Boban Saor agus a mhac a' togail caisteal do Rìgh Lochlainn....

Ceann-latha
Àireamh a' chlàir 107370
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.206.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.206

Geàrr-chunntas

Boban Saor agus a mhac a' togail caisteal do Rìgh Lochlainn.

Bha Boban Saor pòsta agus bha e na shàr shaor. Bha aon mhac aige nach robh cho comasach ris fhèin. Chuir Boban e dhan mhargadh agus dh'iarr e air caoraich a reic, ach an toirt air ais thuige. Bha aon bhoireannach a dh'aontaich ri seo. Thug i leatha iad agus fhuair i fir gus an rùsgadh. Phàigh i airson na clòimhe agus thug an gille air ais na caoraich gu athair. Chuir Boban an gille a phòsadh a' bhoireannaich, agus dh'aontaich i.

Bha snighe anns an taigh. Aon latha, chunnaic i Boban a' tughadh a thaighe fhèin. Rinn ise tuill anns an tughadh aige. Cha robh Boban a' tuigsinn dè mar a thachradh seo, agus thuirt e: "Shìn mise a h-uile mac gas a chuir mi air an taigh cho sìnte 's ghabhadh e sìneadh." Nuair a bha an duine aice a' tughadh an taighe, dh'innis i dha mar a bha athair ga dhèanamh, agus bha an tughadh gu tur dìonach. Theagaisg a' bhean a h-uile rud dha anns an aon dòigh.

Dh'iarr Rìgh Lochlainn air Boban Saor caisteal a thogail dha. Chaidh a mhac còmhla ris. Ràinig iad Lochlann aig a' cheann thall, an dèidh do bhean a' ghille cùisean a dhèanamh rèidh an dèidh beagan de dhragh aig an toiseach. Dh'iarr bean a' ghille air leannan fhaighinn am measg nan searbhantan. Nuair a bha an caisteal cha mhòr deiseil, dh'innis an searbhanta dhan ghille gun robhar am beachd e fhèin agus athair a mhurt. Chuidich bean a' ghille e fhèin agus athair a shàbhaladh, oir rinn i an gnothach air mac an rìgh a ghlasadh san taigh aice. Chuir Boban agus a mhac crìoch air a' chaisteal. Fhuair iad an t-airgead, agus thill iad dhachaigh gu sàbhailte.

Notaichean a' Chlàir

The contributor learned this story from his father.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Boban Saor

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Uill, ma-thà, seo mar a chuala mise mun eachdraidh a tha seothach mu dheidhinn Boban Saor. Tha e coltach leam gur e saor ainmeil a bh' anns an duine, nach robh a leithid ri fhaighinn an àite sam bith. Agus bha e pòsta, agus bhiodh e daonnan a' saorsainneachd, agus bha... rugadh aona mhac dha.

Agus bha an gille seothach dh'fhàs e suas, agus nuair a thàinig e seothach gu aois duine 's airson obair, cha robh e cho dòigheil ri athair idir, agus cha robh e a' còrdadh fuathasach math ri athair idir nach robh barrachd eanchainn ann 's a bh' ann, 's nach togadh e rudan a bha e a' faicinn na b' fheàrr na bha e a' togail.

Ach an triop a bh' ann a sheothach co-dhiù bha caoraich aig Boban Saor, agus dh'fhalbh e agus chuir e an gille air falbh chun a' mhargaidh leotha, le feadhainn aca gan creic. Agus thuirt e ris a' ghille:

"A-nist," ars esan, "creicidh tu na caoraich," ars esan, "agus bheir thu thugamsa na caoraich dhachaigh air ais."

Uill, dh'fhalbh an gille, agus bha e a' studaigeadh aige fhèin gu dè mar a bha e a' dol a dhèanamh seo. Ach chaidh e chun a' mhargaidh co-dhiù, 's thàinig grunn far an robh e. An-dràsta 's a-rithist duine a' tighinn far an robh e airson caoraich, dè bha e ag iarraidh air na caoraich.

Uill, bha an gille ag innse dhaibh na cùmhnantan a bh' aige na caoraich ri chreic, an creic agus an toirt dhachaigh gu athair air ais. Agus cha robh duine a' gabhail nan caorach no a' ceannach nan caorach bhuaithe. Ach thachair... thàinig an seo boireannach mu chuairt, boireannach òg, agus dh'fhaighneachd i dheth an ann a' creic nan caorach a bha e. Thuirt e gura h-ann.

"Dè," ars ise, "tha thu ag iarraidh orra?"

"Uill," ars esan, "innsidh mi sin," ars esan, "dè tha mi ag iarraidh. Chan eil fhios agamsa," ars esan, "dè tha mi a' dol a dh'iarraidh," ars esan, "ach tha agam ris na caoraich," ars esan, "a chreic," ars esan, "agus tha agam ri an toirt dhachaigh gu m' athair air ais."

"Ò, glè cheart," ars ise. "Lean thusa mise," ars ise, "agus bheir leat na caoraich," ars ise.

Uill, dh'fhalbh e 's thug e leis na caoraich còmhla ris a' bhoireannach 's dh'fhalbh am boireannach. Ràinig i àite ann a shineach 's stad i ann. Agus fhuair i... thuirt i:

"Fan thusa ann a shin a-nist mionaid bheag," ars ise.

Agus dh'fhalbh i agus thàinig i agus triùir no cheathrar aice agus thuirt i riutha:

"Siuthadaibh," ars ise, "rùisgibh na caoraich a tha sin," ars ise, "a h-uile tè dhiubh," ars ise.

Agus thòisich iad air rùsgadh nan caorach, 's rùisg iad na caoraich. Agus nuair a rùisg iad na caoraich an seothach dh'fhaighneachd... thug i dha a leithid seo co-dhiù airson na clòimhe, agus thuirt i ris:

"Seo a-nist," ars ise, "bheir leat na caoraich dhachaigh gu d' athair," ars ise, "agus siud," ars ise, "pàigheadh na clòimhe."

Uill, ràinig an gille athair, agus:

"Seadh," ars esan, "tha thu air tighinn leis na caoraich."

"Tha," arsa... ars an gille.

"Cha do chreic thu idir iad," ars esan.

"Cha do chreic," ars esan. "Chan fhaighinn-sa creic dhaibh," ars esan, "an dòigh anns an do dh'iarr sibh orm," ars esan. "Ach," ars esan, "cheannaich," ars esan, "boireannach... thug boireannach leatha iad," ars esan, "còmhla rium," ars esan, "agus rùisg i na caoraich," ars esan, "agus chùm i aice a' chlòimh," ars esan, "agus tha airgead na clòimhe ann a sheo," ars esan.

"'S am faithnicheadh tu," ars esan, "am boireannach sin a-rithist?" ars esan,

"Tha mi a' smaointinn," ars an gille, "gum faithnicheadh."

"Uill," ars esan, "bi thu a' tilleadh," ars esan, "air a' chois-cheum cheunda air ais," ars esan, "agus," ars esan, "ma... gheibh thu am boireannach sin," ars esan, "'s ma phòsas i thu," ars esan, "pòs am boireannach seo," ars esan. "Faigh i... faigh i," ars esan, "'s bheir thugad mar bhean i," ars esan.

Uill, 's e seo an rud a rinn an gille co-dhiù. Thill e, 's ràinig e an t-àite anns an robh e roimhe 's thachair i ris.

"A bheil thu air tighinn a-rithist idir... cuideachd... an-dràsta?" ars ise.

"Tha," ars esan.

Dh'innis e dhi mar a bha.

"Ò, glè cheart," ars ise. "Tha mise deònach gu leòr," ars ise, "sin a dhèanamh," ars ise.

Uill, 's e seo an rud a rinn e co-dhiù. Phòs e am boireann-... an nighean a bh' ann a sheo. Agus thàinig e... thàinig e dhachaigh leatha, agus chaidh e gu ruige taigh a bh' ann leis fhèin, e fhèin 's ise. 'S bha athair 's a mhàthair bha iad a-staigh aca fhèin.

Uill, bhiodh ise daonnan a-nist, bhiodh i latha... bha i daonnan... an taigh acasan, nam biodh an t-uisge ann bha an t-snighe ann daonnan. Ach chunnaic i Boban Saor an latha a bha seothach ag obair air tughadh an taighe, agus thugh e an taigh. Agus cho math 's gun tughadh iadsan an taigh, an duine aicese, bha an... bha an t-snighe ann daonnan. Agus air feadh na h-oidhche dh'èirich i agus dh'fhalbh i agus thug i leatha pìos biorain maide cruinn, agus thòisich... dhìrich i gu taigh Bhobain Saoir agus thòisich i air tolladh an taighe an siud 's an seo leis a' mhaide.

Ach eadar sin 's madainn thàinig an t-uisge, agus shìl i gu dubh. Agus dh'fhalbh ise agus chaidh i sìos a thaigh Bhobain Shaoir, agus:

"Uill," arsa Boban Saor, ars esan, "tha e a' cur neònachas orm," ars esan, "an rud a tha seo an-diugh," ars esan.

"Dè rud a tha sin?" ars ise.

