Search

Hiuraibh O Hoireann

Date 30 October 1975
Track ID 95428
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1975.222.B2

Original Tape ID

SA1975.222

Summary

In this love song a woman is sad because she is no longer with her beloved. She praises him and tells that he went to Ireland, but that he never returned.

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Uilleam MacMhathain (UM):

Hiùraibh ì hoireann hoireann
Hiùraibh ì hoireann à
Hiùraibh ì och is èileadh
Leam a b' èibhinn d' fhaicinn slàn.

Mun do dh'fhàg thu tìr do dhùthchais
Thug mi rùn dhut agus gràdh
B' fheàrr dhomh nach fhaca mi riamh thu
Dh'fhàg thu ann am chliabh am bàs.

Chuir iad thu air tìr an Èirinn
B' uallach do cheum air an t-sràid
Chuir iad umad deis' an t-saighdeir
'S bu tu 'n daoimean am measg chàich.

Ged nach robh thu àrd on talamh
Bha thu pearsant' air an làr
Bha thu dìreach, bachlach, dualach
Mar an luachair suas a' fàs.

Nuair a thèid mi chun na mòintich
Bidh mo dheòir a' ruith gu làir
'S ged a lìonadh iad mo bhrògan
Cha leig mi mo dhèoin ri càch.

Nochdadh ri beanntan na Hearadh
Cromadh ri fearann na Pàirc
Cianalas a' tighinn air m' aire
'S gaol mo leannain a' dol bàs.

Ged a thigeadh triùir san oidhche
'S mi nach tugadh dhaibh mo làmh
'S mi nach tugadh dhaibh an coibhneas
Gheibheadh Saighdear Chaluim Bàin.


Iain Peatarsan (IP): Siuthad ma-thà.

UM: Uill, chuala mi seo aig piuthar mo mhàthar an toiseach, agus chuala mi aig iomadach duine eile on uair sin e. Chuala mi aicese e, agus nam biodh fhios a'm gun robh mi a' dol ga recording, bha mi air coimhead air na notes agam, a chionn tha mi a' smaoineachadh gun robh rann no dhà eile ann air nach eil cuimhn' a'm an-ceartuair. Bha rann ann a' crìochnachadh: 's iomadh struthan dhan a' chuan, a th' eadar mi 's mo luaidh nach tràigh. 'S chan eil sìon a chuimhn' a'm an-ceartuair ciamar a tha sin a' tòiseachadh, ciamar a tha an rann sin a' tòiseachadh. Tha rann air choireigin eile aig an deireadh aige cuideachd. Ach co-dhiù, tha rainn gu leòr an siud.

Ach seo agad an gnothach. Cha robh fhios agamsa riamh mu dheidhinn an òrain a bha seo ach dìreach gur e òran a bh' ann am measg òrain eile a bh' aig piuthar mo mhàthar, ach air an rèidio chuala mi tè ga sheinn à Toronto, nighean Leòdhasach, ach chaidh i còmhla ri... ris an teaghlach air imprig a Thoronto. Chan eil cho buileach fada bhuaithe, cha chreid mi. Agus bha rann seo aicese a chuir mi ann aig an deireadh nach robh aig piuthar mo mhàthar idir mu dheidhinn: 's mi nach tugadh dhaibh an coibhneas gheibheadh Saighdear Chaluim Bàin. Agus nuair a chuala mise seo, tha fhios agamsa cò bh' ann an Saighdear Chaluim Bàin; fear a bha càirdeach dhomh fhèin.

IP: Sheadh?

UM: Tha. Innsidh mi dhut cò e. Seanair mo sheanar, 's e Dòmhnall Òg a chanadh iad ris, Dòmhnall Òg... Dòmhnall Òg mac Dhòmhnaill mhic Iain, agus Dòmhnall Bàn...

IP: An ann air taobh...

UM: Taobh m' athar.

IP: Taobh d' athar.

UM: Clann 'ic Mhathain. Clann 'ic Mhathain. Dòmhnall Òg mac Dhòmhnall 'ic Iain, agus bha Saighdear Chaluim Bàin, b' e sin Dòmhnall Bàn mac 'ille Chaluim. Uill, 's e Dòmhnall Bàn mac 'ille Chaluim, ach 's e Calum Bàn a chanadh iad ri athair, ach 's e Dòmhnall Bàn mac 'ille Chaluim a chanadh iad ris-san. Co-dhiù, Dòmhnall Bàn mac 'ille Chaluim mhic Iain, e fhèin 's Dòmhnall Òg, seanair mo sheanar, clann an dà bhràthar. Agus chaidh e na ghille òg, ghabh... cha b' e na Sìophortaich idir na chiad saighdearan a dh'fhalbh... chiad saighdearan a dh'fhalbh à Leòdhas. Cha robh fhios agamsa air a seo an toiseach idir, ach chaidh saighdearan a thogail ann an Leòdhas ann an seachd ceud deug dà fhichead 's a h-ochd-deug, seventeen fifty-eight, agus chaidh an togail ann... Sin... sin, tha mi a' smaoineachadh, a' chiad fheadhainn dhe na Gàidheil a bha riamh anns an Arm thall fairis co-dhiù, co-dhiù às aonais... às aonais an Fhreiceadain Dhuibh, a bheil fhios a'd. Ach co-dhiù, à Leòdhas co-dhiù, siud... siud a' chiad fheadhainn.

