's thàinig e chun an taighe a bha seothach. Thuirt e ris fhèin gun rachadh e a-null feuch am faigheadh e cuid na h-oidhche ann. Chaidh e a-staigh. Nuair a chaidh e a-staigh bha leth-sheann duine agus a bhean a-staigh. Agus chuir e fàilte orra, 's dh'fhaighneachd e dhiubh am faigheadh e cuid na h-oidhche. Thuirt iad sin ris gun robh... Thuirt am bodach ris an toiseach gun robh e fuathasach duilich, gun robh traveller a' tighinn thuca a-nochd, agus nach robh an taigh ach beag, 's gun robh iad ann triùir, e fhèin 's a bhean 's a nighean, agus gum feumadh an nighean a bhith a' cadal a-muigh nuair a thigeadh an traveller, gun robh taigh beag a-muigh anns am biodh i a' cadal, nach b' urrainn daibh a chumail, ach gum faodadh e fuireach 's gun toireadh iad dha biadh.

Uill, fhuair e a bhiadh, 's thuirt a' chailleach an seo nuair a ghabh e am biadh:

"'S ann as fheàrr dhut fuireach," ars ise, "gus an tig an traveller, agus ma dh'fhaodte gum biodh e deònach gu leòr cur suas còmhla riut airson na h-oidhche, 's ma bhitheas cha bhi sìon againne na aghaidh."

Co-dhiù, rinn an t-Uibhisteach seo. Thàinig an sin an traveller 's chaidh e fhèin 's an t-Uibhisteach an seanchas ri chèile. Bha iad treis a' seanchas. Dh'innis e mar a bha. Ò 's ann a bha an traveller fuathasach, fuathasach toilichte duine a bhith còmhla ris airson na h-oidhche.

Co-dhiù chaidh iad an seo a chadal. Cha robh anns an taigh ach dà rùm 's chaidh iad... dà leabaidh. Co-dhiù, an dà leabaidh ceangailte ri chèile, agus cha robh solas aig an àm cho math 's a tha e an-diugh. Ach co-dhiù, chaidh am bodach 's a' chailleach dhan leabaidh aca fhèin, 's chaidh an traveller agus an t-Uibhisteach dhan tè eile.

Co-dhiù nuair a bha an taigh air gabhail mu thàmh 's gun ghuth, a rèir mar a bha a' dol, phut an traveller an t-Uibhisteach. Thuirt e ris:

"Tha mise a-nist," ars esan, "a' dol a mach a choimhead air an nighinn ruaidh," ars esan. "A h-uile bliadhna a bhios mi a' tighinn bidh mi a' cur seachad na h-oidhche còmhla rithe a-muigh," ars esan, "gun fhiosta dhan bhodach 's dhan chaillich. Agus na leig thusa dad ort," ars esan, "gu bheil mi a' falbh."

"Ò," ars an t-Uibhisteach, "tha sin ceart gu leòr."

Agus dh'fhalbh an traveller a-mach air a shocair.

Co-dhiù, a-null air treis a dh'oidhche, no ge brith dè an [?riastradh] a bhuail a' chailleach, dh'èirich i, agus nuair a bha i a' tilleadh dhan leabaidh, thòisich i le làimh air feuchainn feuch am faigheadh i an leaba anns an robh am bodach, 's fios aice gun robh an dà thraveller aig a ceann agus gum biodh am bodach leis fhèin. Uill, nuair a fhuair i seo an leaba 's nach robh ann ach an aon duine, ghabh i a-staigh ri thaobh ann an sin. Gu tubaisteach, dè bha seo ach an t-Uibhisteach. Agus bha esan na dhùisg 's cha do leig e dad air, ach bha a' chailleach ri thaobh fad an t-siubhail.

Ach an seo an ceann treise thàinig an traveller, agus thòisich e fhèin air an achd ceunda le làimh, 's an dorcha ann, feuch am faigheadh e a-mach cò an leaba anns an robh an aon duine, agus fhuair e seo an leaba, agus chaidh e a-staigh ri taobh a' bhodaich, fear an taighe.

Co-dhiù, nuair a dh'atharraich e e fhèin san leabaidh, phut e am fear a bha ri thaobh.

"A ghràidhein," ars esan "'s ann agamsa a bha an oidhche a-raoir," ars esan, "còmhla ris an nighinn ruaidh," ars esan. "Nam biodh fhios agadsa air," ars esan, "'s e a chòrd rium," ars esan, "fìor oidhche mhath agam," ars esan.

"Dè, am Fear Mòr," ars am bodach, "a tha thu ag ràdh, còmhla ris an nighinn agamsa?"

Agus dhùisg a' chailleach 's chuala i an gnothach a bha seo. Agus:

"Thusa," ars esan, "còmhla ris an nighinn agamsa."

Thòisich an racket aig an dithis a bha shìos. Phut a' chailleach am fear a bha ri taobh.

"Iain, a m' eudail," ars ise, "dùisg cho luath 's a rinn thu riamh 's na travelleran air a dhol far a chèile."

Co-dhiù, dh'èirich an t-Uibhisteach an uair sin. Thuig e mar a bha agus rinn e air an doras. Chuir e air a bhriogais 's sgioblaich e leis a h-uile sìon a bh' ann, agus tharraing e air a rathad, 's dh'fhàg e na travelleran 's a' chailleach 's a h-uile duine a bh' ann ag ithe a chèile. Nuair a shoilleirich an latha 's a sheall e air fhèin, dè bh' air ach briogais an traveller. Agus thàinig e gu Taobh a Deas Loch Baghasdail agus briogais an traveller air.

Sin mar a chuala mise co-dhiù.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good