Search

An Nighean agus na Robairean.

Date April 1963
Track ID 90015
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1963.13.A1

Original Tape ID

SA1963.013

Summary

The girl and the robbers.

A young woman finds a hide-out in the hills, which was used by robbers. She decapitates eleven of the twelve robbers. The last one flees, having lost an ear. He comes to her family home in search of a wife, and the young woman rides off with him. She discovers he has only one ear. She tricks him and kills him too, thus accounting for all twelve robbers.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT956B

Transcription

Dòmhnall MacIllEathain (DM): Mar a bha na chleachdadh anns a' Ghàidhealtachd uaireigin o chionn fada, bhiodh iad a' dol leis a' chruidh chun na h-àirigh as t-samhradh. Ach deireadh an fhoghair bhiodh iad gan toir dhachaigh. Agus bha taigh rudeigin faisg air a' mhonadh ann a shineach, 's bha fireannach 's boireannach agus nighean òg ann.

Agus bha seo toiseach a' gheamhraidh air tighinn agus bha an nighean a-muigh latha anns a' mhonadh, agus 's ann a chunnaic i ceò à fear dhe na bothain, agus bha i a' gabhail iongnadh gu dè dh'fhàg an ceò às a' bhothan 's gun duine air an àirigh aig an àm.

Agus 's ann a chaidh i a-staigh co-dhiù, agus dè bh' air an teine ach poit fheòla. Agus chaidh i seo sìos do dh'ìochdar na bothaig, agus bha seo làn de sheicheannan bheothaichean. Gu dè bha seothach ach àite a bh' aig na robairean anns am biodh iad... bhiodh iad a' marbhadh a' chruidh 's bhiodh iad a' bruich na feòla sa... sa bhothaig.

Agus chaidh i am falach ann a sheo. Ach bha i seo a' cumail sùil a-mach. 'S ann a chunnaic i dà dhuine dheug a' tighinn agus iad a' giùlan mart. Thàinig iad an rathad co-dhiù, agus thuirt an dala fear:

"Co-dhiù ghabhas sinn ar biadh an toiseach no a dh'fheannas sinn a' bhò?"

Ò ghabhadh iad am biadh. Agus nuair a bha iad ann an teis-meadhan gabhail a' bhiadh dh'fhalbh ise agus chaidh i ann am broinn tè dhe na seicheannan shìos ann an ìochdar an taighe, agus thàinig i a-nuas air a crògan. 'S leis an t-eagal a ghabh iadsan, a-mach gun tug iad. Theich iad. Agus nuair a fhuair ise air falbh iad, dh'fhalbh i 's dhùin i gach doras 's uinneag a bh' air a' bhothaig. Agus fhuair i grèim air claidheamh a bha san taigh. Agus bha...

Ach thill iadsan, fear aca seo agus bha bìdeag de dh'uinneag a bh' ann fosgailte agus chuir e a cheann a-staigh, agus chuir ise dheth an ceann leis a' chlaidheamh. Agus thigeadh an seo an ath fhear agus bha an ceann a' dol dheth. Chaidh an ceann a chur far fear mu seach gu 'n do ràinig e am fear mu dheireadh, agus cha do thàr a chur dheth ach a chluas, agus theich e le bheatha. Agus nuair a fhuair ise an uair sin gun d' fhuair i air falbh a h-uile... gun do mharbh i uile iad, thill i dhachaigh.

Ach goirid a dh'ùine às a dhèidh sin bha am fear a bha seo a' dol mun cuairt agus beothach eich aige, agus e ag iarraidh bean. Agus cha ghabhadh e bean ach tè a rinn gnìomh mòr. Agus chaidh e chun an taighe a bha seo, tha e coltach, agus thuirt màthair 's athair na h-ighinn ris gun do rinn an nighean acasan sin, gun do chuir i an ceann far a h-aon-deug a robairean.

Agus ò siud an aon bhoireannach air a shon-san, agus 's ann a dh'fheumadh e a toir leis 's a pòsadh. Agus thug e leis air a chùlaibh i air muin an eich. Agus 's e latha rudeigin garbh a bh' ann, agus nuair a bha iad air pìos dhen rathad thàinig oiteag gaoithe agus ge be dè an còmhdach-cinn a bh' airsan thog a' ghaoth suas e, agus chunnaic i gun robh a' chluas às aonais. 'S ann an uair sin a thuig i cò a bh' aice, agus dh'fhaighneachd i ciamar a chaill e a chluas.

"Cha b' ann gun fhiosta dhutsa," ars esan. "Bidh," ars esan, "beag an-asgaidh agad dheth."

Chaidh e dhachaigh leatha co-dhiù, agus bha a mhàthair a-staigh cuide ris. Agus dh'iarr e oirre sùil a chumail oirre gus an gabhadh e a bhiadh. Ach ge be dè thàinig ceàrr fhuair ise teicheadh às. Agus nuair a dh'ionndrainn esan i, thill ise air ais agus dh'fhalbh esan às a dèidh, agus fhuair e i fo chraobhan anns an robh ùbhlan a' fàs.

"Carson," ars esan, "a theich thu?"

"Uill, 's e chunna mi a' chraobh ubhal a bha seo," ars ise, "nuair a bha sinn a' dol seachad 's mhiannaich mi iad."

"Uill, ma-thà," ars esan, "cùm thusa," ars esan, "do sgùird."

Agus dh'fhalbh e 's bhuail e an claidheamh air a... air na h-ùbhlan agus leag e sìos chun... chun an làir iad. 'S chùm ise a sgùird a-mach 's esan a' dol a lìonadh an sgùird aice le ùbhlan 's leig e às an claidheamh. 'S nuair leig esan às an claidheamh fhuair ise grèim air a' chlaidheamh agus spàrr i dheth an ceann. Agus bha i an uair sin air na dhà-dheug a robairean air crìoch a chur orra.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Ò uill, tha sin math. 'S cò aig a bha i sin a-nist? Cò aig a chuala sibh i?

DM: Uill, 's ann aig Eòghann Beag ud a chuala mise... am maighstir-sgoile, Ewen MacDonald.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good