Search

Dealan-dè

Interviewers
Date 07 April 1992
Track ID 99141
Part 1

Track Information

Original Tape ID

DealanDe 1992.04.10 Reel267

Summary

Years spent teaching in the same school.

Jean Stewart, who spent close to thirty years teaching in Kallin School, talks about her work. She talks about the school and the classroom, the changes in teaching methods over the years, and how Grimsay changed in that time. She also describes how she felt the day the school closed for the last time.

Recording Location

County - Inverness-shire

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - North Uist

Island - Grimsay

Village/Place - Kallin

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Sìneag Stiùbhart (SS): Nuair a thàinig mi an seo an toiseach bha latha brèagha samhraidh ann. Samhradh teth, teth a bh' ann am fifty-five. Chaidh a ràdh rium gun robh an sgoil ann an droch shuidheachadh, agus gu h-àraid an taigh-còmhnaidh, 's nach robh e freagarrach airson fuireach ann idir 's gum feumainn àite-fuirich fhaighinn. Thàinig mi a-mach co-dhiù 's fhuair mi àite-fuirich, ach nuair a dh'iarr mi e, thuirt am boireannach rium:

"Chan eil mi a' smaointinn gum bu chòir dhut rud a dhèanamh cinnteach gus am faic thu an taigh-sgoile an toiseach, a chionn 's chan eil mise a' smaointinn gu bheil an taigh-sgoile idir mar a thathar ag ràdh riut."

'S thàinig mi timcheall ann a shin 's chunna mi an taigh beag a b' àille anns a' ghlaic thall ann a shin 's e cho snog. Agus nuair a chunna mi e, thuirt mi:

"Uill, seo agad far a bheil mi gus a bhith."

'S cha robh dad ceàrr air an sgoil no air an taigh-chòmhnaidh. Agus thòisich mi ann a shin an uair sin.

Seonag Monk (SM): An e aon chlassroom mòr a bh' ann?

SS: Aon chlassroom mòr, uinneagan mòr-thimcheall air, agus e cho blàth - teine guail ann - 's e cho cofhurtail. Cha robh mi riamh a' teagasg ann an rùm a bha cho inntinneach ris.

SM: Cò mheud bliadhna a chuir sibh seachad a' teagasg ann an Sgoil nan Ceallan?

SS: Uill bha mi ceithir bliadhna ann an toiseach. Bha mi dà bhliadhna ann mun do phòs mi. Phòs mi an uair sin, agus ann am fifty-nine, bha mi a' toirt suas, bha dùil a'm ris a' chiad duine-cloinne. Bha dùil againn taigh a thogail am Beinn na Fadhla aig an àm ach chaidh sin nar n-aghaidh, agus on a bha sinn a' toirt suas an taigh-chòmhnaidh, fhuair sinn obair ann an Neag. Fhuair an duine agam obair a' cìobaireachd ann an Neag. Ach bha mi a' teagasg Gàidhlig dà latha as t-seachdain ann a shineach.

Dh'fhan sinn bliadhna ann agus an uair sin fhuair sinn croit ann a sheo anns na Ceallan 's thill sinn dhachaigh gu [?Leac Dhubh-sìth]. Ach bha sin ann an sixty-one... ann an sixty. Bha mi an uair sin gu sixty-three a' dèanamh teagasg pàirt-ùine, an siud 's an seo, agus rugadh an dàrna duine dhen chloinn an uair sin.

An uair sin, bha mi fad ràithe ann an Sgoil Ghriomasaigh, agus ann an sixty-three bha Sgoil nan Ceallan falamh a-rithist, agus fhuair mi an obair air n-ais. Dh'fhan mi an sin an uair sin gus an deach an sgoil a dhùnadh ann an eighty-eight.

