Search

Òran do Dhroch Bhàillidh

Date 14 August 1975
Track ID 95421
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1975.222.A3

Original Tape ID

SA1975.222

Summary

In this song the bard describes what will happen when the bad factor dies. Nobody will be lamenting his death because he was so bad during the Clearances.

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Uilleam MacMhathain (UM):

An uair a thig an t-eug ort,
Leam fhèin gum b' ait hó raithill ó.

A chotain duibh, o hithillein
'S a thriùbhsair ghlais hó raithill ó.

Cuiridh iad air còmhlaidh thu,
Le d' lèine bhreac hó raithill ó.

A chotain duibh, o hithillein
'S a thriùbhsair ghlais hó raithill ó.

Togaidh sinn air còmhlaidh thu,
Is còmhlan leat hó raithill ó.

A chotain duibh, o hithillein
'S a thriùbhsair ghlais hó raithill ó.

Togaidh sinn gu h-uallach thu
Air guaillibh fhear hó raithill ó.

A chotain duibh, o hithillein
'S a thriùbhsair ghlais hó raithill ó.

Cuiridh sinn san uaigh thu,
'S clach bhuadhach leat hó raithill ó.

A chotain duibh, o hithillein
'S a thriùbhsair ghlais hó raithill ó.

Nuair thèid spaid den ùir ort,
Bidh 'n dùthaich glan hó raithill ó.

A chotain duibh, o hithillein
'S a thriùbhsair ghlais hó raithill ó.

Cha tèid nì air d' uachdar-sa,
Ach buachar mhart hó raithill ó.

A chotain duibh, o hithillein
'S a thriùbhsair ghlais hó raithill ó.

'S a-chaoidh cha chinn an neòinean ort,
No 'm feòirnean glan hó raithill ó.

A chotain duibh, o hithillein
'S a thriùbhsair ghlais hó raithill ó.

Ach cinnidh fòthannan 's feanntag
Air do chnàmhlaich ghlais hó raithill ó.

A chotain duibh, o hithillein
'S a thriùbhsair ghlais hó raithill ó.

Cha bhi gal nam pàistean ann,
No gàirich bhan hó raithill ó.

A chotain duibh, o hithillein
'S a thriùbhsair ghlais hó raithill ó.

Cha bhi banntrach 's truaghain ann,
A' bualadh bhas hó raithill ó.

A chotain duibh, o hithillein
'S a thriùbhsair ghlais hó raithill ó.


Nise, 's ann aig nighean a' mhinisteir a chuala mi siud, Colina NicRuairidh, 's cha chuala mi aig duine riamh ach aice fhèin e. Cha chuala. Agus chan eil sìon a dh'fhios aig an fheadhainn a rinn am MacDonald Collection cò rinn an t-òran. Uill, innsidh mise cò rinn e – Dotair Rathuaidhe, an Dotair MacLachlainn, 's e a rinn e. Agus bha an aoir cho... 's e aoir a th' ann, 's bha an aoir cho uabhasach 's nach do chuir iad dhan an leabhar aige idir e.

Ach seo agad pìos dheth ann a sheo anns a' MhacDonald Collection. Ach innsidh mi dhut far a bheil an text air fad. Tha an text air fad, agus bheir mi dhut an reference an-dràsta ann a sheo – Mac-Talla, volume eleven, page one. Agus 's ann an sin a fhuair mise a-mach cò rinn e. 'S ann an sin a tha e ag innse gur e an Dotair MacLachlainn a rinn an t-òran.

