Rannsaich

Am mac bu shine aig an tuathanach agus am mac bu shine aig R...

Ceann-latha 1971
Àireamh a’ chlàir 107325
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1971.42.A+B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1971.042

Geàrr-chunntas

Am mac bu shine aig an tuathanach agus am mac bu shine aig Rìgh Èireann.

Bha sianar ghillean aig Rìgh Èireann. Thàinig Rìgh Alba agus a mhac air chèilidh orra, agus dh'fhaighnich Rìgh Èireann dhan phrionnsa Albannach am faca e a-riamh teaghlach cho àlainn. Thuirt esan gum faca. Bha tuathanach aig an taigh le teaghlach na b' àlainne. Chuireadh am prionnsa dhan phrìosan gus an tigeadh iad. Thàinig iadsan nuair a fhuair iad brath. Bha sabaid le claidhnean eadar iadsan agus mic an rìgh agus cha b' fhada gus nach robh air fhàgail beò de chlann an rìgh ach an gille bu shine.

Chaidh esan ann an neul nuair a chunnaic e a bhràithrean marbh. Fhuair am prionnsa Albannach às a' phrìosan agus chaidh mic an tuathanaich dhachaigh, ach am fear bu shine. Dh'fhuirich esan feuch dè thachradh dhan ghille bu shine aig an rìgh. Bha esan air laighe leapa agus cha ghabhadh a leigheas. Gach turas a rachadh e a-mach, dh'fhàsadh e tinn a-rithist nuair a chitheadh e far an do chaill a bhràithrean am beatha. Fhuair an rìgh comhairle a chur gu muir agus fhuair e obair dha air bàta. Fhuair mac an tuathanaich obair air an dearbh bhàta agus chùm e sùil air.

Chaidh am bàta a mhilleadh air costa Afraga. Shàbhail mac an tuathanaich mac an rìgh, ach cha robh beò ach iad fhèin. Bha coilltean timcheall orra. Rinn iad teanta bho sheòl agus chuir mac an tuathanaich seachad grunn lathaichean a' dèanamh rathad gu iomall na coille. An sin chunnaic e pàileas. Bha nighean gheal anns a' ghàrradh. Thàinig ise cuideachd o bhàta a chaidh a mhilleadh agus bha i na prìosanach aig an duine dham buineadh a' phàileas, oir bha esan ag iarraidh a pòsadh. Bha esan a-muigh a' sealg airson biadh na bainnse. An ath latha, thill mac an tuathanaich le mac an rìgh agus dh'fhuirich iad gus an tilleadh an duine a bha a' sealg. Chuir mac an tuathanaich mac an rìgh a thoirt dùbhlan dha. Chaidh iad a shabaid agus bha an sealgair a' buinnig, ach thàinig mac an tuathanaich agus mharbh e e.

B' ann le bràthair an duine a bha na bàtaichean air fad. Nuair a chaidh mac an tuathanaich thuige a dh'iarraidh bàta, dhiùlt e agus chaidh iad a shabaid. Dh'aontaich e bàta a thoirt dha gus a bheatha fhèin a shàbhaladh, agus dh'iarr e air mac an tuathanaich fuireach an oidhche sin. Dh'fheuch e ris an gille a mharbhadh tron oidhche, ach dh'fhuirich an gille air a chois agus gheàrr e an làmh far an duine aig an robh na bàtaichean.

An ath latha, thug an gille leis mac an rìgh agus an nighean agus sheòl e gu ruige Èirinn. Dh'innis e do mhac an rìgh cò e. Thairig an rìgh dha pàirt dhen oighreachd aige agus an nighean aige gus a pòsadh. Bha an nighean a shàbhail e cuideachd ag iarraidh a phòsadh, ach ghabh ise mac an rìgh.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math