Search

Bhite ag ithe duileasg air a ghoil mar leigheas airson craic...

Date 12 March 1953
Track ID 8630
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.23.A25

Original Tape ID

SA1953.023

Summary

Eating boiled dulse was used as a cure for skin eruption.

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Tormod Dòmhnallach: Bha iad cuideachd den a' bheachd, agus tha mi a' toirt làn-chreideas dha, nuair a thigeadh bristeadh air craiceann neach, is minig a bhios sin a' tachairt, bidh na lighichean a' cumail a-mach gur e rudeigineach a tha ceàrr anns an fhuil, no faodaidh anns a' chraiceann fhèin, ach bha na seann daoine a' creidsinn gu làidir gun robh leigheas mòr anns a' chàl-duilisg airson sin. Ach gu sònraichte, an càl-duilisg leis na sgreachagan. Nuair a thèid duine an tràigh, gheibh e gach seòrsa duilisg. Bidh cuid dhiubh, bidh iad a' seachnadh an duilisg air a bheil na sgreachagan. Nise, chan eil còir aca sin a dhèanamh idir. Sin agad an duileasg as fheàrr a th' ann, agus as fallaine, agus as motha leigheas. Agus an duileasg air a bheil na sgreachagan, nuair a thèid a ghoil, tha e a' dèanamh càl a tha anabarrach math, agus anns a bheil mòran leighis.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Fair