Collections
Tha na clàran-fuaim air an làraich-lìn seo a’ tighinn bho thrì cruinneachaidhean mòra: Tasglannan Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann), BBC Alba agus Cruinneachadh Chanaigh aig Urras Nàiseanta na h-Alba
BBC
Am measg stuth BBC Alba air an làraich tha clàran bhon Mhòd Nàiseanta bho na 1950an air adhart, agus stuth bho phrògraman Rèidio nan Gàidheal leithid Prògram Choinnich, Fàilt’ air a’ Bhaile, Dealan-dè, Dèanamaid Adhradh agus Cò? Cuin? Càite?
Cruinneachadh Chanaigh aig Urras Nàiseanta na h-Alba
Chaidh na clàran-fuaim bho Chruinneachadh Chanaigh aig Urras Nàiseanta na h-Alba a thogail agus a chruinneachadh le Iain Latharna Caimbeul eadar 1937 agus 1969: nam measg tha òrain Ghàidhlig agus sgeulachdan à beul-aithris. Chaidh mòran de na clàran seo a dhèanamh sna h-eileanan, ann am Barraigh agus Uibhist a Deas. Thog e cuideachd clàran bho shliochd nan Gàidheal a chaidh a-null gu Ceap Breatainn ann an Canada.
Tasglannan Sgoil Eòlais na h-Alba
Tha Tasglannan Sgoil Eòlais na h-Alba air a bhith a’ cruinneachadh stuth bho 1951. Tha clàran Gàidhlig agus Albais anns na Tasglannan, bho gach ceàrn de dh’Alba agus nas fhaide air falbh. Air an làraich seo tha stuth a chlàraich an Sgoil leithid òrain, ceòl, sgeulachdan, rannan, gnàthsan, creideamh agus beul-oideas.




