Search

Hilean a Hilean i

Date 15 August 1975
Track ID 95425
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1975.222.A7; SA1975.222.A8

Original Tape ID

SA1975.222

Summary

In this love song a woman is sad because she is separated from her beloved.

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Uilleam MacMhathain (UM):

Hillean à na hillean ì
Hillean à na hillean ó
Fàill ill èil hug óro ì
Gur seo an tìd' tha fada leam.

Dòmhnallach don tug mi gaol
Dha robh fichead bliadhna dh'aois,
Ged a gheibhinn fearann saor
Gur thus', a ghaoil, a leannain-sa.

O gur mise tha fo ghruaim
Caolas eadar mi 's mo luaidh,
'S nam biodh e na thalamh cruaidh
Gun ruiginn uair san t-seachdain thu.

Nuair a thig an reothadh cruaidh
'S nuair a thig an geamhradh fuar,
Faigh a' mhòine bhon a' chruaich
Cumas i suas an teine dhuinn.

O gur mise tha gu tinn
A-nochd le goirteas mo chinn,
Smaointinn air a' ghille chruinn
A chùm a-raoir bho chadal mi.

Hillean à na hillean ì
Hillean à na hillean ó
Fàill ill èil hug óro ì
Gur seo an tìd' tha fada leam.


Nise, innsidh mi dhut cò aig a dh'ionnsaich mi seo, agus tha mi a' gabhail na facail dìreach mar a bha e aice. 'Cumas i suas an teine dhuinn', tha sin coltach ri Gàidhlig taobh siar Siorrachd Rois. Ach co-dhiù, innsidh mi dhut cò aig a fhuair mi seo, agus bheir mi dhut òran no dhà eile a fhuair mi aice cuideachd. Nuair a bha mi sa Bhlàr Dhubh, Muir of Ord, chuir am maighstir-sgoile gam iarraidh an latha a bha seo, agus nighean le na ceàrdan aige anns an sgoil, aois dusan bliadhna 's Gàidhlig aice, 's òrain aice. Agus chaidh mi dhan an sgoil dhà no trì lathaichean nuair a bha i anns an sgoil, agus chuireadh am maighstir-sgoile a-staigh sinn dhan an rùm aige fhèin, 's thòisich i air gabhail òrain dhomh, 's bha mi a' toirt... bha mi gan toirt sìos, a' toirt sìos na facail, a bheil fhios agad, agus seo fear dhe na h-òrain a bh' aice. Agus tha dà rann ann nach cuala mi riamh ach aice fhèin, Dòmhnallach don tug mi gaol. 'S e bana-Dhòmhnallach a bh' innte. Chan eil sìon a chuimhn' a'm dè chiad ainm a bh' air an nighinn, ach 's ann dhe na Dòmhnallaich a bha i.

Iain Peatarsan (IP): 'S ann a bha mi a' dol a ràdh, saoil an e Stiùbhartach a bh' innte?

UM: Chan e. 'S ann a... Ach tha amharas agam gur e... Bha mi a' faighneachd dhi cò aig a bha i ag ionnsachadh nan òran. Bha i a' ràdh, "Tha aig mo sheanmhair," agus tha cuimhn' agam air a seanmhair, agus tha mi a' smaoineachadh gur e tè dhe na Stiùbhartaich a bha na seanmhair, agus 's ann aicese a bha i ag ionnsachadh nan òran. Agus tha dà cheathramh ann nach d' fhuair mi an àite sam bith eile, agus ò tha an ceathramh ud, tha mi a' smaoineachadh gur e cuideigin a rinn suas e, chan eil gnothach sam bith aige ris an òran, 'Nuair a thig an reothadh cruaidh, faigh a' mhòine às a' chruaich, cumas i suas an teine dhuinn', a bheil fhios a'd. Ach co-dhiù, 'Dòmhnallach don tug mi gaol', tha sin coltach ris. Ach chumadh ise cuimhn' air an sin... chumadh ise cuimhne air an sin a chionn 's gur e bana-Dhòmhnallach a bh' innte fhèin.

Ach a-nis, tha mi a' dol ga ghabhail dhut a-rithist a chionn bha e aig piuthar mo mhàthar, agus tha mi airson a thoirt dhut a-rithist.

Hithillein na hillean ì
Hithillein na hillein ó
Fàill ill èil' hùg ó ró i
Gu dè nì mi mur faigh mi thu?

O gur mise tha fo ghruaim
Caolas eadar mi 's mi luaidh,
'S nam biodh e na rathad cruaidh
Gun ruiginn uair san t-seachdain thu.

O gur mise tha gu tinn
A-nochd le goirteas mo chinn,
Smaointinn air a' ghille chruinn
A chùm a-raoir bho chadal mi.

'S mise thug seachad an gaol
Cheangaileadh na clachan gun aol,
'S mura faigh mi ri do thaobh
An ciste chaol a laigheas mi.

Chunna mi aisling às ùr
Eadar mo chadal 's mo dhùisg,
An gille donn is guirme sùil
Toirt ùbhlan air a' phathadh dhomh.

Oidhche na Bliadhn' Ùir a th' ann
'S beag mo shunnd ri dhol a dhanns',
Bho nach eil mo leannan ann
Gur annas sannt a' chadail orm.

Hithillein 's na hillean ì
Hithillein na hillein ó
Fàill ill èil' hùg ó ró i
Gu dè nì mi mur faigh mi thu?

Nise, siud mar a bha e aig piuthar mo mhàthar, agus bha dà rann a bh' aig an nighinn òig a bha seo anns an òran aig piuthar mo mhàthar cuideachd, agus dà rann aice nach robh aig piuthar mo mhàthar, ach trì rainn a bh' aig piuthar mo mhàthar nach robh aig an nighinn a chunna mi anns a' Bhlàr Dhubh. Agus chan eil gin dhe na rainn idir cho fad 's as lèir dhomh anns a' MhacDonald Collection. 'S e rainn tur eadar-dhealaichte a tha sa MhacDonald Collection. Tha e coltach co-dhiù gun robh seo a' dol ann an Siorramachd Rois agus ann an Leòdhas, an dòigh seo air an òran a ghabhail.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good