Rannsaich

Tha Bò Dhubh Agam

Luchd-clàraidh
Ceann-latha 23 July 1959
Àireamh a’ chlàir 106517
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1959.64.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1959.064

Geàrr-chunntas

Tàladh goirid anns a bheil tè ag innse gu bheil bò dhubh aice.

Notaichean a' Chlàir

The contributor learned this song from her mother.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Bhatarsaigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Nan NicFhionghain (NN):

Tha bò dhubh agam, tha bò dhubh bhuam
Tha bò dhubh agam, tha bò dhubh bhuam
Tha bò dhubh agam, tha bò dhubh bhuam
'S tha trì bò breac air an leacaich ud shuas.

'S e bhanarach againne bradag nan taod
'S e bhanarach againne bradag nan taod
'S e bhanarach againne bradag nan taod
A dh'òladh a bhainne 's a mhealladh na laoigh.

Tha bò dhubh agam, tha bò dhubh bhuam
Tha bò dhubh agam, tha bò dhubh bhuam
Tha bò dhubh agam, tha bò dhubh bhuam
'S tha trì bò breac air an leacaich ud shuas.


Seumas Ros (SR): Cò aig a chuala sibh am fear sin, a-nis?

NN: Aig mo mhàthair a chuala mi e, 's ann.

SR: An e tàladh... tàladh a bh' ann?

NN: 'S e tàladh, 's e.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math