Rannsaich

Tarbh Mhic Eòin

Ceann-latha October 1966
Àireamh a’ chlàir 107093
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1966.96.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1966.096

Geàrr-chunntas

Port-à-beul mu tharbh agus muc. Dhùraigeadh ùghdar an òrain am marbhadh. Tha am port ann an cumadh srath spè gu ìre mhòr.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

('S) O gum marbhainn é gum marbhainn,
O gum marbhainn tarbh Mhic Eòin.
O gum marbhainn é gum marbhainn,
O gum marbhainn tarbh Mhic Eòin.

'S aotrom e dol ron mhonadh,
'S aotrom e dol ron cheò.
'S aotrom e dol ron mhonadh,
O gum marbhainn tarbh Mhic Eòin.

O gum murtainn é gum murtainn,
O gum murtainn muc Mhic Eòin.
O gum murtainn é gum murtainn,
Muc is plucan air a sròin.

'S aotrom e dol ron mhonadh,
'S aotrom e dol ron cheò.
'S aotrom e dol ron mhonadh,
O gum marbhainn tarbh Mhic Eòin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math