Search

Nighean an treabhaiche a phòs mac an uachdarain.

Date November 1965
Track ID 99687
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1965.119.A2

Original Tape ID

SA1965.119

Summary

The ploughman's daughter marries a lord's son.

A ploughman's daughter falls in love with a lord's son and has to leave for America. She goes into service with a banker where she finds the corpse of his previous wife. She also finds gold and silver. She escapes with the money and is hidden by a captain of a ship in his topsails. She marries the lord's son, puts him to work, and buys the estate for him with her hidden money.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Aonghas MacIllFhialain: An t-uachdaran a bha seo, bha treabhaiche aige air an fhearann, agus bha nighean uabhasach brèagha aig an treabhaiche, agus cha robh aig an uachdaran ach an aona ghille. Agus bhiodh e a h-uile h-oidhche an taigh an treabhaiche, às dèidh na h-ighinn.

Fhuair an seo athair a-mach gun robh a mhac, nach robh e a' carachadh à taigh an treabhaiche, a' suirghe air an nighinn. Agus chuir e fios air an treabhaiche, 's dh'fhaighneachd e dheth gu dè bha a' toir dha bhith a' gabhail ri a mhac-san, gun robh fhios aige glè mhath nach bu mhaidse dha a nighean-san.

"An-tà," ars an treabhaiche, "gu dè an cothrom a th' agamsa air a sin?" thuirt esan.

"Ò uill, ma-thà, bidh a chothrom agad air," ars esan, "'s cha bhi thu an seo nas fhaide na an teirm," ars esan, "agus bidh thu a' coimhead airson àite eile," ars esan. "Thu fhèin 's i fhèin."

Chaidh an treabhaiche dhachaigh 's bha e uabhasach... 's dh'innis dhan mhnaoi 's dhan nighinn an turas a bha dha, 's gum feumadh e a-nist falbh gun fhios cà 'n rachadh e.

"An-tà," ars ise, "ma bha e a' tighinn an seo," ars ise, "cha robh mise ag iarraidh air tighinn ann," ars ise, "agus carson nach do chùm... no ga chumail aige," ars ise, "agus mas e mise as coireach ris a sin," ars ise, "falbhaidh mise, ma-thà," ars ise, "agus cha ruig sibhse a leas carachadh."

'S ann a rinn an nighean deiseil airson tarraing, agus na bh' aice a dh'aodach chuir i ann am baga e, agus dh'fhalbh i gu ruige Glaschu. Agus bha saothach ann a shin a bha a' dèanamh deiseil airson falbh a-null gu ruige Ameireaga, agus chaidh i far an robh an sgiobair feuch am faigheadh i a-null gu ruige Ameireaga. Agus thuirt i ris nach robh mòran airgid aicese ann, ach gum b' fheudar dhi an taigh fhàgail air sàillibh mac an uachdarain.

"An-tà, leabhra," ars esan, "ma-thà," ars esan, "bheir mise ceabain passage dhut a-null an-asgaidh," ars esan, "on tha an gnothach," ars esan, "cho cruaidh siud ort," ars esan.

Chaidh i a-null leis an sgiobair gu ruige Ameireaga, agus nuair a ràinig iad thall thuirt esan rithe:

"Uill," ars esan, "cha ruig thu a leas a dhol air tìr a-nochd," ars esan, "gus a-màireach," ars esan.

Làrna-mhàireach thuirt e rithe:

"Uill," ars esan, "tha mi a' smaointinn," ars esan, "gum bu chòir oifis a bhith an seo airson luchd-seirbheis," ars esan. "Cha ruig thusa a leas a dhol a-mach," ars esan. "Tha mi a' dol a-mach feuch am faic mi," ars esan, "a bheil oifis ann," ars esan.

Chaidh an sgiobair a-mach, 's bha e a' siubhal, 's cha robh e a' faicinn coltas oifis no sìon. Thachair an seo marcraiche ris 's e air muin eich. Bhruidhinn e ris. Aithnichidh a h-uile fear fear-mara air aodach. Dh'fhaighneachd e dheth cuin a thàinig e a-staigh dhan phort a bha seo.

"Thàinig mi a-staigh anmoch a-raoir," ars an sgiobair.

"An robh pasaindearan agaibh a' tighinn a-nall?" ars esan.

"Ò cha robh," ars esan, "ach aon nighean a bha a' tighinn airson cosnadh," ars esan.