SM: Nist, bhiodh sibh, tha mi a' creidsinn, a' faicinn atharrachaidhean gu leòr a' tighinn air an àite anns na bliadhnachan a bha sineach? An-diugh, saoilidh mi, tha barrachd airgid mun cuairt, 's dòcha, 's tha telebhisean air a bhuaidh fhèin a thoirt air a chloinn. An robh sibhse a' faicinn atharrachaidhean a' tighinn orra?

SS: Ò uill, bha. An toiseach nuair a thàinig mi ann a sheo cha robh dealan idir ann, agus cha robh TV ann, agus bha a' chlann a' cur seachad ùine ri fealla-dhà dhaibh fhèin. Bha iad uile glè mhath dheth ann, a' chlann air an deagh chumail, agus cha robh dìth sam bith orra. Ach nuair a thàinig an TV chuireadh tu uibhreachd nach robhar a' dèanamh uimhir obrach a-staigh 's a b' àbhaist.

SM: Dè an rud bu duilghe mu dheidhinn a bhith a' teagasg ann an sgoil bheag mar a bha Sgoil nan Ceallan?

SS: Uill bha thu air falbh leat fhèin. Bha sin... an toiseach, nuair a thàinig mi ann, cha robh rathad timcheall an eilein. Bha frith-rathad air an taobh a deas, agus cha robh ach pìos de rathad air an taobh a tuath dhen eilean. Bha thu air do ghearradh dheth. 'S e aiseag bu mhotha a bhite a' cleachdadh, agus fhuair mi e gu math aonranach an dèidh tighinn às a' bhaile mhòr an toiseach, ged a bha mi gu math toilichte ann. Ach fhad 's a bha mi a' teagasg ann, thàinig rathad timcheall an eilein, thàinig mòran atharrachaidhean air an àite. Ann an sixty-six bha an rathad cho fada ris an sgoil, 's gheibheadh tu air falbh le càr às, sìos an taobh a deas. Dh'fhosgladh an uair sin ponds nan giomach thall an sineach, 's chaidh cidhe mòr a thogail. Atharrachaidhean gu leòr air a bhith ann.

SM: Nist, tha mi a' creidsinn nuair a thòisich sibhse air teagasg, bha dòigheannan teagasg diofraichte seach mar a tha iad an-diugh. Nuair a thigeadh a' chlann dhan chlas dh'fheumadh iad suidhe socair san treast 's cha robh math dhaibh gluasad a-mach às, 's bha 's dòcha an t-eagal aca bhon tidsear. Chan eil sin fìor an-diugh. Tha a' chlann nas toilichte, 's dòcha, anns an sgoil. A bheil sibh a' smaointinn?

SS: Ò tha, tha sin fìor. Bha iad gu math ceangailte an toiseach, 's chan e rud math a th' ann. A' coimhead air n-ais a-nist air na bliadhnaichean a chaidh seachad, tha e cho math gun do dh'fhalbh an latha sin. Chan eil an t-eagal aig a' chloinn bhuat anns an aon dòigh an-diugh. Agus bha, man tuirt iad, am belt air a chleachdadh gu mòr, 's a' coimhead air n-ais an-diugh, 's ioma latha a chaidh a chleachdadh nach ruigte a leas. Chan fhaodar a chleachdadh an-diugh, agus tha thu a' faighinn air n-aghaidh a cheart cho math.

SM: 'S a-nist mu dheidhinn dòigheannan teagasg, atharrachaidhean gu math mòr air a thighinn air sin cuideachd. Tha feadhainn a dhaoine a' smaointinn gu bheil dòigheannan ùra as fheàrr seach na seann dòigheannan, air a bhith ag ionnsachadh leughadh 's sgrìobhadh dhan a' chloinn. Dè tha sibh a' smaointinn?

SS: Uill, bha na seann dòighean glè mhath, ach tha mi a' smaointinn gu bheil iad ag ionnsachadh cus, cus a bharrachd ann an suidheachadh a tha gu math, gu math nas toilichte dhan chloinn na bha anns na seann lathaichean. Tha iad ag ionnsachadh, saoilidh mi, an-diugh a thaobh 's gu bheil iad airson ionnsachadh. Chan ann 's mar a bha iad anns na seann lathaichean - ionnsaicheadh tu, no bheir mise ort gun ionnsaich thu.