"Tha an t-snighe," ars esan. "Agus," ars esan, "bha mise," ars esan, "cha robh dad snighe agamsa riamh," ars esan, "agus chan eil," ars esan, "fad sam bith o thugh mi an taigh," ars esan, "mar a chunna sibh fhèin," ars esan. "Agus shìn mise," ars esan, "a h-uile mac gas," ars esan, "dhe na chuir mi air an taigh," ars esan, "cho sìnte 's a ghabhadh e sìneadh," ars esan, "oir 's gun ruitheadh an t-uisge dheth 's cha robh gas lùbte dheth. Agus tha e uabhasach neònach leam," ars esan, "mar a tha e an-diugh le snighe," ars esan.

Uill, cha robh air a seothach ach seo fhèin co-dhiù. Dh'fhalbh ise dhachaigh. Agus thòisich iad beagan lathaichean às a dhèidh sin, thòisich an duine aice air tughadh an taighe. Agus thug ise air a h-uile mac gas a bha i... a bha e a' cur air an tughadh a bhith air a shìneadh a-mach dìreach, 's nach robh gas ri bhith lùbte ann. Agus rinn e seo. Agus cha robh snighe... snighe acasan iad fhèin san taigh a-nist. Bha iad a cheart cho math ri Boban Saor.

Agus an latha a bha... dh'fhalbh i... dh'fhalbh i seothach triop eile gu ruige taigh Bhobain. Agus bha... bha Boban a-nist cho math air an tàl agus gun toireadh e spiolgan far an uighe. Agus chunnaic ise e ag obair air. Agus dh'fhaighneachd e dhith:

"Seadh," ars esan, "gu dè tha an duine agaibh fhèin a' dèanamh an-diugh?" ars ise.

"Uill," ars ise, "dh'fhàg... 's e an cosnadh a dh'fhàg mise e," ars ise, "'s ann ag obair air spiolgadh ugh le tàl a bha e," ars ise.

"Ò, Dhia," arsa Boban, "'s e a dh'fheumas uilinn a chumail goirid dha iosgaid mun dèan e sin," ars esan.

"Ò, chan eil fhios agamsa," ars ise, "ach siud an cosnadh a bh' aige co-dhiù. Tha mi cinnteach," ars ise, "nach bi spiolgadh ann, ach bha e a' feuchainn air," ars ise.

Uill, 's ann mar seothach a bha. Dh'fhalbh i dhachaigh. Agus nuair a dh'fhalbh i dhachaigh fhuair i ugh, agus bhruich i an t-ugh, agus thug i airsan tòiseachadh leis an tàl agus thug i air mun do stad i, gun toireadh e spiolgan far an uighe a cheart cho math ri athair, latha sam bith.

Agus bha i ga ionnsachadh a-nist mar sineach, a h-uile sìon ga thogail o Bhoban Saor 's bha ise a' toirt airsan gun dèanadh e e.

Ach co-dhiù, cò... bha Rìgh Lochlann an seo ag obair air togail caisteal. Agus mar a chualas mu Bhoban anns gach àite, chualas an sin e, agus chuireadh brath... chuir e brath gu Boban Saor, feuch an rachadh e thogail a' chaisteil dha. Agus fhuair Boban Saor am brath 's dh'innis e dhan ghille e, airson gum falbhadh e còmhla ris.

Uill, bha an gille deònach gu leòr falbh còmhla ris. Agus rinn iad a-nist airson... sgrìobh Boban Saor chun an rìgh air ais agus dh'innis e gum biodh iad a-null air a leithid seothach a dheit. Agus an latha a bha seothach co-dhiù rinn iad airson falbh, agus thug iad leotha a h-uile h-acfhainn a bh' aca, airson an obair a bhiodh aca co-dhiù, de dh'uidheam shaorsainneachd 's dhen a h-uile seòrsa.

Agus dh'fhalbh iad an seo, an dithis, agus dh'fhàg iad slàn aig na boireannaich, agus ghabh iad air falbh. Agus bha iad an seothach pìos air falbh bhon taigh gu math. Thuirt Boban Saor ris a' ghille:

"Siuthad thusa," ars esan, "tarraing thusa mise an-diugh," ars esan, "agus tàirngidh mise thusa a-màireach," ars esan.

"An e mise?" ars an gille.

"Seadh," arsa Boban.

"An-tà, 's tusa a bhios treis mar sin. Chan eil mise a' dol gad tharraing an-diugh," ars esan, "no gun tarraing thusa mise a-màireach," ars esan.

Agus chuir e mu chuairt dhachaigh.

Chaidh e dhachaigh 's dh'fhaighneachd ise dheth:

"A bheil thu air tilleadh," ars ise.