"Ò nach bochd nach robh mi beagan na bu tràithe," ars esan. "'S ann a' coimhead airson searbhanta a tha mise, ma-thà," ars esan, "agus an t-searbhanta a bh' agam," ars esan, "phòs i," ars esan, "'s tha mi gun duine agam fhìn," ars esan.

"An-tà," ars an sgiobair, "tha i agamsa air bòrd fhathast," ars esan, "ma chòrdas sibh fhèin."

"God bless me," ars esan, "chan eil fhios a'm nach eil mi lucky fhathast," ars esan. "An-tà, ma-thà," ars esan, "bheir mise dhi tuarastal," ars esan, "cho math 's a gheibh i ann an Ameireaga," ars esan. "'S e bancair a th' annam," ars esan, "agus cha bhi mi a-staigh ach air an oidhche," ars esan. "Bidh mi a' falbh," ars esan, "sa mhadainn," ars esan. "Bidh mi a' toir leam mo dhinnearach," ars esan. "Cha bhi sìon aice ri dhèanamh," ars esan, "ach an taigh a chumail air dòigh," ars esan, "'s mo bhiadh-sa a bhith deiseil aice," ars esan, "nuair a... aig oidhche," ars esan. "'s anns a' mhadainn, 's cha bhi an còrr aice ri dhèanamh," ars esan. "Agus bheir mise dhi," ars esan. "làn thuarastal," ars esan.

"Ò uill, ceart gu leòr," ars an sgiobair. "Thèid mise a-staigh far a bheil i ma-thà," ars esan.

Chaidh an sgiobair a-staigh dhan t-saothach 's thuirt e rithe:

"Chan fhaca mise," ars esan, "coltas oifis no sìon an seo," ars esan, "ach thachair fear rium an siud," ars esan, "coltas duine-uasail," ars esan, "airson searbhanta," ars esan. "Tha e ag ràdh rium," ars esan, "gur e bancair a th' ann," ars esan, "agus chan eil duine aige ach e fhèin," ars esan, "agus an t-searbhanta a bh' aige," ars esan, "gun do phòs i," ars esan, "agus ma bhios tu deònach a dhol ann."

Ò bha ise coma ach àite air choreigin.

"Ò uill, ma-thà," ars esan, "feuch an iarr thu deagh thuarastal air," ars esan. "Thuirt e riumsa," ars esan, "nach robh e an taing tuarastal a thoir dhut," ars esan.

Chaidh an sgiobair a-mach 's an nighean còmhla ris. Agus ò, rug e gu coibhneil air làimh oirre 's dh'fhaighneachd e dhith am biodh i deònach fastadh aigesan, gun... gur e bancair a bh' ann ach nach biodh e aig taigh ach aig oidhche.

"Agus chan eil duine faisg idir ort ann," ars esan. "Chan fhaic thu duine fad an latha," ars esan. "Tha fios a'm gum bi thu a' cur uibhreachd air an toiseach," ars esan, "ach nuair a bhios tu treis ann," ars esan, "cha saoil thu sìon deth," ars esan. "An t-searbhanta a bh' agamsa," ars esan, "bha i agam o chionn ùine mhòir," ars esan, "agus phòs i," ars esan. "Agus tha fios a'm," ars esan, "nuair a bhios tusa treis ann cuideachd nach iarr thu carachadh às gus am pòs thu," ars esan. Agus: "Am bi thu deònach a dhol air aghaidh ann?"

Ò bhitheadh i deònach gu leòr a dhol...

"Ò dè bhios tu ag iarraidh, ma-thà? Dè an tuarastal a tha thu ag iarraidh?"

Dh'innis ise.

"Ò uill, ma-thà, gheibh thu sin," ars esan. "Bheil luggage agad?" ars esan. "Ma-thà," ars esan, "cuiridh sinn ann an àite am bi i sàbhailte," ars esan, "gus an tig mi fhìn ga h-iarraidh a-rithist," ars esan. "Gu dearbh, nam biodh fios a'm," ars esan, "gun do thachair mo ghnothach cho math rium," ars esan, "bhiodh passage agam na b' fheàrr na pònaidh," ars esan. "Ach co-dhiù," ars esan, "an rud a th' ann," ars esan, "feumaidh tu a ghabhail," ars esan. "Bheir mi leam air mo chùlaibh thu," ars esan.

Ò bha seo ceart gu leòr leatha.

