Mac rìgh, a bha a' fulang dìmeas, a' pòsadh bana-phrionnsa a...
Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe | An ath-chlàr »
Tuilleadh mar seo:
Phòs buachaille nighean...
Le cuideachadh bho tharbh,...
Sgeulachd Buachaille Caora...
Mar a thachair do ghille...

Fiosraichean - Dòmhnall Alasdair Johnson
Luchd-clàraidh - Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach
Geàrr-chunntas - Mac rìgh, a bha a' fulang dìmeas, a' pòsadh bana-phrionnsa agus a' faighinn lùchairt mhòr aig a' cheann thall.
Bha aon mhac aig rìgh ach bhàsaich a' bhanrigh. Chuir e a mhac air falbh agus phòs e a-rithist is bha triùir mhac eile aige. Chuala a' bhanrigh mun chiad mhac agus dh'iarr i air an rìgh a thoirt dhachaigh, ach bhiodh iad a' dèanamh dìmeas air. Rinneadh buachaille dheth ach cha d' fhuair e foghlam idir.
Chuidich tarbh e a thàinig a bhruidhinn ris ach nuair a fhuair a' bhanrigh a-mach mun tarbh bha i airson a mharbhadh. Le cuideachadh an tairbh chaidh a' bhanrigh a mharbhadh agus dh'iarr an tarbh air a' ghille esan a mharbhadh ach gum faigheadh e feadan na chorp a bheireadh comas os-nàdarra dha an tarbh iarraidh air ais airson cuideachadh uair sam bith.
Fhuair an gille obair a' buachailleachd ghobhar còmhla ri cailleach ach dh'iarr i air gun a dhol faisg air dachaighean mòra nam fuamhairean a bha san sgìre. Chaidh esan do na gàrraidhean aca agus mharbh e fear mu seach dhen triùir aca le cuideachadh an fheadain a bha a' tionndadh na tharbh airson am marbhadh. Fhuair e fortan bho gach dachaigh agus chaidh e tron bhaile gach turas air muin làir bhrèagha agus aodach brèagha a bhuineadh do gach fuamhaire. Chunnaic a' bhana-phrionnsa e gach turas air an làir agus ghabh i gaol dheth.
Gach uair a bha e a' tilleadh dhachaigh chun na caillich cha robh e ag innse dhi ach gun robh e air cuid de na gobhair a bha i air a chall a lorg. An dèidh an treas fuamhaire a mharbhadh mharbh e màthair nam fuamhairean aig an robh trì fiaclan le comas os-nàdarra. An latha sin nuair a bha e a' marcachd tron bhaile air an làir bha a lèine fosgailte seach gun robh an t-sìde teth agus chunnaic a' bhana-phrionnsa ball-dòrain air uchd. Bha ise air a bhith a' lorg an duine a bha a' marcachd ach chùm e am falach. Nuair a chaidh i gu taigh na caillich chunnaic i am ball-dòrain air uchd nuair a thug e a lèine dheth. Phòs iad agus fhuair i a-mach gur e prionnsa a bh' ann. Thog e lùchairt mhòr dha a h-athair a fhuair iad air ais nuair a bhàsaich e.
Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:09:33
Àm Clàraidh - 1970.03
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba
Àireamh a' Chlàir - 10527
Àireamh an Teip Thùsail - SA1970.043
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1970.43.A2+B
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R
Seòrsachadh - AT300;
Notaichean a' Chlàir -
Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/10527/1
Bloighean:
Cluich pàirt 1 (00:09:33)
Cluich pàirt 2 (00:24:22)
Tweet
Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe | An ath-chlàr »







