Rannsaich

Conall Gulban.

Ceann-latha 1969
Àireamh a’ chlàir 107302
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1969.117.A3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1969.117

Geàrr-chunntas

Conall Gulban.

Dh'eug Rìgh Èireann le cridhe briste an dèidh dhan bhanrigh bàsachadh, a' fàgail mac òg air an robh Conall. Chaidh athair an rìgh na àite, agus nuair a dh'fhàs Conall suas chuir e air falbh e a' lorg bean le gruag cho dubh ri fitheach, muineal cho geal ris an t-sneachda, agus gruaidhean cho dearg ris an fhuil. Dh'fhalbh e le ball agus caman òir. Thug e suas an ceann treis agus bha e air a rathad dhachaigh nuair a thachair e ri fear a bha a' bùidsearachd ainmhidh. Dh'innis e dha mun bhoireannach a bha e a' sireadh agus dh'fhaighnich e dhan duine am b' aithne dha a leithid. Dh'innis an duine dha far am faigheadh e i. Chaidh e chun an taighe agus dh'iarr e a dhol a shabaid, ach chaidh a dhiùltadh. Bhrist e a-steach agus fhuair e an nighean. Chaidh feadhainn air a thòir, ach cheangail e an nighean ri craoibh agus mharbh e iad leis a' chaman. Thàinig cuid eile air a thòir agus mharbh e iadsan cuideachd, ach chaill e an nighean. Ràinig e an cladach agus thug e air fear aiseag gu eilean. Nuair a ràinig iad, theich fear a' bhàta. Chunnaic e bàta eile. Bha an nighean an sin, agus fear na chadal ri taobh. B' e seo a sheanair, a thug an nighean air falbh nuair a bha Conall a' sabaid. Thill e a dh'Èirinn, phòs e an nighean, agus chaidh e na rìgh.

Notaichean a' Chlàir

The contributor learned this story from his father.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math