Rannsaich

Boban Saor agus a mhac a' togail caisteal do Rìgh Lochlainn....

Ceann-latha 1971
Àireamh a’ chlàir 107462
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1971.186.A8

Àireamh an Teip Thùsail

SA1971.186

Geàrr-chunntas

Boban Saor agus a mhac a' togail caisteal do Rìgh Lochlainn.

Bha Boban Saor pòsta agus bha e na shàr shaor. Bha aon mhac aige nach robh cho comasach ris fhèin. Chuir Boban e dhan mhargadh agus dh'iarr e air caoraich a reic, ach an toirt air ais thuige. Bha aon bhoireannach a dh'aontaich ris a seo. Thug i leatha iad agus fhuair i fir gus an rùsgadh. Phàigh i airson na clòimhe agus thug an gille air ais na caoraich gu athair. Chuir Boban an gille a phòsadh a' bhoireannaich, agus dh'aontaich i.

Bha snighe anns an taigh. Aon latha, chunnaic i Boban a' tughadh a thaighe fhèin. Rinn ise tuill anns an tughadh aige. Cha robh Boban a' tuigsinn dè mar a thachradh seo, agus thuirt e: "Shìn mise a h-uile mac gas a chuir mi air an taigh cho sìnte 's ghabhadh e sìneadh." Nuair a bha an duine aice a' tughadh an taighe, dh'innis i dha mar a bha athair ga dhèanamh, agus bha an tughadh gu tur dìonach. Theagaisg a' bhean a h-uile rud dha anns an aon dòigh.

Dh'iarr Rìgh Lochlainn air Boban Saor caisteal a thogail dha. Chaidh a mhac còmhla ris. Ràinig iad Lochlann aig a' cheann thall, an dèidh do bhean a' ghille cùisean a dhèanamh rèidh an dèidh beagan de dhragh aig an toiseach. Dh'iarr bean a' ghille air leannan fhaighinn am measg nan searbhantan. Nuair a bha an caisteal cha mhòr deiseil, dh'innis an searbhanta dhan ghille gun robhar am beachd e fhèin agus athair a mhurt. Chuidich bean a' ghille e fhèin agus athair a shàbhaladh, oir rinn i an gnothach air mac an rìgh a ghlasadh san taigh aice. Chuir Boban agus a mhac crìoch air a' chaisteal. Fhuair iad an t-airgead, agus thill iad dhachaigh gu sàbhailte.

Notaichean a' Chlàir

The contributor learned this story from his father.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Boban Saor

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math