Rannsaich

Bà Bà Mo Leanabh Beag

Luchd-clàraidh
Ceann-latha 23 July 1959
Àireamh a’ chlàir 106521
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1959.64.A4

Àireamh an Teip Thùsail

SA1959.064

Geàrr-chunntas

Tàladh anns a bheil boireannach ag ràdh gu bheil an t-eagal oirre nach fhàs an leanabh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Bhatarsaigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Nan NicFhionghain: Agus tha tàladh eile ann cuideachd a bhiodh aca ris an fheadhainn bheaga.

Bà bà mo leanabh beag
Bà bà mo leanabh beag
Gu dè ghaoil a nì mi riut
Is eagal orm nach fhàs thu.

Gu dè ghaoil a nì mi riut
Gu dè luaidh a nì mi riut
Gu dè ghaoil a nì mi riut
Is eagal orm nach fhàs thu.

Bà bà mo leanabh beag
Bà bà mo leanabh beag
Gu dè ghaoil a nì mi riut
Is eagal orm nach fhàs thu.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math