"Tha," ars an gille, ars esan.

"Dè," ars esan... ars ise, "a thill thu?"

"Innsidh mi sin," ars esan. "Thuirt m' athair rium," ars esan, "mise esan a tharraing an-diugh," ars esan, "agus gun tàirngeadh esan mise a-màireach."

"A-mach, a-mach à seo, às mo shealladh anns a' mhionaid thu," ars ise. "An rud a bha d' athair a' minigeadh," ars ise, "thusa esan a chumail ann an naidheachdan an-diugh agus gun cumadh esan thusa a-màireach ann an naidheachdan. Agus bi a' falbh anns a' mhionaid," ars ise.

Uill, dh'fhalbh an gille 's chaidh e sìos far an robh athair 's dh'fhalbh iad an uair sin a-rithist.

Ràinig iad co-dhiù a-null Lochlann 's thòisich iad ri obair. Agus am facal mu dheireadh a thuirt ise ris a... ris a' ghille nuair bha e a' falbh:

"A-nist," ars ise, "ge brith cà an tèid thusa ag obair gu bràth," ars ise, "na bi," ars ise, "ann an àite gu bràth ag obair," ars ise, "gun leannan, agus tha mise a' toirt a' chomhairle sin ort," ars ise.

Uill, bha iad ag obair aig a' chaisteal. Bha a-nist tè dhe na h-igheanan a bha ag obair mun chaisteal a bh' aig an rìgh, na searbhanta no rudeigin, bhiodh esan daonnan a' bruidhinn rithe, 's fhuair iad car a-staigh air a chèile, agus bhiodh iad daonnan a' coinneachadh 's a' bruidhinn 's rud dhen t-seòrsa sin. 'S cha bhiodh sìon a bhiodh a' dol mun chaisteal nach biodh an nighean ag innse dhaibhsan.

Uill, bha an caisteal a-nist air thuar a bhith ullamh. Agus thuirt an nighean ris-san an oidhche a th' ann a... a bh' ann a sheothach ris a' ghille 's i air tachairt ris:

"A bheil fhios agad," ars ise, "dè tha iad a' sgeamachadh an-dràsta?" ars ise.

"Chan eil fhios a'm," arsa mac Bhobain Shaoir.

"Tha iad," ars ise... "Chuala mi iad," ars ise, "a' bruidhinn, an rìgh," ars ise, "a' bruidhinn air," ars ise, "gu bheil airgead mòr agaibh," ars ise, "ri fhaighinn," ars ise, "agus gu bheil iad a' smaointinn," ars ise, "crìoch a chur oirbh," ars ise, "nuair bhios an caisteal ullamh."

"Ò, seadh," ars esan.

"Uill," ars ise, "siud," ars ise, "a chuala mise iad ag obair air," ars ise.

Uill, 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Làrna-mhàireach co-dhiù bha Boban 's an gille ag obair. Dh'innis an gille seothach dha athair, mar a chuala e mar a bha an nighean ag innse dha.

"Leig thusa dhomh," arsa Boban, ars esan. "Seallaidh sinn às a dhèidh sin," ars esan.

Co-dhiù seothach, bha an caisteal air thuar a bhith ullamh ach aon phìos beag a bha ri dhùnadh dheth. Agus thàinig Boban a-nuas às a' mhullach 's thàinig an gille a-nuas às a' mhullach. 'S cò thàinig mu chuairt ach an rìgh.

"A bheil sibh," arsa... ars an rìgh, ars esan, "ullamh dheth?"

"Ò, chan eil fhathast," arsa Boban, ars esan, "sinn ullamh idir dheth," ars esan. "Agus," ars esan, "chan eil rathad againn a bhith ullamh dheth," ars esan, "gus am faigh mise," ars esan, "bearraid a tha a dhìth orm," ars esan. "Thachair dhomh," ars esan, "gun do dh'fhàg mi a-staigh i," ars esan. "Cha robh smaointinn agam gun tigeadh a leithid seo mu m' choinneamh," ars esan.

Agus:

"Ò," ars an rìgh, ars esan, "dè a' bhearraid a tha sin?" ars esan. "Cuiridh mise," ars esan, "mo mhac fhìn," ars esan, "air falbh ga h-iarraidh," ars esan, "agus gille còmhla ris. Cha ruig sibhse a leas," ars esan, "falbh."

"Uill, ma-thà," ars an rìgh, "glè..." arsa Boban, ars esan, "glè cheart, ma-thà," ars esan. "Thig an gille ann a sheothach," ars esan, "agus innsidh mise dha," ars esan, "gu dè a' bhearraid a tha a dhìth orm."

