Rannsaich

Cleachdannan bàis agus tiodhlacadh.

Ceann-latha May 1977
Àireamh a’ chlàir 106797
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1977.207.A9; SA1977.207.B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1977.207

Geàrr-chunntas

Cleachdannan bàis agus tiodhlacadh.

'S e boireannaich a bhiodh a' deasachadh a' chuirp. Bha cleachdannan eadar-dhealaichte aig Caitligich. Bhiodh coinnlean timcheall air a' chiste air latha an tòrraidh. Bhiodh clèir a' bhaile uile a' tighinn gus pàirt a ghabhail anns an t-seirbheis.

Bhiodh teaghlaichean a' toirt cuireadh do dhaoine tighinn. Tha cuimhne aig an fhiosraiche gum biodh clann gan toirt seachad do theaghlaichean. Ma bha neach air fhàgail às le mearachd, cha rachadh e dhan tòrradh. An-diugh [1977], bidh fios ann an uinneagan nam bùthan.

Bhiodh ball de gach teaghlach ann an Tobar Mhoire a' dol gu gach tòrradh. Bhiodh obair anns an àite a' stad gus am biodh an tòrradh seachad, agus bhiodh bùthan dùinte air latha an tòrraidh. Bhiodh a' chiste air a còmhdach ann an dubh. Chuirte geal air a' chiste nam b' e leanabh a dh'eug.

Bhiodh na fir a' caithris, agus nam b' e boireannach a dh'eug bhiodh na mnathan cuideachd a' caithris. Bhiodh dramannan ann, agus bhiodh daoine air an cois fad na h-oidhche. Chan eil sin a' tachairt a-nis. Bhiodh na cùirtearan air an tarraing agus an solas air gus am fàgadh an corp an taigh.

Bhiodh leth dhen teaghlach a' fuireach air an cois còmhla ris na daoine a bhiodh a' caithris, gus biadh agus deoch a thoirt dhaibh. Cha bhiodh iad air am fàgail gun taic aig an àm seo. Bhiodh barrachd agus an teaghlach a' caithris.

Bhiodh seirbheis anns an taigh ron tiodhlacadh. Ma bha an taigh ro bheag, sheasadh am ministear aig an doras. Bhiodh seinn ann. Bha ceathrar mhinistearan ann an Tobar Mhoire nuair a bha am fiosraiche òg. Bhiodh iad uile a' dol gu gach tòrradh. A-nis, cha bhi ann ach aon mhinistear. Nì e ùrnaigh aig an taigh agus ùrnaigh eile aig an uaigh. Bhiodh na daoine a' coiseachd dhan chladh aig aon àm. A-nis, bidh iad ann an càraichean.

Tha am fiosraiche ag innse mun eislig. Bha dà dheile ann air an còmhdach le aodach dubh. Bha an duine a bh' air ceann an t-sreath a' stiùireadh cuin a bhiodh sgioba ùr a' tarraing na ciste. Bhiodh ceathrar ann gach turas, a' tòiseachadh leis na dlùth-chàirdean. B' e 'Cobhair na Ciste' a theireadh iad ris an àite air an rathad far am biodh iad a' gabhail fois. Gheibheadh iad uisge-beatha, briosgaidean agus càise. Bhite a' gabhail dràm an dèidh an uaigh a dhùnadh, agus bhiodh biadh agus deoch air a thoirt ann ann an cairt. Bhiodh athair an fhiosraiche a' dèanamh bhriosgaidean airson nan tòrraidhean. Bha iomall orra, oir 's nach tuiteadh an càise dhiubh.

Chuir na ministearan stad air òl aig tòrraidhean. Sguir daoine a choiseachd dhan chladh nuair a dh'fhàs càraichean pailt.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Meadhan Lodainn

Paraiste - Dùn Èideann

Baile/Àite - Dùn Èideann

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Paraiste - Cill Naoi Nighean is Cill Mhòr

Eilean - Muile

Baile/Àite - Tobar Mhoire

Cànan

Beurla, Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math