spacer
spacer

Fear òg a tha air ùr-phòsadh air tilleadh à Canada le airgea...

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Fear òg a tha air ùr-phòsadh air tilleadh à Canada le airgea...
Fiosraichean - Pàdruig Moireasdan
Luchd-clàraidh - Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach

Geàrr-chunntas - Fear òg a tha air ùr-phòsadh air tilleadh à Canada le airgead an dèidh cuideachadh bho thrì comhairlean tuathanaich.

Bha fear òg dom b' ainm Dòmhnall air ùr-phòsadh agus bha iad truagh is gann de dh'airgead. Chaidh e do Chanada airson cosnadh agus e air a ràdh ri a bhean gun cuireadh e fios thuice nuair a dhèanadh e airgead gu leòr airson taigh a cheannach. An dèidh obair airson grunn thuathanaich, cha robh e cus na b' fheàrr dheth agus chuir e roimhe tilleadh dhachaigh. Bha deagh bheachd aig na tuathanaich air agus thug am fear mu dheireadh taghadh dha gun toireadh e dha na bha e air a chosnadh no trì comhairlean agus am faradh aige dhachaigh le deagh airgead pòcaid. Thagh e an dàrna tairgse.

B' e a' chiad chomhairle a thug an tuathanach dha an rathad fada glan a ghabhail seach an rathad goirid salach. B' e an dàrna comhairle gun a bhith a' fuireach ann an taigh-òsta far a bheil seann duine le bean òg bhrèagha agus an treas comhairle gun làmh a thogail ri duine ann an graide nàdair gun èisteachd ri dè tha aige ri ràdh.

Thug an tuathanach deagh each dha agus dh'fhàg e. Choinnich e fear eile a bha a' dèanamh air an aon bhaile puirt. Thuirt am fear seo gun robh fhios aige air rathad goirid tron choille, ach dhiùlt Dòmhnall an rathad seo a ghabhail. Goirid an dèidh dhaibh dealachadh chuala Dòmhnall èigh bhon fhear eile a ghabh an rathad goirid. Bha mèirleach ga robaigeadh ach shàbhail Dòmhnall e. Chaidh an dithis aca an uair sin air an rathad fhada agus an ath latha thàinig iad gu taigh-òsta far an robh seann duine le bean òg. Chaidil Dòmhnall san t-sabhal ach chaidil a chompanach san taigh-òsta. Chuala Dòmhnall marcaiche a' tighinn a-steach dhan t-sabhal feadh na h-oidhche agus bha coltas gun robh e beairteach. Fhad 's a bha am marcaiche a-muigh gheàrr Dòmhnall pìos leathrach bho dhìollaid an eich aige le sgian. Thill am marcaiche an ceann greis agus dh'fhalbh e.

An ath mhadainn fhuair iad an t-òstair air a mhort. B' e companach Dhòmhnaill an aon aoigh a bha san taigh-òsta agus chaidh a choireachadh. Bha iad gus a chrochadh. Dh'innis Dòmhnall mar a thachair tron oidhche agus sheall e dhaibh am pìos leathrach. Chaidh rannsachadh a dhèanamh agus fhuair iad am mortair leis an robh am pìos leathrach.

Sheòl Dòmhnall dhachaigh. Bha i dorcha nuair a ràinig e an taigh. Chuala e srann duine a' tighinn às an t-seòmar-chaidil agus tharraing e an daga aige. Stad an srann agus bhruidhinn gille ri mhàthair - 's e a mhac fhèin a bha ann. Bha an tuathanach air pasgan a thoirt dha airson a thoirt dhan bhean aige. Am broinn a' phasgain bha a h-uile sgillinn a bha e air a chosnadh.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:22:47
Àm Clàraidh - 1970.03
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 10468
Àireamh an Teip Thùsail - SA1970.042
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1970.42.A+B
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R

Seòrsachadh - AT910B;

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/10468/1

Bloighean:
Cluich pàirt 1 (00:22:47)
Cluich pàirt 2 (00:13:07)




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA