Search

Cha Till MacCruimein

Track Information

Original Track ID

SA1970.309

Original Tape ID

SA1970.309

Summary

This is the pibroch song 'Cha Till MacCruimein' [MacCrimmon will never return].

Item Notes

This song is believed to be about Donald Bàn MacCrimmon, who was killed during the Rout of Moy, shortly before the Battle of Culloden, on February 18, 1746.

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

[Cluinnear an t-òran seo air a ghabhail dà thuras. Tha seo sgrìobhte bhon dàrna turas.]


('S) Cha till, cha till, cha till MacCruimein,
An cogadh no sìth, cha till e tuilleadh.
Cha till, cha till, cha till MacCruimein,
'S ged thilleadh a' phìob, cha till MacCruimein.

Cha till, cha till, cha till MacCruimein,
'S ged thilleadh MacLeòid, cha bheò MacCruimein.
Cha till, cha till, cha till e tuilleadh,
Cha till gu bràth gu Là na Cruinne.

Mo chùl rid chùl, gun dùil ri tilleadh,
Mo bheul rid bheul, 's na deòir a' sileadh.
Mo chùl rid chùl, gun dùil ri tilleadh,
Mo bheul rid bheul, 's na deòir a' sileadh.

Mo chùl tuilleadh riut, gun dùil tilleadh riut,
Gun dùil tilleadh riut, gun dùil tilleadh riut.
Mo chùl tuilleadh riut, gun dùil tilleadh riut
Mo chùl rid chùl, 's na deòir a' sileadh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good