Uill, rinn mac an rìgh deiseil, e fhèin agus fear eile, gu falbh còmhla ris. Agus thàinig iad far an robh Boban, agus:

"A-nist," arsa Boban, ars esan, "nuair a thèid sibh chun nan taighean againn," ars esan, "thèid sibh chun an taighe as giorra," ars esan, "dhan rathad dhiubh," ars esan. "Agus," ars esan, "canaidh sibh ris a' bhoireannach a tha sin," ars esan, "gu bheil Boban ag iarraidh," ars esan, "car mu char agus car an aghaidh cuir."

"Glè cheart," ars an gille, ars esan, mac an rìgh.

Dh'fhalbh iad. Thàinig iad a-nall. Ge brith cà an robh iad. 'S ann a bhos an taobh seo a bha Boban co-dhiù, ge brith càit an robh e no cò an rìoghachd anns an robh e. Ach thàinig iad a-nall co-dhiù, agus fhuair iad ionnsachadh air taigh Bhobain Shaoir, agus rinn iad air an rathad thuige, agus ràinig iad an t-àite, agus chunnaic iad a-nist an taigh a bh' ann a sheothach bu ghiorra dhan rathad. Agus chaidh iad chun an taighe, agus bhuail iad aig an doras, agus thàinig ise chun an dorais.

"Seadh," ars ise, "'s e srainnsearan a th' annaibhse," ars ise.

"'S e," arsa mac an rìgh, ars esan. "Tha sinn dìreach air tighinn às Lochlann," ars esan.

"Dè," ars ise, "a bheil sìon ceàrr," ars ise, "air Boban?"

"Ò, chan eil," ars esan, "sìon ceàrr. Tha iad ann an deagh shlàinte," ars esan, "ach tha sinn," ars esan, "ag iarraidh bearraid a dh'fhàg e," ars esan, "an dìochuimhne. 'S chan fhaigh e crìoch a chur air a' chaisteal," ars esan, "gus am faigh e a' bhearraid a tha sin," ars esan.

Agus:

"Ò, seadh, ma-thà," ars ise. "Dè... dè," ars ise, "a' bhearraid a bha dhìth air?" ars ise.

"Bha," ars esan, "car mu char," ars esan, "agus car an aghaidh cuir."

"Ò, seadh," ars ise. "Ò, tha... tha sin ann, ceart gu leòr. Thigibh a-staigh mar seo," ars ise. "Tha e ann a sheo," ars ise, "san rùm... rùm ann a sheo aige," ars ise.

Agus dh'fhalbh i 's ghabh i a-suas gu ruige an rùm, agus ghabh esan a-staigh às a dèidh. Agus nuair a chaidh esan a-staigh dhan rùm thill ise air a sàil agus ghlas i an doras. Agus chaidh i a-mach dhan doras agus thuirt i ris an fhear a bha a-muigh:

"Thalla thusa," ars ise, "air ais," ars ise, "gu ruige Lochlann," ars ise. "Agus canaidh tu ri Rìgh Lochlann," ars ise, "nach tèid an acfhainn bheag a-null," ars ise, "gus an tig an acfhainn mhòr a-nall."

Uill, dh'fhalbh an gille 's thill e air ais. Agus ràinig e Lochlann. Agus thugadh [???] 's dh'fhaighneachd e:

"Seadh, dè mu dheidhinn?"

Ò, dh'innis an gille dha dìreach mar a thuirt i ris, nach rachadh an acfhainn bheag a-null gus an tigeadh an acfhainn mhòr a-nall.

"Ò, seadh," ars an rìgh, ars esan. "Tha mi a' tuigsinn a' ghnothaich. Cuir thusa crìoch," arsa... ars an rìgh, ars esan ri Boban, "cuir thusa crìoch air a' chaisteal," ars esan, "agus gheibh... bi thu a' falbh dhachaigh."

Agus chaidh an gille 's Boban an lùib a' chaisteil 's chuireadh crìoch air a' chaisteal. 'S nuair a chuir iad crìoch air a' chaisteal fhuair iad a h-uile sgillinn a bh' aca ri fhaighinn o Rìgh Lochlann. Agus thàinig iad a-nall dhachaigh, agus leigeadh an uair sin air falbh mac an rìgh dhachaigh chun an rìgh. Agus sin mar a chuala mise mar a thachair do Bhoban an triop sin.

Aonghas Iain Dòmhnallach (AI): Ò, tha sin math. Agus cò aig a-nist a chuala sibh...

DA: Ò, aig m' athair.

AI: Aig ur n-athair a bha sin cuideachd.

DA: 'S ann.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math