Eisimpleirean bho na cruinneachaidhean > Betsy Whyte (1919 – 1988)

Betsy Whyte (1919 – 1988)

Rugadh Betsy Whyte ann an Siorrachd Pheairt ann an 1919, ann an seann bhaile beag Raiteir. Bhuineadh i do theaghlach luchd-siubhail leis an ainm Townsley, agus chaidh a h-ainmeachadh airson na mnà-glùine a bha a' cuideachadh nuair a rugadh i. 'S e beatha luchd-siubhail a bh' aice bho thùs, còmhla ri a màthair, a h-athair agus a peathraichean is iad a' coiseachd rathaidean lùbach Shiorrachd Pheairt is Bhràigh Aonghais anns na 1920an is na 1930an an tòir air cosnadh.

Cha bhiodh an teaghlach Townsley idir air chuairt tron gheamhradh, is thug sin an cothrom do Bhetsy ceud latha sgoile fhaotainn gach bliadhna, mar a bha ainmichte san lagh. Ged a chaidh i gu iomadh bun-sgoil ann an corra bhaile, ghlèidh i duais sgoilearachd a thug gu Àrd-sgoil Bhreichin i: cha robh pàiste a' chòrr bho theaghlach luchd-siubhail innte, agus bhiodh càch aig amannan ag obair oirre.

Bha Betsy agus an teaghlach sgoinneil air clèibh is basgaidean a dhèanamh a geugan seilich, air iomadh cruth agus airson iomadh feum. Chuidich e Betsy agus an teaghlach a' dèanamh teachd-an-tìr gu robh iad math air an làmhan, a' dèanamh chnagan-anairt à calltainn no seileach, agus a' càradh phoitean is phraisean. Bhiodh Betsy cuideachd a' dèanamh dhìthean à fiodh no pàipear - sgilean a dh'ionnsaich i bho a h-athair 's a màthair air fad. Rinn i cuideachd mòran obrach air tuathanasan, a' dèanamh a h-uile seòrsa eadar buain sùbhan-craoibh is sùbhan-làir, gu togail a' bhuntàta agus buain pheasair is lìn.

Bhiodh athair Betsy agus a bhràithrean cuideachd ri iasgach neamhnaidean.

Dèanaibh gliog gu h-ìosal gus Betsy èisteachd ag innse mar a dh’ atharraicheadh neamhnaid a dath. (Sgoil Eòlais na h-Alba àir. clàr. SA1975.094.A7)



Chuir Betsy cùl ri beatha an taistealaiche nuair a phòs i Bryce Whyte ann an 1939; thog iad teaghlach ann am baile beag Usan agus an àitichean eadar-dhealaichte ann am Monadh Rois. Bha Betsy agus Bryce air leth measail air Monadh Rois, agus ged nach robh e furasta dachaigh a dhèanamh ann an toiseach, bha daoine nas buailtiche gabhail riutha mar a b' ainmeile a bha Betsy a' fàs.

Bha Betsy ainmeil airson an òran “Young Johnstone” a ghabhail. Seo fear de na 305 seòrsaichean mith-òran a chruinnich Frangan Seumas Child anns an naoidheamh linn deug, foillsichte anns na leabhraichean “English and Scottish Popular Ballads”. Tha “Young Johnstone” air ainmeachadh mar “Child Ballad 88”. Dèanaibh gliog gu h-ìosal gus Betsy a chluinntinn ga ghabhail. (Sgoil Eòlais na h-Alba àir. clàr. SA1975.012)



Bha beatha Bhetsy làn sgeulachdan tarraingeach agus tachartasan le na daoine a b' inntinniche. Ach dh'fhaodadh nach biodh am mòr-shluagh air guth a chluinntinn air gin aca a-riamh, mura b' e gun cuala Sgoil Eòlais na h-Alba mu deidhinn, bhon teaghlach ainmeil Stiùbhart ann am Blàr Ghobharaidh.

Bha Betsy measail air fealla-dhà is tha sin soilleir anns an sgeulachd a tha i ag innse mu sheann chàraid a’ dol far a’ chèile. Dèanaibh gliog gu h-ìosal airson èisteachd ris. (Sgoil Eòlais na h-Alba àir. clàr. SA1975.012)



Le cuideachadh bho Sgoil Eòlais na h-Alba, chaidh aig Betsy air dà leabhar a sgrìobhadh mu a beatha: 'The Yellow on the Broom' (a nochd ann an 1979) - sàr-shaothair de sheòrsa - agus 'Red Rowans and Wild Honey' (foillsichte ann an 1990). Thòisich Betsy air an treas leabhar, ach chaochail i mus deach aice air crìoch a chur air. Bhàsaich i aig Fèis Chiùil Dùthchail Uachdar Mucadaidh; 's e an t-òran a sgrìobh Adam McNaughtan dhi, 'The Yellow on the Broom', an t-òran mu dheireadh a ghabh i.

Chaidh 'The Yellow on the Broom' a chlò-bhualadh grunn tursan, agus thàinig e a-mach cuideachd ann am mòr-chlò, agus air cèiseag. Ann an 1988-89 dheasaich Anne Downie an leabhar airson an àrd-ùrlair, is chaidh e air chuairt air feadh Alba. Chaidh fhaicinn ann an cruth dealbh-chluich corra uair: ann an talla-cluiche Pheairt ann an 2004 cha robh aon suidheachan falamh. Nochd e cuideachd mar shreath anns a' phàipear-naidheachd an Dundee Courier ann an 1992.

Bha Betsy Whyte na deagh sheinneadair mhith-òran, na seanchaidh cumhachdach, buadhach agus na boireannach uasal, sònraichte. Ged a tha fichead bliadhna on a chaochail i, tha i fhathast a' fosgladh dhorsan gu aoibhneas, gàirdeachas is iongnadh do dh'iomadh neach tro a leabhraichean, agus a' chuimhne a th' acasan oirre, a chunnaic no a chuala i.

Dèanaibh gliog gu h-ìosal airson criomag sgeulachd mu phiuthar eudach a chluinntinn, agus an naidheachd air a chùlaibh. (Sgoil Eòlais na h-Alba àir. clàr. SA1975.094.B7)



Tuilleadh Fiosrachaidh

Chaidh an t-alt seo ath-sgrìobhadh bho alt a sgrìobh iar-ogha Bhetsy Whyte, Daibhidh Pullar. Mòran taing do Dhaibhidh airson nan dealbhan.

Betsy Whyte, Red Rowans and Wild Honey (2000, Birlinn)

James Hunter, Scottish Highlanders: A People and Their Place (1992)
Betsy Whyte, The Yellow on the Broom (2006, Birlinn)

Seann Eisimpleirean

Iain Dòmhnallach, Bàrd Loch Abar (1876–1964)
Annag agus Calum MacIain, Seanchaidhean Gàidhlig
Betsy Whyte
Na Peathraichean NicPhàic às na Pùballan

Betsy Whyte
Betsy






Betsy 's i na leanabh
Betsy 's i na leanabh






Betsy leis an duine aice, Bryce
Betsy leis an duine aice, Bryce






Betsy leis a gillie Willie
Betsy leis a gillie Willie






spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA