Prògram Choinnich
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Fèis ùr iomain a' gabhail àite ann an Leòdhas.
Tha an Dotair Alasdair Barden agus Niall Fearghasdan a' toirt seachad fiosrachaidh mu fhèis ùr iomain, 'Fèis Tighearna nan Eilean', a bhios a' gabhail àite an Leòdhas. Bha an dithis aca an sàs ann a bhith a' deisealachadh na fèise agus tha iad a' bruidhinn air na h-adhbharan air a cùl, cò bhios a' gabhail pàirt, na h-àireamhan ris a bheil iad an dùil agus dè cho doirbh 's a bha e leithid a thachartas a chur air dòigh. Tha iad cuideachd ag innse mun duais a thug am Prionnsa Teàrlach seachad dhan fharpais, agus mu na rudan eile a bhios a' tachairt fhad 's a bhios an òigridh ann an Leòdhas aig an fhèis seo.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Ros is Cromba
Paraiste - Steòrnabhagh
Eilean - Leòdhas
Baile/Àite - Steòrnabhagh
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Ros is Cromba
Paraiste - Steòrnabhagh
Eilean - Leòdhas
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Niall Fearghasdan (NF): Madainn mhath, a Choinnich. An reusan a chuir sinn seo air adhart gur e gun robh ùidh mòr aig an clann ann an iomain ann a sheo, agus airson misneachd a thoirt dha na daoine, na pàrantan 's daoine eile, tighinn a-staigh ag obair còmhla rinn ann an iomain. 'S e dìreach...
CM: Fèis chloinne a th' ann. Fèis chloinne a th' ann, a-rèiste. Dè an aois aig am bi a' chlann a tha seo?
NF: Bidh an clann suas gu dusan bliadhna a dh'aois.
CM: Agus tha iad gu bhith a' fuireach còmhla ri chèile fad dà oidhche no rudeigin, nach eil?
NF: Fad dà oidhche ann an Ionad Coimhearsnachd a' Bhac. Agus tha iad a' dol a bhith ann a shiud air leabaidhean-campa. Ach tha feum againn air dusan leabaidhean-campa fhathast, agus ma tha duine ag èisteachd, faodaidh iad fònadh a-staigh thugad fhèin no na leabaidhean-campa a chur sìos gu Ionad Coimhearsnachd a' Bhac.
CM: Sin agad e. Uill, sin agad e. 'S iomadh rud annasach a chaidh iarraidh air a' phrògram seo, ach seo a' chiad turas a tha fhios aig... cho fhad 's as aithne dhomh a bha daoine ag iarraidh leabachan-campa. Alasdair Barden, tha thusa an sàs ann an seo, ag obair an seo... ag ullachadh airson seo cuideachd, agus tha cuach eireachdail air do bheulaibh ann an sin. An e sin an cuach a fhuair sibh bhon a' phrionnsa Teàrlach?
Alasdair Barden (AB): 'S e. Bho chionn treiseag nuair a bha sinn a' smaoineachadh air a' cho-fharpais seo, bha sinn airson, man a bha Niall ag ràdh, brosnachadh a thoirt dha daoine, 's bha sinn a' smaoineachadh air cuideigin a dh'fhaodadh duais a thoirt dhuinn, agus, uill, bhon as e Tighearna nan Eilean, no Triath nan Eilean, a th' ann am Prionnsa Teàrlach, sgrìobh sinn thuige. Dh'fhònaig mi an toiseach dhan Lùchairt Buckingham. Dh'fhaighnich mi dha directory enquiries dè an àireamh a bh' aca, agus fhuair mi am press office, 's chuir iadsan gu Saint James's Palace mi. Bha mi gu math aineolach mu dheidhinn man a tha cùisean ag obair shìos an sin. Agus fhuair sinn litrichean air ais. Bha iad gu math modhail, agus bha tòrr ùidh aige fhèin agus anns na daoine a bha ag obair còmhla ris ann an seo, agus 's iad fhèin a rinn an seòrsa dreach a th' air a... air a' chuach.
CM: Agus tha e neo-àbhaisteach. Air a dhèanamh de dh'fhiodh cruaidh, agus ann an seòrsa de bhobhla, agus sin air a chumail suas le rud... le stand, mar a chanas sinn, agus am broinn a' bhobhla tha e ag ràdh, Duais Triath nan Eilean, the Lord of the Isles Trophy, agus timcheall air an taobh a-muigh aige, àiteachan far an urrainn dha ainmeannan a bhith air an cur.
AB: Tha. Thuirt iad an toiseach nach e... nach e cupa a bhiodh ann. Bha iad ag ràdh nach robh iad ag iarraidh rud... rudeigin mar sin, bhon bha tòrr rudan, cupannan mar sin, agus bha sinne a' smaoineachadh gur e sgiath air choreigin a bhiodh ann, ach thàinig seo ann am bucas mòr an latha eile 's bha sinn air leth toilichte. Sin as coireach gun tug sinn a-steach e airson sealltainn dhuibh.
