Rannsaich

Boban Saor agus a mhac a' togail caisteal do Rìgh Lochlainn....

Ceann-latha 1970
Àireamh a’ chlàir 107376
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.206.B3+207.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.206

Geàrr-chunntas

Boban Saor agus a mhac a' togail caisteal do Rìgh Lochlainn.

Dh'fhaighnich Boban Saor dha mhic dè bu chòir a dhèanamh mu dheidhinn abhainn fhuaimneach a bha ga chumail na dhùsgadh. Thuirt fear gum bu chòir balla fiodh a thogail oir 's nach cluinneadh e am fuaim. Thuirt am fear eile gum bu chòir an taigh a ghluasad.

Dh'iarr Boban Saor air a' ghille caoraich a reic aig tastan gach caora, agus an toirt air ais dhachaigh. Thachair e ri nighean a dh'aontaich ri seo agus thug i na caoraich leatha gu a taigh fhèin. An ath latha bha na caoraich air an rùsgadh. Phàigh ise airson na clòimhe agus thug an gille na caoraich dhachaigh gu athair. Dh'iarr Boban Saor air a' ghille an nighean seo a phòsadh. Dh'aontaich i, agus thug an gille dhachaigh i.

Chaidh iarraidh air Boban Saor agus a mhac caisteal a thogail ann an Lochlann. Dh'iarr Boban air a mhac leannan a ghabhail, oir 's gum biodh fios aige air dè bha a' tachairt. Thagh e tè a bha na bean-taighe. Dh'innis ise dha gun robhar an dùil e fhèin agus athair a mharbhadh nuair a bhiodh an caisteal deiseil. Dh'innis an gille dha athair.

Thuirt Boban Saor ris an rìgh gun robh bearraid a dhìth air, agus nach biodh an caisteal deiseil gus am faigheadh e e. Bha sin aig an taigh ann an Èirinn. Chuir an rìgh a mhac a dh'Èirinn gus fhaighinn. Thuig bean a' ghille an teachdaireachd aig mac an rìgh. Dh'iarr i air na maoir a chur an grèim agus chaidh a chur dhan phrìosan. Chuir i teachdaireachd gu Rìgh Lochlainn nach fhaigheadh e an gille air ais gus am biodh an duine aice agus Boban Saor air ais gu sàbhailte. Fhuair iad am pàigheadh agus thill iad gu sàbhailte.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Boban Saor

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math