'S bha iad... agus bha fear a bha seo, agus tha beachd agam air duine no dithis eile à Leòdhas a bh' ann cuideachd. Bha iad... bha iad aig... bha iad aig Sèist Louisburg, Siege of Louisburg, seachd ceud deug dà fhichead 's a h-ochd-deug, 's bha iad Sèist Chùibeag, Siege of Quebec, còmhla ri Wolfe, 's bha iad a-rithist ann am Montreal, 's bha Dòmhnall Bàn mac 'ille Chaluim seo... chan eil fhios a'm... 's ann anns an dà fhicheadamh rèisimeid a bha iad. Chan eil fhios a'm ciamar, ach bha feadhainn dhe na Gàidheil anns an rèisimeid a bha sin co-dhiù agus bha esan annta.

Agus aon dearbhadh a tha ga mo dhèanamh cinnteach gur e seo an aon duine 's a tha air ainmeachadh anns an òran, seall mar a tha e a' ràdh, "Chuir iad thu air tìr an Èirinn". Nise tha dearbhadh agam bho eachdraidh, an fheadhainn a chaidh a thogail aig an àm a bha seo, gur ann a dh'Èirinn a chaidh iad an toiseach. 'S ann a dh'Èirinn a chaidh iad a dhèanamh an trèanaigeadh, mar gun canadh tu, mun deach iad a-null fairis a dh'Ameireaga, a bheil thu a' faicinn. 'S mar sin tha ùidh mhòr agam anns an òran a tha seo.

Nise, bha an nighean a bha seo ann an Toronto a' ràdh gur e sinn-seanmhair a màthar no rudeigin a rinn an t-òran 's bha mi a' feuchainn ri fhaighinn a-mach cò i, ach tha e gu math doirbh. Tha uiread de shinn-seanmhairean aig duine 's nach eil e furasta dhèanamh a-mach, ach 's e an t-amharas a th' agam gur e tè a mhuinntir Eilean Bheàrnaraigh a bh' ann - Beàrnaraigh Leòdhais, bheil fhios a'd - agus gum biodh iad a' coinneachadh air an àirigh, a chionn bha am fear sa, 's ann a mhuinntir Bhaltois a bha e, 's bha àirighean Bhaltois agus àirighean Bheàrnaraigh glè dhlùth air a chèile, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil i a' cuimhneachadh air an duine nuair a tha i a' dol a-mach chun na h-àirigh. Seo mar a tha i a' ràdh, "Nochdadh ri beanntan na Hearadh, cromadh ri fearann..." Sin a' dol a-mach chun na h-àirigh. A' dol a-mach chun na h-àirigh, a bheil thu a' faicinn.

Agus bha an duine bh' ann, dh'fhalbh e aig aois ochd bliadhn' deug. Ochd bliadhn' deug, 's cha dèanadh e an gnothach leis nuair a bha seachd bliadhna suas, tilleadh dhachaigh, 's an tè a tha seo a' feitheamh ris. 'S ann a ghabh e anns an Arm a-rithist nuair a thogadh na Sìophortaich. Ghabh e anns an Arm a-rithist, 's bha e anns na h-Innseachan, agus bha e leth-cheud bliadhna mun d' fhuair e dhachaigh, 's bha an tè bha seo air dùil a thoirt fairis. Phòs i fear air choreigin eile, a bheil thu a' faicinn.

'S tha fhios a'm cò phòs esan, agus phòs e aig aois còrr... aois còrr 's leth-cheud bliadhna, agus bha teaghlach mòr aca, agus bha e beò... ràinig e aois mhòr. Tha fhios a'm gun robh e beò ann an ochd ceud deug 's a ceithir air fhichead, eighteen twenty-four. Uill, bhiodh e còrr math 's ceithir fichead an uair sin. 'S bha teaghlach mòr aige 's a' bhanntrach, 's bha... bha a' bhanntrach agus... chan e ach a' bhean aige agus a' chlann airson a dhol a-null a Cheap Breatainn. Cha deigheadh esan ann. Bha e a' ràdh gum bàsaicheadh e 's gum biodh e air a thiodhlacadh ann an Leòdhas.

Ach cho luath 's a bhàsaich e, dh'fhalbh a' bhanntrach 's an teaghlach air fad a-null, agus tha sliochd aca ann an Ceap Breatainn aig àite ris an can iad Little Narrows, ann an Ceap Breatainn chun an latha an-diugh. Chun an latha an-diugh. Sin agad a-nis am fear dhan do rinneadh an t-òran.

An t-òran a th' anns a' MhacDonald Collection, tha mi a' smaoineachadh gu bheil dà òran air a dhol am measg a chèile, a chionn tha òran eile - faodaidh mi an t-òran sin a thoirt dhut uaireigin cuideachd - tha òran eile ann anns a bheil an rann a tha seo:

Nam biodh agam... 'S e a chuala mise:

Nam biodh agam bàta biorach,
Seisear ghillean air chùl ràmh,
Rachainn a-null thar na linne,
Feuch a bheil an nighean slàn.

Chan e... tha e an seo, 'an gille slàn'. Mar a chuala mise an t-òran, 'Nam biodh agam bàta biorach', 's e th' ann ach fireannach a tha a' dèanamh an òrain, a' dol a choimhead air boireannach, 's tha na dhà air a dhol am measg a chèile. Ach 's e pìos dhen an òran Leòdhasach leis a bheil e a' tòiseachadh, agus tha e a' crìochnachadh aig, "Nam biodh agam bàta biorach", 's cha bhuin sin dhan òran Leòdhasach. Chan e an aon òran a th' ann idir.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good