Rannsaich

A Mhic Dhùghaill 'ic Ruairidh

Ceann-latha 17 June 1970
Àireamh a’ chlàir 105316
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.133

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.133

Geàrr-chunntas

Anns a' chumha seo, tha boireannach ag innse gun deach a leannan a mhurt. Bha a piuthar agus a màthair mì-thaiceil ach tha i a' moladh a h-athar. Tha i a' dubh-chàineadh a' bhuachaille. Tha i ag innse na thachair nuair a thugadh ionnsaigh air a leannan. Dh'fheuch i ri a chuideachadh nuair a bha e a' bàsachadh, ach cha do dh'fhàs e na b' fheàrr.

Notaichean a' Chlàir

According to local tradition, this is a Benbecula song. Others have suggested that it originated in Lochaber.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Mac Dhùghaill 'ic Ruairidh

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

'S a Mhic Dhùghaill 'ic Ruairidh
A chuir am buaireadh fo m' chèill-sa
A chuir an tainead mo ghruaidhean
'S a dh'fhàg mo ghruag air dhroch grèidheadh.

A chuir an tainead mo ghruaidhean
'S a dh'fhàg mo ghruag air dhroch grèidheadh.
Gura diombach mi dhem phiuthar
Nighean bhuidh' a' chùil steudaich.

Gura diombach mi dhem phiuthar
Nighean bhuidh' a' chùil steudaich.
'S gura diombach mi dhem mhàthair
Ged is màthair i dhòmhsa.

Gura diombach mi dhem mhàthair
Ged is màthair i dhòmhsa.
Gura buidheach mi dhem athair
'S e nach cuireadh droch sgeul orm.

Gura buidheach mi dhem athair
'S e nach cuireadh droch sgeul orm.
'S gura diombach mi dhen bhuachaill
A bha cuallach na sprèidhe.

Gura diombach mi dhen bhuachaill
A bha cuallach na sprèidhe.
Mac bodachain shuaraich
Dham bu dual bhith 'n gleann geugach.

Mac bodachain shuaraich
Dham bu dual bhith 'n gleann geugach.
A chaidh a dhùsgadh nam balach
Moch sa mhadainn mun d' dh'èirich.

A chaidh a dhùsgadh nam balach
Moch sa mhadainn mun d' dh'èirich.
Air thoiseach bha triùir ann
'S air an tùs bha dà reug ann.

Air thoiseach bha triùir ann
'S air an tùs bha dà reug ann.
'S thuirt mo bhràthair a b' òige
"Leigibh na balaich gu chèile."

Thuirt mo bràthair a b' òige
"Leigibh na balaich gu chèile."
'S thuirt am bràthair bu shine
"Chan e chòir ach an eucoir."

Thuirt am bràthair bu shine
"Chan e chòir ach an eucoir."
'S ann a' dìreadh a' ghàrraidh
A leig thu ghràidh a' chiad èigh às.

'S ann a' dìreadh a' ghàrraidh
A leig thu ghràidh a' chiad èigh às.
'S ann a' teàrnadh a' bhruthaich
A fhuair thu 'm bruthadh a lèir thu.

'S ann a' teàrnadh a' bhruthaich
A fhuair thu 'm bruthadh a lèir thu.
'S gun robh fuil do chom chùbhraidh
A' sruthladh ro d' lèinidh.

Gun robh fuil do chom chùbhraidh
A' sruthladh ro d' lèinidh.
'S ged a dh'òl mi ghaoil pàirt dhith
Cha do shlànaich do chreuchdan.

'S ged a dh'òl mi ghaoil pàirt dhith
Cha do shlànaich do chreuchdan.
'S o nach robh mi 's tu m' eudail
'M Belfast no Dùn Èideann.

O nach robh mi 's tu m' eudail
'M Belfast no Dùn Èideann.
No 'n tìr nam fear dubha
No 'n Còigeamh Mumhan na h-Èireann.

No 'n tìr nam fear dubha
No 'n Còigeamh Mumhan na h-Èireann.
Mun do chuir mi riamh ùidh annad
Lùib ùir a' chùil cheutaich.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math