Eisimpleirean bho na cruinneachaidhean > Annag agus Calum MacIain, Seanchaidhean Gàidhlig

Annag agus Calum MacIain, Seanchaidhean Gàidhlig

Rinn Annag agus Calum MacIain grunn math chlàran luachmhòr do Sgoil Eòlais na h-Alba agus bidh iad seo rim faighinn air làrach-lìn Tobar an Dualchais.

Bhuineadh Annag agus Calum do theaghlach de thriùir bhràithrean is còignear pheathraichean a thogadh air croit goirid do Bhàgh a’ Chaisteil air Eilean Bharraigh.  Bha Annag na tidsear aig Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil, agus dh’fhàg Calum an sgoil aig aois 14 gus cosnadh fhaighinn na neach-tarraing ann am Manchester, agus an uair sin ann an Dùn Èideann.  Bha e na Ghàidheal cliùiteach an sin, agus bha e cuideachd na rùnaire agus na ionmhasair aig Comann nam Pìobairean Gàidhealach.  Thill Calum a Bharraigh an dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth.  A dh’aindeoin nan suidheachaidhean eadar-dhealaichte san robh Annag is Calum nam beatha, bha an dithis aca a-riamh dìleas do chultar na Gàidhlig.

Brùth gu h-ìosal airson òran-sìthiche a ghabh Annag agus Calum a chluinntinn, agus airson an sgeulachd a tha ceangailte ris an òran a chluinntinn, mar a dh’innis Annag i. (Àireamhan Sgoil Eòlais na h-Alba: SA1954.31.A5a is SA1954.31.A5b)







Bha Calum math air pìobaireachd, gu h-àraid ceòl mòr, agus bha e math air òrain mhòra a sheinn.  Sheinn Calum a’ phìob air thoiseach air an fheadhainn a bha a’ giùlan a’ chiste aig an ùghdar Sir Compton MacKenzie, agus seo ann an gèile ’s e fhèin aig aois 82.  Bha Annie math air òrain luaidh, naidheachdan agus òrain bheaga, gu h-àraid an fheadhainn a sheinnear le clann.  Brùth gu h-ìosal gus èisteachd ri Annag agus feadhainn eile a’ gabhail an òrain luaidh A Mhic a’ Mhaoir, a chaidh a chlàradh ann an 1954. (Àireamh Sgoil Eòlais na h-Alba: SA1954.31.B3)




’S ann bho am màthair Catriona, agus bho na nàbaidhean aca Ealasaid agus Peigi NicFhionghain, dithis pheathraichean sònraichte aig an robh beairteas òran agus sgeulachdan Gàidhlig, a fhuair Calum agus Annag a’ chuid as motha de an seanchas. Brùth gu h-ìosal airson sgeulachd a chluinntinn mun t-sìthiche Luran, mar a dh’innis Calum i. (Àireamh Sgoil Eòlais na h-Alba: SA1965.10.B3)




A bharrachd air na clàran fhèin, chuidich Annag gu mòr le rannsachadh beul-aithris na Gàidhlig leis cho fiosrachail ‘s a bha i air dualchas na sgìre aice fhèin. Bhiodh i cuideachd a’ cur an aithne a chèile daoine a bha a’ cruinneachadh beul-aithris agus feadhainn de na boireannaich a b’ fheàrr gu seinn ann am Barraigh a bhiodh ro dhiùid, no ro dhuilich an lorg, airson clàradh.  ’S i Marjorie Kennedy-Fraser, a bhiodh a’ cruinneachadh agus a’ deisealachadh òrain Ghàidhlig, a’ chiad neach a chuidich Annag san dòigh seo.  Bhiodh Annag a’ toirt cuireadh do chailleachan gu cèilidh aig taigh a pàrantan, agus gam brosnachadh gus òrain a ghabhail fhad ’s a chlàradh Kennedy-Fraser iad.  Sgrìobh Annag sìos na faclan de chòrr is 20 òran a chuala iad an oidhche ud.