"Chan eil luggage agamsa," ars ise, "ach am baga."

"Ò uill, ma-thà," ars esan, "bheir mi leam sin air mo bheulaibh," ars esan, "air muin a' phònaidh."

Chuir an sgiobair air a chùlaibh air muin a' phònaidh i 's dh'fhalbh iad. Dhorchnaich an oidhche, 's bha iad a' dol air aghaidh 's ràinig iad an seo an taigh.

"Ò seo a-nist an taigh agam, ma-thà," ars esan, "agus seas thusa ann a shin mionaid," ars esan, "gus an cuir mise a-staigh am pònaidh," ars esan.

Dh'fhalbh e 's chuir e a-staigh am pònaidh 's dh'fhosgail e an doras. Agus:

"Thig a-nist a-staigh," ars esan. "Dèan suidhe ann a shin. Nì mi fhìn an gnothach a-nochd," ars esan. "Tha mi cinnteach gur e mi as eòlaiche na thusa," ars esan, "agus bidh thu fhèin a' dèanamh a' chuid as fheàrr sa mhadainn," ars esan.

Bha seo ceart gu leòr. Dheasaich e fhèin an t-suipear 's ghabh iad am biadh.

"Thig a-nist a-nuas," ars esan, "'s gum faiceadh tu do rùm-cadail," ars esan.

Chaidh e sìos 's chaidh i sìos còmhla ris. Dh'fhosgail e doras an rùim.

"Sin a-nist do rùm-cadail," ars esan. "Cha bhi agad," ars esan, "ach glas an doras," ars esan, "'s cha chuir sìon dragh ort gu madainn. Èiridh tu fhèin sa mhadainn," ars esan, "'s tha a h-uile sìon ann a shiud," ars esan. "'S rud sam bith a bhios a dhìth ort cha bhi agad ach innse dhòmhsa," ars esan, "'s bheir mise thugad e," ars esan.

Ò bha seo ceart gu leòr leathase.

"Agus chì thu an còrr dhen taigh sa mhadainn," ars esan.

Anns a' mhadainn an làrna-mhàireach dh'èirich esan 's ghabh iad am bracaist.

"Thig a-nist a-nuas," ars esan, "'s gum faiceadh tu an taigh."

Thug e tron taigh i.

"Tha a-nist aon rùm ann a sheo," ars esan, "agus cha tèid thu na chomhair," ars esan. "Chan eil ann ach pàipearan 's gnothaichean a bhuineas dhan bhanca," ars esan, "agus chan eil mi airson gun tèid duine sam bith," ars esan, "na chomhair."

"Ò cha tèid gu dearbh," ars ise.

"Agus tha seada eile shìos ann a shiud," ars esan, "agus cha tèid thu na chomhair cuideachd," ars esan. "'S e olachan a th' ann," ars esan, "agus chan eil mi airson," ars esan, "gum bi
duine sam bith na chomhair," ars esan.

"Ò gu dearbh cha tèid," ars ise, "no mise."

Agus:

"Cuir a-nist air dòigh mo dhinnear," ars esan. "Tha mi a' toir leam mo dhinnearach," ars esan, "'s tha mi... tha mi cinnteach," ars esan, "gum bi thu," ars esan, "a' gabhail fadachd an seo nach faic thu duine," ars esan, "ach feuch nach bi thu a' fuireach gun do bhiadh a ghabhail gu 'n tig mise," ars esan. "Gabh thusa do bhiadh aig an àm," ars esan, "agus cha bhi agad," ars esan, "ach mo shuipear-sa a bhith deiseil romham nuair a thig mi," ars esan.

Bha seo ceart gu leòr. Dh'fhalbh e, 's bha i ann a shin 's ò cha robh i a' faicinn... bha e a' cur iongnadh uabhasach oirre nach robh i a' faicinn cuideigin air an rathad.

Bha i trì latha ann a shin. Dh'fhalbh i seo pìos a-mach on taigh 's chaidh i rathad an t-seada a bha seo 's ò Dhia, bha i a' faireachdainn a leithid a dhroch fhàileadh às an t-seada.

Dh'fhalbh i chun an dorais. Cha robh innte ach seann doras mòr agus dh'fhalbh i ga phutadh feuch am faiceadh i gu dè bha a-staigh anns an taigh. Thuit a' chòmhla mu a claigeann. Sheall i agus bha nighean òg ann a shin agus a falt slaodte rithe agus i marbh.

