Rannsaich

Creutairean os-nàdarra.

Ceann-latha 10 September 1955
Àireamh a’ chlàir 1027
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1955.161.A10; SA1955.161.A11

Àireamh an Teip Thùsail

SA1955.161

Geàrr-chunntas

Creutairean os-nàdarra.

Chuala am fiosraiche mu chrodh-eighre. Tha nàdar de dh'fheamainn san sgìre ris an canar feur a' chrodh-eighre, is bhathar ag ràdh, nan cuireadh tu acair ann a leithid seo a dh'àite, 's gun rachadh i an sàs ann am feur a' chrodh-eighre, gur ann air èiginn a gheibheadh duine às i.

Chuala e iomradh air an tarbh-eighre cuideachd. Chite e uaireannan am measg a' chruidh - bha e an-còmhnaidh fliuch. B' e an nathair-mhara beathach a bhite a' faicinn sa mhuir coltach ris an uilebheist a tha ri fhaicinn ann an Loch Nis.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain (CM): Sin rud eile a bhiodh... ach chan eil fhios a'm an robh iomradh air anns an dùthaich seo, ach tha e aca anns na Faroe Islands agus àitean... eileanan eile, rud ris an canadh sinn crodh-mara.

Murdo John MacLean (MM): Ò bha, bha an crodh-mara... ò, an crodh-eighre a theireadh iad riutha an seo. Ò, an crodh-eighre. Ò 's e, bha air a' chrodh-eighre 's an tarbh-eighre.

Tha baile beag, tha e an-diugh fàs, air taobh eile na Riof anns... an Rubha na Còigeach, ris an can iad Camas a' Ghlais-eilein. Agus chan eil ann ach lùb. Agus ann am meadhan na... lochan beag a tha a-staigh, lùb dhen a' mhuir, tha eilean ann, agus eadar an t-eilean 's tìr tha rud ann ris an can iad - a' fàs - feur a' chrodh-eighre. Agus chan e acarsaid a th' ann ach bha e ri chantainn nan cuireadh tu acair ann a leithid seo a dh'àite gun d' rachadh i an sàs ann am feur a' chrodh-eighre agus nach tigeadh i a bun ach le èiginn.

'S chuala sinn a bhith a' bruidhinn airson crodh, tha fhios agaibh, a bha iomraideach airson bainne.

"Och, 's ann dhen tarbh-eighre."

Thàinig e a-mach às an loch.

CM: Bha an tarbh seo a' tighinn air tìr?

MM: Bha an tarbh seo a' tighinn air tìr 's bha e a' dàireadh a' chruidh, tha fhios agad. 'S a' faicinn tarbh annasach am measg a' chruidh nach fhacas tarbh riamh, 's tha e an-còmhnaidh fliuch, nach fhacas riamh a leithid:

"Ò, an tarbh-eighre."

'S e, 's e. Ò chuala sinn gu leòr timcheall air an tarbh-eighre. Bha iad a' toir a chreidsinn dha a cheart cho cinnteach 's a bha iad a' toir a chreidsinn dhan an each-uisge, 's dhan a' mhaighdeann-chuain, 's dhan an nathair-mhara.

CM: An nathair-mhara cuideachd a-niste?

MM: An nathair-mhara. Ò, bha iad a' creidsinn... ò gur e dìreach nathair a bh' ann anns a' mhuir, coltach ri nathair a bha a' fàs gu meudachd uabhasach, 's gum bite ga faicinn an siud 's seo. Nam b' fhìor gun deach a faicinn gràinne uairean ann an [???]. Co-cheangail dhen an uilebheist a tha iad a' faicinn ann an Loch Nis. Ach bha an nathair-mhara, tha fhios agad, iasgairean gan seunadh bhuaithe. 'S e.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math