Agus seo agad mar a rinn e e. Rinn e e do dh'fhear MacColla a bha na bhàillidh aig... ann an Àird nam Murchan, agus 's e a chuir na daoine às an fhearann. 'S e a chuir na daoine às an fhearann, 's bha gamhlas mòr na aghaidh a thaobh seo. 'S tha mise a' smaoineachadh gun robh e na bhàillidh aig fear Sir... an e... Sir John... chan eil mi cinnteach nach e John a bh' air, ach 's e Sir John Riddle, tha mi a' smaoineachadh, a cheannaich Àird nam Murchan, agus 's e MacColla bha na bhàillidh aige. Agus tha òran an seo, Òran do Riddle Àird nam Murchan, droch òran eile, agus chan eil iad ag innse cò fear a bh' ann nas motha, cha chreid mi. Ach 's e... 's dòcha gun gabh mi dhut e, ma thogras tu. Ach co-dhiù, thathas a' ràdh sa Mhac-Talla gur e... gur ann ann an ochd ceud deug agus a h-ochd air fhichead a rinneadh an t-òran. Eighteen twenty-eight, 's e.

Tha mi airson beagan a chur ris a sin, 's dòcha ga cheartachadh. Bha mi a' coimhead air a' Mhac-Talla a-rithist, agus chan eil fhios a'm an tuirt mi an-dè gur e bàillidh a bh' ann an Iain MacColla, ach 's e bh' ann ach tuathanach, agus bha tuathanachas Mhingearraidh aige ann an Àird nam Murchan, agus 's ann a mhuinntir Àird na Murchan a bha e, e fhèin. Nise, rud eile a thuirt mi, Sir John Riddle, tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin ceàrr. Bha cuid de dh'Àird nam Murchan, tha mi a' smaoineachadh, aig Sir John Riddle, ach bha cuid eile aig Sir Alexander Murray of Stanhope, agus tha mi a' smaoineachadh far an robh MacColla gur ann air an oighreachd aig a' Mhoireach seo, aig an Ridire Alasdair Moireach a bha e. Agus cha b' e bàillidh a bh' ann idir. Cha eil fhios a'm cò bha na bhàillidh, ach 's e a bh' ann ach bha coinneamh air choreigin ann agus gheall MacColla dha na croitearan gun seasadh e an còraichean, 's an àite sin aig a' choinneimh 's ann a thairgeadh ceithir bailtean do MhacColla mar thuathanach, agus ghabh e ris an tairgse seo, 's nuair a fhuair e na bailtean sin – tha iad air an ainmeachadh anns a' Mhac-Talla, cha ruig mi leas... tha pìos mòr mu dheidhinn sa Mhac-Talla. Ach co-dhiù, nuair a fhuair e còir air na bailtean sin, chuir e na daoine às, sia teaghlaichean air fhichead às. Chan eil fhios agamsa cà 'n deach iad, a Chanada 's dòcha. Ach co-dhiù, bha gamhlas mòr aig na daoine na aghaidh an uair sin, agus 's e sin as coireach, tha mi a' creidsinn, gun do rinn Dotair MacLachlainn Rathuaidhe an aoir uabhasach tha seo dha nuair a bhàsaich e. Agus bhàsaich e an aon bhliadhna ri dealachadh nan eaglaisean, ochd ceud deug dà fhichead 's a trì.

Nise, chuala mise cuid dhen a seo nuair a bha mi ann an Tobar Mhoire. Bha an naidheachd... cha robh a' bhàrdachd aca idir, co-dhiù cho fad 's a dh'fhairich mise, ach bha an naidheachd aca, agus bha iad ag innse dhomh, chun an latha an-diugh, nach eil dad air an uaigh aig MacColla ann an cladh Chille Chomhghain, ach dìreach an ùir ruadh. Nach do... nach do... gun do dh'fhàs feanntag no dhà oirre an toiseach ach mu dheireadh gun do bhàsaich na feanntagan fhèin 's nach eil dad air an uaigh aige an-diugh ri fhaicinn ach ùir ruadh, dìreach mar a bha e anns an aoir, a bheil thu a' faicinn, 's tha iad a' creidsinn seo ann am Muile chun an latha an-diugh.

Iain Peatarsan (IP): Tha mi a' smaoineachadh gur e motif a tha seo.

UM: Ò 's e. 'S e motif a th' ann. Ò 's e.

IP: Chionn tha an aona rud aca mu dheidhinn Iain Dubh Sgitheanaich.

UM: Tha, tha. Ò tha. Ò tha.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good