"Ah Dhia," thuirt i rithe fhèin, "'s e seo an tè a phòs, agus 's e seo am pòsadh a bhios agamsa cuideachd."

Dh'fhalbh i feuch an deargadh i air an doras a thogail 's bha an doras cho trom, 's a h-uile h-uair a bhiodh e gu bhith suas aice thuiteadh e oirre 's mu dheireadh thug i fairis.

Ò cha robh na b' fheàrr dhi na feuchainn ri teicheadh fhad 's a bhiodh a beatha aice. Dh'fhalbh i a-staigh 's chruinnich i a h-aodach, 's smaointich i an seo gun sealladh i anns an rùm a bha e ag iarraidh oirre gun a dhol na chomhair; on a rinn i an dàrna cuid gun robh e cho math dhi a' chuid eile a dhèanamh.

Nuair a dh'fhosgail i an rùm cha robh sìon an sin ach òr 's airgead. Dh'fhalbh i 's thug i a h-aodach às a' bhaga agus chuir i na h-uchd e agus lìon i am baga leis an òr, agus chàirich i air a muin e, agus tharraing i air an rathad.

Dhorchnaich an oidhche rithe. Bha i a' dol air aghaidh cho math 's a b' urrainn di, ach chunnaic i an seo solais a' bhaile, 's rinn i a leithid a thoileachadh ris. Agus nuair a ràinig i bha an saothach a thug a-nall i aig taobh a' chidhe agus i a' gabhail cargu, agus chaidh i a-staigh. Chaidh i a-staigh far an robh an sgiobair.

"Bheil thu air am fastadh a chur dhachaigh mar-thà?" ars an sgiobair.

"Ò uill, tha," ars ise, "ach feuch airson Nì Math riut an dèan thusa fàbhar rium?" ars ise, "agus ge air bith gu dè th' agamsa," ars ise, "'s leatsa an dàrna leth dheth," ars ise.

"Dè th' ann?" ars esan.

Dh'innis ise mar a rinn i 's mar a thachair dhi.

"Ò chan urrainn mise sìon a dhèanamh riut," ars an sgiobair. "Ge air bith cà 'n cuir mise thu," ars esan, "gheibh iad thu," ars esan. "'S tha mi cinnteach nach fhada gus am bi an tòir ort," ars esan. "Ach nam bitheadh tu," ars esan, "gun turas a ghabhail ris an òr," ars esan. "choimheadainn-sa às dèidh an òganaich," ars esan.

Ò nuair a chuala i seo bha e cho math leatha leum a ghearradh a-mach air a' mhuir, crìoch...

"Ò socair ort," ars esan. "Bheir sinn a-nuas na gillean," ars esan. "'S minig a bha deagh phlana aig fear acasan," ars esan.

Chall e suas an criutha.

"Tha an leadaidh a tha seo a thug sinn a-nall," ars esan, "tha e coltach leam," ars esan, "nach do chòrd an gnothach rithe," ars an sgiobair, "gum b' fheudar dhi," ars esan, "teicheadh," ars esan. "Bheil fhios agaibh," ars esan, "cà 'n cuireamaid i," ars esan, "far nach fhaicte i?"

Bha iad treis nan tàmh, 's thionndaidh fear aca.

"Uill, cuiridh mise i," ars esan, "ann an àite nach fhaigh iad i," ars esan, "ma risk-eas i fhèin a dhol ann."

Risk-eadh ise a dhol a dh'àite sam bith.

"Càit an cuir thu i?" ars an sgiobair.

"Cuiridh," ars esan, "lower-idh sinn an topsail," ars esan "agus paisgidh sinn anns an t-seòl i," ars esan, "'s ged a rannsaicheadh iad an saothach cha rannsaicheadh iad na siùil," ars esan.

Lower-adh a-nuas an topsail. Chuireadh i fhèin 's am baga anns an topsail, 's biadh còmhla rithe 's [?hoist-adh] suas i a mhullach a' chruinn.

Ach ann an soilleireachadh an latha chualas brag air an deic agus mo laochan an dèidh tighinn. Ghabh e far an robh an sgiobair.

"Cà 'il an leadaidh chòir," ars esan, "a thug thu thugamsa," ars esan, "a robaig mi," ars esan. "Cà bheil i agad?"

"Chan eil i agamsa," ars an sgiobair.

"Tha i agadsa," ars esan, "agus lìbhrig seachad sa mhionaid i."

"Chan eil i agam. Chan fhaca mise i," ars esan, "o lìbhrig mi dhut fhèin i," ars esan, 's e a' tionndadh ris.

Cha robh ach fhuaradh poileasman 's thòisich rannsachadh, 's cha robh... d' fhuaradh sgeul shìos no shuas oirre.

"An-tà, gu dearbh," ars an sgiobair, "'s olc mo bharail ort," ars esan. "Tha e furasta gu leòr dhutsa a ràdh gun do robaig i tu," ars esan. "Ach mura tionndaidh an nighean suas," ars esan, "seallaidh mise às do dhèidh-sa," ars esan.

"Ò chaidh mo robaigeadh ceart gu leòr," ars esan.

"Ò tha sin furasta gu leòr dhut a chantail," ars an sgiobair, "ach feumaidh gun tionndaidh an nighean suas," ars esan.

Dhia, 's ann a ghabh e leithid a dh'eagal 's dh'fhalbh e a-mach, e fhèin 's na poileasmain.

Bha i ann a shin gus na... gu 'n robh an saothach deiseil air tighinn a-nall 's nuair a bha, lower-adh a-nuas i.

Nuair a thàinig i a-nuas, thàinig i a-nall gu ruige Glaschu air ais. Bha i a' toir roinn dhen òr dhan sgiobair 's cha ghabhadh an sgiobair sgillinn bhuaipe. Thug i còig sòbharain dhan a h-uile gin dhen chriutha.

Thàinig i an sin dhachaigh. Nuair a chuala mac an uachdarain gun tàinig i, cha robh i milis riamh gu seo. Bha e ann an ath oidhche. Cha robh ach gum feumadh iad pòsadh anns a' mhionaid.

"Gu dè math dhut a' dol gam phòsadh-sa," ars ise, "gun sìon agamsa no agad fhèin, 's tha fios a'm," ars ise, "nach fhaigh thu sgillinn o d' athair," ars ise.

Cha robh e gu diofar. Bha e coma. Phòs e fhèin 's i fhèin, 's cha robh e ach a-staigh còmhla ris... ris an treabhaiche. Cha robh a chridhe aige a dhol an comhair athar. Thionndaidh ise:

"Ò uill," ars ise, "cho math 's gu bheil e a bhith gam choimhead-sa," ars ise, "cha dèan sin ar cumail," ars ise. "Feumaidh tu a-nist a dhol a dh'obair," ars ise.

Cha robh obair ann ach rathad mòr a bha a' dol air aghaidh, 's dh'fhalbh e chun an rathaid, far an robh an gaffer feuch am faigheadh e start aig an rathad mhòr. Gheibheadh. Fhuair e siud. Bha e fad an latha a' cuibhleadh bara 's thàinig e dhachaigh aig oidhche, 's cha togadh e an dàrna cas [???] na coise eile 's e air toir fairis.

"Seadh," ars ise, "dè mar a chòrd an obair an-diugh riut?" ars ise.

"An-tà dearbha," ars esan, "cha do chòrd ach meadhanach," ars esan. "Cha robh fios agamsa gu dè rud a bh' ann an obair," ars esan, "gu seo."

"Ò uill, ma-thà," ars ise, "feumaidh tu," ars ise, "a bhith ag obair," ars ise.

Bha esan a-mach a h-uile latha ag obair, agus bha a chasan air rùsgadh orra. Cha mhòr gun robh ceum aige.

Bha seo oighreachd bheag a bha ri taobh na h-oighreachd aig athair. Bha i fo thrustees, 's bha i a' dol ga sale-adh an latha a bh' ann a sheo, a-mach aig an fhear a b' àirde a bheireadh oirre. Nuair a thug ise dhàsan a bhracaist anns a' mhadainn thuirt i ris:

"Thalla a-nist," ars ise, "gu sale na h-oighreachd a tha siud còmhla ris na h-uaislean eile," ars ise, "an-diugh. 'S tha fios a'm," ars ise, "gum bi d' athair air a son," ars ise, "on a tha i ri taobh na h-oighreachd aige fhèin," ars ise. "Ach ge air bith gu dè an tairgse a thèid innte," ars ise, "theirig thusa ceud os a chionn," ars ise.

"Ah Dhia, m' anam," ars esan, "a bheil thu airson mo chur ann am prìosan?" ars esan.