An dèidh làimh dh’fhoillsich Kennedy-Fraser Songs of the Hebrides, a nochd ann an cruinneachadh de thrì leabhraichean eadar 1909 agus 1921.  Bha tòrr stuth aig Annag agus Calum sa chruinneachadh seo, gu h-àraid anns a’ chiad agus an dàrna leabhar.  San treas leabhar tha Kennedy-Fraser ag ràdh gun robh Annag na “companach dìcheallach” dhi, agus tha i a’ cuimhneachadh air “a liuthad port math” a bha i an comain Chaluim agus Annaig air a shon.

Tha Iain Latharna Caimbeul (1906-1996), am fear-cruinneachaidh beul-aithris ainmeil, cuideachd a’ toirt iomradh air cuideachadh Annaig ann an 1937, 1938, agus a-rithist ann an 1951 nuair a chuireadh clàran air dòigh dha le Comataidh Beul-aithris Bharraigh, aig an robh Annag na ball cudromach.  Thug Annag seachad fiosrachadh cuideachd don leabhar a dheasaich Iain Latharna Caimbeul Gaelic Words from South Uist, le Maighstir Ailean Dòmhnallach.  Bha Iain agus a bhean Margaret Fay Shaw gu math measail air Annag agus rachadh i a chèilidh orra gu tric an Eilean Chanaigh.

Chuir Annag ri leabhraichean eile agus nam measg tha Deoch-slàinte nan Gillean (1948), Gaelic Folksongs from the Isle of Barra (1950) agus Stories from South Uist (1961).

Tha cuimhne aig Ruairidh Caimbeul agus Nannie Kearney, clann piuthar Chaluim is Annaig, air a’ bhuaidh a bh’ aig Calum agus Annag orra fhèin a thaobh ciùil.  Thug Calum feadan do Ruairidh nuair a bha e 11 bliadhna a dh’aois, agus cuideachd a’ phìob bheag dha nuair a bha e 14 bliadhna a dh’aois.  Dh’fhàs Ruairidh gu bhith na phìobaire agus na sheinneadair ainmeil.  Dh’ionnsaich Annag iomadach òran luaidh do Nannie, agus bidh Nannie i fhèin a-nise a’ teagasg nan òran seo do dhaoine eile aig bùthan-obrach.

Thug Iain Latharna Caimbeul urram do Chalum is Annag leis na briathran seo: “Bidh an fheadhainn a bha fortanach eòlas a bhith aca air Annag agus Calum a’ cuimhneachadh le bàidh fàilte Ghàidhealach, teò-chridheachd, coibhneas, agus meas is eòlas air beul-aithris na Gàidhlig, uile cho math ’s a gheibhear agus air an sealltainn gu nàdarra.”

Brùth gu h-ìosal airson èisteachd ri Calum a’ gabhail Gradh Geal Mo Chridh’, tionndadh traidiseanta de dh’òran-gaoil Èirisgeigh. (Àireamh Sgoil Eòlais na h-Alba: SA1954.31.B8)




Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha na clàran air fad sa phìos seo sgrìobhte gu dà-chànanach ann an Tocher àireamh 13, foillsichte le Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann.

Tha am pìos seo stèidhichte air artaigil a sgrìobh Iain Latharna Caimbeul ann an Tocher àireamh 13.  Ar taing cuideachd do Ruairidh Caimbeul agus Nannie Kearney airson an cead am pìos seo a sgrìobhadh, agus airson na chuir iad ris.

Seann Eisimpleirean

Iain Dòmhnallach, Bàrd Loch Abar (1876–1964)
Annag agus Calum MacIain, Seanchaidhean Gàidhlig
Betsy Whyte
Na Peathraichean NicPhàic às na Pùballan

Annie Johnston © Mrs Annie Kearney
Annag NicIain © Mrs Nannie Kearney






Annie (right) with friends Christine Macleod and Neil Sinclair in 1933 © Mrs Christine Reid
AAnnag (air an taobh dheas) le càraidean Cairistìona NicLeòid is Niall Sinclair ann an 1933 © Mrs Cairistìona Reid






Calum Johnston in 1960 © C H Tillhagen
Calum MacIain ann an 1960 © C H Tillhagen






Calum playing the pipes (1972) © School of Scottish Studies, University of Edinburgh.
Calum a’ cluiche na pìob (1972) © Sgoil Eòlais na h-Alba. Oilthigh Dhùn Èideann.
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA