Rannsaich

Balach a fhuair pìobaireachd o shìtheach.

Ceann-latha 1969
Àireamh a’ chlàir 107301
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1969.117.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1969.117

Geàrr-chunntas

Balach a fhuair pìobaireachd o shìtheach.

Thàinig pìobairean airson farpais a dhèanamh eadar iad fhèin agus teaghlach ainmeil de phìobairean à Bòirnis. Bha aon ghille anns an teaghlach nach cluicheadh idir. Fhuair esan gibht na pìobaireachd o shìtheach mun do thòisich an fharpais. Nuair a chuala na pìobairean am fear nach cluicheadh ma b' fhìor, dh'fhalbh iad gun aon phong a chluich.

Tha am fiosraiche ag innse gun d' fhuair Clann MhicCruimein na gibhtean aca o na sìthichean. Tha e a' bruidhinn air sìthichean anns an fharsaingeachd.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Baile/Àite - Bornais

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math