Search

Tha Mulad, Tha Mulad Tha Lionn-dubh Orm Fhèin

Track Information

Original Track ID

SA1965.81.B4

Original Tape ID

SA1965.081

Summary

The main lines of this waulking song are addressed to "Margaret of the Wiles" who has slandered the composer. The composer compares her own house where venison is eaten, to that of her accuser, where only the heads and bones of fish can be found.

Item Notes

See:
'Hebridean Folksongs' vol. 3 (John L. Campbell & F. Collinson eds., 1981) p. 100
'Òrain Luaidh Màiri Nighean Alasdair' (K. C. Craig ed., 1949) p. 117

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription


Tha mulad, tha mulad, tha leann-dubh orm fhèin.
Hì rì hoireann ó, hì rì hoireann ó
Tha de mhìngean air m' aire, nì nach aidich mo bheul.
Hì rì ri rì óho ró ho hì hoireann ó

Mun òganach ghasta ùr mharcrach nan steud.
Mun taca seo 'n-uiridh bu thoigh leat m' fhuran thar cheud.

Cha mhùth ort mi 'm-bliadhna no eunlaith nan speur.
Chan innsinn dham phiuthar meud mo chumh' às do dhèidh.

No dhan mhàthair a rug mi, chuir mi 'n cudrom na ceum.
Ach a Mhairead nan cuiread, 's dàna chuir thu orm breug.

Thilg thu ormsa mar aithlis nach b' fhuilear dhomh 'm brèid;
Gun robh leanabh am pasgadh fo asna mo chlèibh.

Cuim' nach innseadh tu 'n fhìrinn mar a dh'innsinn ort fhèin.
Ann an làthair mo Thighearn' far am bithinn 's tu rèidh.

Thilg thu ormsa mar dhearras gun robh m' athair an èis.
Cha b' ionnan dha m' athair 's dha d' athair-sa fhèin.

Cha b' ionnan dhan taighean 'n àm laighe don ghrèin
'S ann a gheibhte 'n taigh d' athair-s' cinn is cnàmhan an èisg.

'S ann a gheibhte 'n taigh m' athair-s' cinn is casan an fhèidh.
'M faca sibh an t-òg uasal a chaidh suas an seo 'n-dè?

Dol a choimhead na gruagaich leis am buannaich e sprèidh.
Dol a choimhead na h-ighinn 's gaol a' chridh' oirre fhèin.

Dhòmhsa b' aithnt' a' chraobh uasal às do ghluaiseadh e fhèin,
Craobh a dh'ùbhlan a' ghàrraidh air do dh'fhàs am meang rèidh.

Ruairidh Òig 'ic Nìll Bharraich, dùrachd fallain nad dhèidh
Tha mulad, tha mulad, tha leann-dubh orm fhèin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good