Rannsaich

Eachdraidh na Fèinne.

Ceann-latha 1969
Àireamh a’ chlàir 107304
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1969.117.B1+118.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1969.117

Geàrr-chunntas

Eachdraidh na Fèinne.

Bha an Fhinn a' fuireach ann an Èirinn. Bha iad uabhasach làidir. B' e Cumhal a bh' air an ceann agus nam measg bha Oisean, Caoilte 's eile. Bha iad a' cur dragh air Rìgh Èireann. Chuir an Fhinn Arca Dubh a-mach às a' bhuidheann agus chaidh e chun an rìgh. Dh'innis esan dha mar a mharbhadh e Cumhal. Thug e air nighean Rìgh Lochlainn Cumhal a phòsadh. Cha ghabhadh a mharbhadh ach le bhith air a dhì-cheannadh leis a' chlaidheamh aige fhèin, Mac an Luinn, an dèidh dha a bhith còmhla ri boireannach. Air oidhche na bainnse, chaidh Arca Dubh am falach fon leabaidh agus mharbh e Cumhal.

Dh'fhàs an Fhinn gann de bhiadh. Bha bean Chumhail trom. Nam b' e gille a bhiodh aice, bhathar a' dol ga mharbhadh. Bha dithis aice, nighean agus gille. Dh'fhalbh boireannach leis a' ghille agus chaidh i am falach anns a' choille. Mharbh i a bràthair gus am pàiste a chumail sàbhailte. Lean an gille a mhuime dhan bhaile aon latha agus chunnaic e clann a' cluich anns an uisge. Phut e sìos iad ged nach dèanadh iad snàmh. B' ann aig an àm seo a fhuair e an t-ainm Fionn air sgàth 's gun robh falt bàn air. Chaidh daoine air a thòir, agus thog e a mhàthair agus ruith e dhachaigh leatha. Leis a seo, mharbh e i.

Thachair e ri iasgair a gheall breac dha nan bruicheadh e an t-iasg gun balg-losgaidh a nochdadh air a chraiceann. Dh'fhailnich e air seo a dhèanamh. Loisg e a mheur a' feuchainn ris am balg-losgaidh fhalach agus chuir e i na bheul. Sin mar a lorg e an deud-fiosachd aige. Dh'innis an deud dha gur e an t-iasgair a mhurt athair, agus gun robh claidheamh Chumhail anns an taigh aige. Chaidh Fionn a dh'iarraidh claidheamh Chumhail air bean Arca, ach fhuair e an claidheamh ceàrr. Chaidh e air ais agus fhuair e am fear ceart. Mharbh e Arca Dubh le Mac an Luinn. Bha Bran, an cù aig Cumhal, còmhla ri Arca Dubh, ach dh'fhalbh e còmhla ri Fionn.

Mharbh Fionn agus Bran biast a bha a' toirt duine air falbh à baile sònraichte gach bliadhna. Bha an Fhinn gann de bhiadh on a chaill iad Cumhal. Fhuair Bran iomadh fiadh dhaibh agus chaidh Fionn an àite athar.

Bha mac aig piuthar Fhionn, air an tug i Diarmad, agus chaidh e còmhla ris an Fhinn. Bha an rìgh fhathast a' dèanamh dragh, agus a' toirt leis nam fiadh. Fhuair e fear dham b' ainm am Blàr Buidhe mar gheàrd. Bha luchd-leantail aigesan cuideachd. Aon latha, ràinig Fionn agus a chuideachd an taigh aige agus dh'fhuirich iad gus an tàinig e. Rinn am Blàr Buidhe carraighean-cloiche dhe na fir aig Fionn, loisg e na casan aige, agus chùm e e na phrìosanach. Rinn Fionn an gnothach air teicheadh an ath latha agus chaidh Diarmad chun a' Bhlàir Bhuidhe. Le slat-draoidheachd thug esan beò na fir aig Fionn agus chuir e dhachaigh iad. Rinn e carraighean-cloiche dhe na fir aig a' Bhlàr Bhuidhe agus rinn e air mar a rinn esan air Fionn. [Tha mearachd anns a' chlàradh an seo agus tha pìos beag a dhìth aig deireadh na sgeulachd.]

Notaichean a' Chlàir

The contributor learned this story from his father. A fault in the tape means the ending has been lost.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math