Somhairle Dòmhnallach agus a' bhean-sìthe.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Bha Somhairle Dòmhnallach a' sealg anns a' bheinn aon oidhche nuair a chunnaic e ceò neònach a' gluasad gu luath. Chuir e bonn sia-sgillinn anns a' ghunna aige agus loisg e air a' cheò, ach chan fhaca e rud sam bith. Nuair a bha e a' dol a dh'fhalbh, chuala e èigheach faisg air làimh. Lorg e boireannach na gùn-oidhche, agus fuil air na sliasaidean aice. Bhruidhinn Somhairle rithe, ach cha fhreagradh i. Thug e leis dhachaigh i. Chuidich e i, agus cha b' fhada gus an do leighis i.
Dh'fhàs i glè chuideachail mun taigh, ach bha càirdean Shomhairle ag iarraidh air a cur air falbh. Chaidh e gu seann bhodach gus comhairle fhaighinn. Dh'iarr am fear sin air fuireach gus am biodh bliadhna seachad bhon latha a fhuair e am boireannach, agus thuirt e ris a dhol dhan àite far an do lorg e i feuch dè thachradh. B' e sin a rinn e. Nuair a bha e gus tilleadh dhachaigh, chunnaic e solas ann an cnoc an taobh shuas dheth. Bha fear an sin a' toirt seachad deoch do na bha ann agus dh'innis e gun robh dùil aige pòsadh an-uiridh, ach chaidh cùisean ceàrr agus bha am boireannach gun chainnt gus an gabhadh i deoch on chupa aige. Chaidh Somhairle a-steach agus dh'iarr e deoch. Chaidh innse dha gum faigheadh e sin fhad 's a bhiodh e deònach a bhith mar fhear dhiubh. Nuair a fhuair e an cupa, thilg e a-mach an deoch agus dh'fhalbh e leis a' chupa na phòca. Lean na sìthichean e, ach ràinig e an taigh.
An ath latha, lìon e an cupa le bainne, agus thairg e sin dhan bhoireannach. Dhiùlt i a ghabhail. Mhaoidh e oirre le a chlaidheamh, agus ghabh i am bainne. Thill a cainnt agus thug i taing dha. Cha robh fios aice dè mar a chaidh i dhan t-sìthean. Bha i dìreach air a pòsadh do dh'fhear aig an robh taigh-òsta ann an Dùn Èideann, agus cha robh de chuimhn' aice air oidhche na bainnse, ach Somhairle a' feuchainn ri a sliasaidean a leigheas. Dh'fhaighnich Somhairle dhan bhoireannach an robh i ag iarraidh tilleadh dhan taigh aice fhèin. Thuirt i gun tilleadh, ma bha Somhairle dhen bheachd gum bu chòir dhi sin a dhèanamh.
Chaidh Somhairle a Dhùn Èideann leatha agus chaidh iad dhan chidsin anns an taigh-òsta. Dh'aontaich an còcaire biadh a dhèanamh dhaibh. Thuirt i gun robh bean an taighe air a bhith air laighe leapa fad bliadhna agus nach robh dùil gum maireadh i an latha. Cha robh dotair ann a dhèanadh feum dhi. Thuirt Somhairle gun robh esan na dhotair agus dh'iarr e a faicinn. Cha tionndaidheadh am boireannach anns an leabaidh a choimhead air. Thug Somhairle air an duine a dhol a-mach agus ghlas e an doras. Dh'iarr e air a' bhoireannach èirigh. Nuair a dhiùlt i, mhaoidh e oirre le a chlaidheamh. Chaidh i à sealladh na sradagan suas tron t-similear. Thug e an duine a-steach a-rithist agus sheall e dha an leabaidh fhalamh. Thug e sìos e an uair sin a choinneachadh ris an tè a phòs e. Bha a' chàraid ag iarraidh gum fuiricheadh Somhairle còmhla riutha ann an Dùn Èideann.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Dòmhnallach, Somhairle
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Deas
Eilean - Uibhist a Deas
Baile/Àite - Fròbost
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math