Rannsaich

Tha mac an tighearna ann an gaol ri nighean fear de luchd-ob...

Ceann-latha March 1970
Àireamh a’ chlàir 10516
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.043.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.043

Geàrr-chunntas

Tha mac an tighearna ann an gaol ri nighean fear de luchd-obrach na h-oighreachd, a tha a' teicheadh a-null thairis ach a thilleas airson a phòsadh.

Bha mac an tighearna air oighreachd ann an gaol ri nighean fear den luchd-obrach aig athair. Bha eagal air an nighinn gun cuireadh an tighearna a h-athair far na h-oighreachd is dh'fhàg i an dachaigh. Chaidh i a-null thairis air soitheach air an robh i ag obair seach nach robh airgead aice. Nuair a ràinig iad chaidh i a' lorg obrach. Thug fear ann an taigh mòr obair dhi mar shearbhanta. B' e dotair a bh' ann agus bha e a' fuireach na aonar.

Bha e toirmisgte dhi a dhol a-staigh do dh'aon rum anns an taigh. An ceann bliadhna bha an dotair air falbh bhon taigh airson dhà no trì lathaichean. Bha leithid de dh'iongnadh air an nighinn mun rum seo a bha glaiste agus dh'fhosgail i e. Bha seachdnar bhoireannach air an crochadh anns an rum. Nuair a bha i a' glasadh an ruim thionndaidh an iuchair dubh anns a' ghlais agus cha ghabhadh i glanadh. Theich i agus gu fortanach bha an soitheach air an deach i a-null sa phort. Dh'innis i don sgioba mar a thachair dhi. Thàinig an dotair a choimhead air a son ach chuir iad i am falach ann an seòl. Chaidh i dhachaigh.

Bha iomagain mhòr air mac an tighearna bhon àm a dh'fhalbh i. Thuirt i nach pòsadh i e mura faigheadh e àite dha fhèin. Thàinig oighreachd air a' mhargaidh agus thug i air tairgse a chur innte, ged nach robh airgead aige dha fhèin. Nuair a bha iad gus gabhail ris an tairgse aige thàinig marcaiche thuca agus dh'fhaighneachd e cò cheannaich an oighreachd. Thug e an uair sin màileid airgid do mhac an tighearna le còrr air prìs na h-oighreachd innte. Phòs a' chàraid. Nuair a bhàsaich an tighearna bha dà oighreachd aca. Cha robh fios cò thug an t-airgead dhaibh.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math