Tobar an Dualchais - Kist O Riches

spacer
Guthan ar sinnsirean ... a' tighinn beo tro theieneolas an latha an-dingh The speik o a bygane age ... gien new virr wi  fantoosh technology
Tha barrachd is 36,000 chlàran-fuaim air an làraich-lìn seo a chaidh a chlàradh ann an Alba agus nas fhaide air falbh, bho na 1930an agus air adhart.
Am measg nan clàran cluinnidh tu sgeulachdan, òrain, ceòl, bàrdachd agus fiosrachadh fìrinneach.

Rannsaich



(faic eisimpleirean)

search footer

Clàr na Mìosa


Àirighean ann an Eilean Diùra anns an ochdamh linn deug. Dealbh air a dhèanamh le Moses Griffiths.

B' e cleachdadh cudromach a bh' anns an àirigh ann an sgìrean dùthchail na h-Alba airson co-dhiù dà mhìle bliadhna. Gach bliadhna, anns a' Chèitean no tràth san Ògmhios, rachadh boireannaich agus a' chlann dhan mhòintich gus an cuid bheathaichean a chur air feurachadh. Bhiodh iad ann fad an t-samhraidh, a' fuireach ann an taighean ris an cante àirighean no bothain-àirigh.

Bha stoidhle agus meud nam bothan-àirigh diofraichte ach, gu tric, bha iad air an togail le ballachan cloiche. Bhite a' cleachdadh sgrathan airson a' mhullaich agus bha toll anns a' mheadhan gus an ceò bhon teine a leigeil a-mach. Bha iad ann an diofar chruthan cuideachd, bho bhothain cheart-chearnach gu seòmraichean ughach no cruinn.

Mus rachadh na boireannaich agus a' chlann dhan àirigh, rachadh fir a' bhaile ann gus na bothain a chàradh. Dhèanadh iad cuideachd leapannan fraoich agus bhuaineadh iad mòine airson nan teintean.

B' e latha tlachdmhor a bh' ann dha na boireannaich nuair a dh'fhàg iad airson a dhol dhan àirigh agus bha e coltach ri saor-latha, a dh'aindeoin na h-obrach a bha romhpa. Bheireadh iad leotha aodach, poitean, cuibhlichean-snìomha, aodach-leapa, uidheam airson ìm agus càise a dhèanamh, agus rudan eile a bhiodh riatanach dhaibh. Uaireannan, rachadh na fir leotha gus cuideachadh leis a h-uile gnìomh a chur air dòigh. Thilleadh iad dhachaigh an uair sin gus obair a' bhaile a dhèanamh: a' coimhead às dèidh a' bharra; a' gearradh agus a' tiormachadh na mòna airson a' gheamhraidh; agus a' càradh an taighean.

Bhiodh gu leòr ri dhèanamh air an àirigh eadar a bhith ri buachailleachd, a' bleoghan agus a' dèanamh ìm agus càise, a' snìomh agus a' fighe, agus a' cruinneachadh fhreumhan agus lusan gus dathan a dhèanamh airson aodach is eile. Ann an cuid a dh'àirighean bhiodh iad cuideachd a' tarraing uisge-beatha.

Bha ùine fhathast ann airson dibhearsan ge-tà, oir bha tòrr chothroman ann tighinn còmhla airson sgeulachdan innse, dealbhan-cluiche beaga a thaisbeanadh, agus òrain a ghabhail. Bha an dibhearsan seo a' còrdadh ri muinntir na h-àirigh gu mòr agus bu toigh leotha an t-saorsa a bh' aca air falbh bho obair-làitheil a' bhaile. Mar sin, bha an ùine air an àirigh aig amannan na bu choltaiche ri saor-làithean.

Chaidh cleachdadh na h-àirigh à bith air diofar adhbharan. Thàinig tòrr leasachaidhean ann an tuathanachas agus dh'fhàg tòrr dhaoine na sgìrean dùthchail nuair a thàinig na caoraich mhòra anns an naoidheamh linn deug. B' e Bhaltos ann an Leòdhas fear de na bailtean mu dheireadh a bha ris a' chleachdadh a bhith a' dol dhan àirigh fad an t-samhraidh agus thachair seo mu dheireadh ann an 1947.

Tha deagh àireamh de dh'òrain agus sgeulachdan mu àirighean air làrach-lìn Tobar an Dualchais. Anns a' chlàr seo bho 1958, tha Seonag NicCoinnich à Siadar an Rubha ann an Eilean Leòdhais a' seinn ‘Bothan Àirigh am Bràigh Raineach’. Anns an òran, tha caileag a' moladh a leannain agus ag ràdh gum biodh iad toilichte ag àrach sprèidh air àirigh ann am Bràigh Raineach.

Èist ri 'Bothan Àirigh am Bràigh Raineach'

Thoir sùil air clàran Seonag NicCoinnich

search footer

Rannsaich le Siorrachd

Scotland county map
spacer

Mun Làrach-lìn

Bha Julie Fowlis agus Chris Wright nan Luchd-ealain air Mhuinntireas airson Tobar an Dualchais ann an 2012

spacer

 
BBC Alba
Heritage Lottery Fund
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA