Tobar an Dualchais Kist O Riches

Tobar an Dualchais Kist O Riches

The voices of the past... brought to life through the latest technology

Beachdachadh

Mar phàirt den obair ann a bhith a' cur nan clàran air-loidhne, feumaidh Tobar an Dualchais na daoine air fad a chaidh a chlàradh a lorg gus cead fhaighinn na clàran aca ùisneachadh.

Le do chuideachadh, tha sinn a' coimhead air adhart ri goireas foghlaim air leth a chruthachadh, a bhios luachmhor do luchd-rannsachaidh, sgoiltean, colaistean, oilthighean, luchd-ciùil, sloinntearan agus comainn-eachdraidh ionadail, a thuilleadh air teaghlaichean, feadhainn dhiubh a chluinneas na clàran airson a' chiad uair air làrach-lìn Tobar an Dualchais.

An do chlàraich Sgoil Eòlais na h-Alba thu fhèin no do chàirdean?

An do chlàraich Radio nan Gàidheal thu fhèin no do chàirdean airson Prògram Choinnich?

An do chlàraich Fear Chanaigh, Iain Latharna Caimbeul, thu fhèin no do chàirdean?

Mas urrainn dhut cuideachadh le pròiseact Tobar an Dualchais ann an dòigh sam bith, cuir post-d thugainn, a' cleachdadh an fhoirm gu h-ìosal.