Search

Cha Till MacCruimein

Date 18 November 1975
Track ID 95432
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1975.222.B6

Original Tape ID

SA1975.222

Summary

In this pibroch song the composer says that MacCrimmon will not return.

Language

Gaelic

Genre

Song

Collection

SoSS

Transcription

An t-Urr. Uilleam MacMhathain (UM):

Cha till, cha till, cha till MacCruimein.
Cha till, cha till, cha till MacCruimein.
Cha till, cha till, cha till MacCruimein.
MacCruimein 's a phìob, cha till e tuilleadh.

Mo chùl, mo chùl, mo chùl rim chruinneig.
Mo chùl, mo chùl, mo chùl rim chruinneig.
Mo chùl, mo chùl, mo chùl rim chruinneig.
Mo chùl ris an Dùn gun dùil ri tilleadh.

Cha till, cha till, cha till MacCruimein.
Cha till, cha till, cha till MacCruimein.
Cha till, cha till, cha till MacCruimein.
MacCruimein 's a phìob, cha till e tuilleadh.

'S ann ann am Port Rìgh a dh'fhàg mi mo chruinneag.
'S ann ann am Port Rìgh a dh'fhàg mi mo chruinneag.
'S ann ann am Port Rìgh a dh'fhàg mi mo chruinneag.
Mo thriùir nighean donn, 's mo chòignear ghillean.

Cha till, cha till, cha till MacCruimein.
Cha till, cha till, cha till MacCruimein.
Cha till, cha till, cha till MacCruimein.
MacCruimein 's a phìob, cha till e tuilleadh.

Dol sìos, dol sìos, dol sìos dhan iomairt,
Dol sìos, dol sìos, dol sìos dhan iomairt,
Dol sìos, dol sìos, dol sìos dhan iomairt,
Bha fear air a' bhlàr 's fhuil bhlàth a' sileadh.

Cha till, cha till, cha till MacCruimein.
Cha till, cha till, cha till MacCruimein.
Cha till, cha till, cha till MacCruimein.
Nuair thilleas MacLeòid, cha bheò MacCruimein.


Iain Peatarsan (IP): Seadh a-nise, dè th' agad ri ràdha mu dheidhinn...

UM: 'S ann aig mo mhàthair a bha siud.

IP: Aig do mhàthair.

UM: 'S ann. Agus chan eil mòran agam ri ràdh mu dheidhinn ach sin, ach, 'Dol sìos dhan iomairt, bha fear air a' bhlàr 's fhuil bhlàth a' sileadh', tha sin an co-cheangal ris an naidheachd gun robh an dà-shealladh aige, agus gur e e fhèin a bha e a' faicinn na shìneadh air a' bhlàr, a' sileadh air a chreuchdan, agus gur ann air an adhbhar sin a rinn e a' phìobaireachd, a bheil fhios a'd. Gun robh fhios aige nach tilleadh e. Agus a rèir eachdraidh, cha chuala mi seo aig mo mhàthair, ach tha fhios a rèir eachdraidh gur ann ri linn Bliadhna Theàrlaich a thachair seo. Mar a chanas iad, an Rout of Moy. Agus 's e an aon duine a chaill a bheatha anns an Rout of Moy, 's e Dòmhnall Bàn MacCruimein seo. Dòmhnall Bàn an t-ainm a bh' air an duine. Agus co-dhiù 's e e fhèin a rinn na facail seo no nach e, 's dòcha nach e, ach co-dhiù chaidh na facail a chur ris a' cheòl a dh'innse... a dh'innse mar a thachair. Mar sin... uill mas e e fhèin a rinn na facail, tha e a' dearbhadh gun robh... tha e a' dearbhadh gun robh an-dà shealladh aige. Ach a-rithist dh'fhaodadh e bhith gun robh iad a' ràdh gun robh an dà-shealladh aige, agus gun do rinn cuideigin suas na facail gus a bhith air rèir sin. Chan eil fhios againne. Chan eil.

IP: Agus chan eil sìon a dh'fhios agad mun a' cheòl?

UM: Chan eil. Ò tha pìobaireachd ann. Ò tha. Tha seo car coltach ris an ùrlar, bheil fhios a'd. Ach dh'fhaodainn a ràdh, na facail as àbhaist dhaibh a bhith a' seinn, 's e tha sin ach facail a chaidh a dhèanamh suas. Tha mi a' smaoineachadh gur e Caraid nan Gàidheal a rinn... agus aon rud tha a' dearbhadh gur e facail fhuadain a th' ann, tha, bheil fhios a'd, na facail tha a' dol còmhla ri pìobaireachd an-còmhnaidh, tha mòran de dh'ath-aithris air sreathan ann, bheil fhios agad. Mar as trice tha thu ag aithris aon shreath trì uairean, agus an uair sin sreath ùr anns a' cheathramh sreath. Facail ùr anns a' cheathramh sreath. Nise, na facail a gheibh thu anns na leabhraichean, chan eil sìon a choltas aige ris - 's ann a tha e coltach ri òran, le fonn agus... agus, bheil fhios a'd, ceathrannan, agus 's ann anns an naoidheamh ceud deug a rinneadh sin. 'S tha dà sheòrsa dhe na facail Ghàidhlig ann mar siud. Agus tha mi deimhinne gur e Caraid nan Gàidheal a rinn an dara seòrsa. Chan eil mi buileach cinnteach cò rinn an seòrsa eile, ach co-dhiù 's e seo... 's e... chan eil duine... chan eil duine on d' fhuaras seo o bheul-aithris aig a bheil facail mar a tha anns na leabhraichean. 'S e th' aca ach facail le mòran de dh'ath-aithris. A h-uile duine, ge brith cò bhuaithe a gheibh thu e, tha ath-aithris 's ath-aithris 's ath-aithris dhe na facail ann, a bheil thu a' faicinn, agus 's e sin an rud ceart.

IP: Agus a-nise, a bheil dad a dh'fhios agad, saoil, cò bhuaithe on d' fhuair do mhàthair e?

UM: Ò chan eil sìon a dh'fhios a'm. Och bha e a' dol [???], bheil fhios a'd. Bha e aig mòran ann an Leòdhas. Tha e aig mòran ann an Leòdhas, tha seòrsa air choreigin dheth. Tha.

IP: Ach 's ann às an Eilean Sgitheanach a thigeadh e air thùs.

UM: Ò 's ann. Uill, bha iad ag aithneachadh sin leis mar a bhathar a' ràdh mu dheidhinn, "'S ann ann am Port Rìgh a dh'fhàg mi mo chruinneag." Bha. 'S ann ann am Port Rìgh a dh'fhàg... Ò tha cuimhn' a'm a-nis, ge-tà, cò aige a chuala mo mhàthair e. 'S ann aig mo sheanair. 'S ann. Tha cuimhn' a'm a-nist. 'S ann... bha i a' ràdh gur ann aig a h-athair a... Cha chreid mi nach biodh e ga ghabhail leotha nuair a bha iad beag, air a ghlùin. Sin agad e. 'S ann aig a h-athair a chuala i e. 'S ann. Shin agad e.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good