SM: A bheil sibh a' smaointinn, ge-tà, gum feum measgachadh a bhith ann dhe na seann dòigheannan 's na dòigheannan ùra?

SS: Ò bha feadhainn dhe na seann dòighean glè mhath cuideachd. Chan eil mi a' cur às dhaibh sin idir. Bha feadhainn dhe na seann dòighean glè mhath, 's iad a bha. Ach bha mise a' faighinn an teagasg na bu shocraiche deireadh gnothaich.

SM: Tha sgoil bheag nan Ceallan an-diugh dùinte - chan eil clann innte - ged a bha a' choimhearsnachd airson gum fanadh i fosgailte. 'S e latha duilich dhuibh, tha mi a' creidsinn, a bh' ann, an latha a chaidh a dùnadh?

SS: Ò 's e latha duilich dha-rìribh a bha sin. Nuair a chaidh an sgoil fhalamhachadh chaidh a h-uile sìon a thoirt aiste, pàirt dheth a chur suas a Chàirinis far an robh sinn fhìn a' dol, 's tuilleadh dhen an stuth a chaidh a chur a-null a Sgoil Chnoc na Mònadh, agus nuair a bha a h-uile sìon air a ghlanadh a-mach, feumaidh aideachadh gun deach mi a-staigh agus gun robh mi a' caoineadh leam fhìn ann a shineach. Ach thàinig an t-atharrachadh 's chaidh sinn a Chàirinis, 's gu dearbh tha mi air a bhith toilichte an sin. Bha... thuig mi a' chuideachd a bha gam dhìth leam fhìn anns na Ceallan nuair a chaidh mi a Chàirinis. Fhuair sinn air n-aghaidh uabhasach math 's tha mi air a bhith uabhasach fhèin toilichte am measg na... an luchd-teagaisg eile ann an Càirinis.

SM: Nist, tha sibh a-nist air ur dreuchd a leigeil dhibh. Dè tha sibh a' dol a dhèanamh leis an ùine a bhios agaibh?

SS: Uill tha mi a' creidsinn gum faigh mi rud ri dhèanamh gun teagamh. Tha iad a' cur a h-uile sìon mum choinneimh a-staigh ann a sheo an-dràsta - briogaisean a chàradh, stocainnean a chàradh, 's gnothaichean mar sineach - ach chan eil mi a' smaointinn gu bheil mi ullamh dhe m' obair fhathast. Tha mi am beachd tuilleadh eadar-theangachadh a dhèanamh. Bha mi air falbh bhon tidseadh airson dà bhliadhna gu leth, ag eadar-theangachadh sreath matamataigs agus chan eil i ullamh fhathast, so bidh mi a' cur crìoch air a sineach, agus tha mi a' smaointinn gum bi grunn rudan beaga eile mar sineach agam ri dhèanamh.

SM: Am measg chloinne, tha mi a' creidsinn gum bi sibh an-còmhnaidh a' faighinn gàire no dhà. A bheil sgeulachd bheag èibhinn sam bith ann air a bheil cuimhne agaibh?

SS: Uill, tha e a' tighinn gu m' inntinn an-dràsta, on as e àm na Càisge a th' ann, nighean bheag a bh' anns an sgoil a thug gàire orm. Bha sinn a' bruidhinn air cur sìos gur, agus bha mi fhìn a' smaointinn gur mi bha air an gnothach a theagasg gu dòigheil, ceart, agus thuirt mi rithe:

"Nist, nan cuireadh tu sìos uighean bho chirc, dè bhiodh agad ann an trì seachdainean?"

"Please, Miss," ars ise, "bhitheadh scrambled eggs."

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good