Rannsaich

Cuibhle an Fhortain

Luchd-clàraidh
Ceann-latha April 1957
Àireamh a’ chlàir 101733
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1957.014

Àireamh an Teip Thùsail

SA1957.014

Geàrr-chunntas

Òran gaoil/òran seòladair. Tha e a' seòladh gu tìrean cèin, ach 's mòr gum b' fheàrr leis a bhith a' seòladh dhachaigh leis an luchd a th' aca air bòrd: siùcar do mhuinntir nam bùthan agus uisge-beatha airson nan taighean-òsta. Tha e a' cnuasachadh air na nithean àraid a bhiodh e a' faicinn ann an Glaschu: fear 's tè air a h-uile còrnair, taighean-cluich agus taighean-dannsa, agus clann-nighean ceann-rùisgte air ceann gach bòrd. Nuair a thèid e gu taigh na cuibhle aig meadhan oidhche, 's e reòta a-muigh, 's ann a tha a chuid smuaintean air a bhith an coibhneas caileig ann an leabaidh àrd ann an eilean bàn an eòrna. Tha e sgìth de leithid Buenos Aires agus tha farmad aige ris an iasgair a tha a' cur a lìn an ear 's an iar de Rònaigh.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math