"Cha tèid thu am prìosan idir," ars ise, "ach gabh thusa mo chomhairle-sa," ars ise.

"Ò leabhra, ma-thà," ars esan, "gabhaidh mise do chomhairle ged a rachainn dhan phrìosan fhèin," ars esan.

Dh'fhalbh e chun na h-oighreachd. 'S cò b' àirde a bha tairgse aige innte ach athair, agus chaidh a mhac ceud os a chionn. Sheall athair air.

"Bheil sibh a' dol a ghabhail," ars athair, "tairgse an duine ud?" ars esan, 's e tionndadh ris... ris na trustees.

"Ò uill, tha," ars esan, "'s e an tairgse as àirde a dh'fheumas sinne a ghabhail."

"Ò uill, uill, ceart gu leòr, ma-thà," ars esan.

"Chan eil fhios a'm am faigh sibh an tairgse cheunda a-rithist air," ars esan.

Agus bha an duine a ghabhadh i a' dol a dh'fhaighinn dàil bliadhna airson a pàigheadh. Thàinig na trustees far an robh esan 's dh'fhaighneachd iad dheth an robh e fiot airson an oighreachd a phàigheadh.

"Tha," ars esan.

"Uill, gheibh thu dàil trì latha, ma-thà," ars esan. "Agus mura bi i pàighte an latha sin agad," ars esan, "bidh i aig d' athair."

"Ò uill, 's dòcha gur e rud math trì latha fhèin," ars esan.

Chaidh e dhachaigh.

"Seadh," ars ise, "a bheil an oighreachd agad?" ars ise.

"Tha," ars esan. "Tha an tairgse as àirde agam innte co-dhiù," ars esan.

Agus:

"An robh d' athair air a son?" ars ise.

"Ò bha," ars esan. "'S ann aige bha i gus a bhith," ars esan, "ach chaidh mise ceud os a chionn."

"Ò rinn thu taghta," ars ise.

Ach anns a' mhadainn an làrna-mhàireach, cò ràinig ach na trustees. Dh'fheumadh e shealltainn dhaibhsan ma bha e fiot airson an oighreachd a phàigheadh, 's mura robh gum biodh i aig athair. Ò thionndaidh ise riutha cho crosta.

"Clìoraibh a-mach à seo," ars ise, "a rasgailibh," ars ise, "a' dol a chur dragh air mo... air mo chompanach," ars ise. "Gheibheadh athair bliadhna," ars ise, "airson a pàigheadh. Chan fhaigheadh esan ach trì latha," ars ise. "Cha do ruith na trì latha fhèin fhathast," ars ise. "Nuair a ruitheas," ars ise, "thig sibh an uair sin."

Cha robh ach thill iad a-mach.

"Ò uill," arsa fear aca, "cha robh turas againn a dhol a chur dragh orra," ars esan. "Cha bhi na trì latha fada a' dol seachad," ars esan.

Ach an ceann an treas latha dh'èirich ise, 's chuir i uimpe.

"Cuir umad a-nist," ars ise, "'s gum bitheamaid a' falbh a phàigheadh na h-oighreachd," ars ise.

Dh'fhosgail i a' chiste 's thug i às am baga 's chàireadh air a muin e. Agus ghabh i a-staigh. Thionndaidh i ris:

"Seo," ars ise, "beir air a seo far mo mhuin," thuirt i ris.

Dh'fhosgladh am baga 's:

"Cunntaibh a-nist," ars ise, "ur cuid fhèin a-mach às a sin."

'S ann a ghabhadh mo leadaidh oighreachd eile. Cha robh fios aig a h-athair... aig athair o Dhia cà 'n d' fhuair e an t-airgead. Agus nuair a phàigh e... i an oighreachd thionndaidh i ris na trustees:

"Gabhaibh a-nist a-mach à seo," thuirt ise. "'S e m' àite-sa a-nist a th' ann," ars ise.

"Ò tha sinn ag iarraidh mathanas ort," thuirt [???].

"An-tà, cha b' airidh sibh air mathanas a thoirt dhuibh," ars ise.

Bha e fhèin 's athair còrdte gu leòr riamh tuilleadh. 'S nuair a bhàsaich athair bha oighreachd athar aige còmhla ris an oighreachd aige fhèin, 's cha ruigeadh athair... cha ruigeadh an treabhaiche a leas car a dhèanamh tuilleadh.

An d' fhuair sibh roimhe i?

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good