CM: Ò, uill, tha e eireachdail dha-rìribh. Dè cho cudromach 's a tha e, an rud a tha Niall air a bhith ag ràdh ann an siud, a thaobh chloinne an-dràsta? Fo aois dhà... dà bhliadhna dheug. Tha iad a' tighinn às na diofar eileanan, gu bhith cruinn còmhla ann an sin, ma gheibh sibh an leapannan air an son...
AB: Seadh. Tha mi cinnteach gum bi iad cruinn còmhla ma tha leapannan ann fhathast.
CM: Dè cho cudromach 's a tha seo dhuibh fhèin, a tha air a bhith a' feuchainn ri bhith a' brosnachadh iomain anns na h-Eileanan an Iar, far nach eil e air a bhith bho chionn bliadhnaichean, gu bheil sibh air an ìre seo a ruighinn?
NF: Uill, faodaidh tu a ràdh, a rèir eachdraidh, gun robh sgiobaidhean a' tighinn a-nall ann a sheo, gu bataraidh ann an Steòrnabhagh ceud bliadhna air ais airson co-fharpais mar seo. 'S mar sin, tha an rud air ath-bheothachadh a-rithist, ceud bliadhna...
CM: Agus cia mheud duine a tha a' tighinn chun an fharpais a tha seo? Cia mheud duine a bhios ann?
NF: Bidh mu leth-cheud òigridh a' tighinn a-nall, agus an òigridh againn fhìn cuideachd. Bidh suas... bidh suas gu ceithir fichead òigridh ann co-dhiù, agus pàrantan agus luchd-teagaisg.
CM: Dè cho duilich 's a tha e air a bhith dhuibh seo a chur air dòigh ann an ùine cho goirid bho thòisich a h-uile duine agaibh a dhol an sàs ann an iomain a-rithist?
NF: Uill, tha e gu math doirbh, air sgàth nach eil mòran ann airson a h-uile càil a tharraing ri chèile, ach tha misneachd mòr againn 's tha sinn a' tarraing a h-uile càil ri chèile. Bidh e... 's e latha math a bhios ann.
CM: Nise, tha sinn a' bruidhinn air farpais. Tha farpais iomain gu bhith agaibh, ceart gu leòr, ach tha sibh a' tabhachd rudan eile do dhaoine cuideachd, nach eil?
AB: Tha. Tha cùisean cultarail agus - dè eile a chanadh tu? - tha a' chlann a' tighinn 's tha iad a' faighinn feasgar a-màireach 's feasgar Dihaoine a' dol timcheall a' faicinn cuspairean man croitearachd. Tha iad a' dol a dh'fhaicinn cuideigin a' buain mòna, 's a' faicinn... ò, tha, tha. Agus...
CM: A bheil fhios agad air a seo, cha mhòr nach eil sin na shùileachan cho mòr de chlann Leòdhais anns an latha a th' ann an-diugh 's a bhios e dhan an fheadhainn a tha a' tighinn bho tìr-mòr.
AB: Tha mi cinnteach. Tha mi cinnteach. Agus cuspairean mar sin. A' rùsgadh caoraich, a' dèanamh gruth 's a leithid, agus treabhadh, rudan mar sin, rudan ceangailte ri croitearachd agus na h-eileanan 's rudan a shaoileadh tu a bhiodh daoine air tìr-mòr air faicinn cuideachd ach cuiridh mi geall nach fhaca, agus tha tòrr ùidh aig na daoine ann an seo. Agus chuidich e cuideachd gun robh pìos cultarail... nuair a bha sinn a' bruidhinn ris an lùchairt mu dheidhinn faighinn an duais 's a h-uile càil, tha mi cinnteach gun do chuidich sin dhaibhsan taic a thoirt dhuinn air a seo.
CM: Mar sin, ma bhios... mana bi na casan goirt às dèidh a bhith a' cluich iomain, bidh rudeigin eile agaibh dhaibh, agus tha sibh a' crìochnachadh le cuirm an uair sin air an tràigh, nach eil?
NF: Tha, tha. Agus tha suipear meadhan-latha againn cuideachd an dèidh na geamachan, agus ma tha pàrantan ann a tha ag èisteachd, faodaidh iad tighinn ann cuideachd. Tha dòchas gum bi barrachd ùidh le na pàrantan ann an iomain an dèidh an co-fharpais seo. Tha mi an dòchas gun tog e an inntinn aca mu dheidhinn iomain agus an sàs anns a' ghèam.
CM: A bheil mi a' tuigse gur e... gu bheil sibh a' faicinn seo mar a' chiad bhliadhna, gur e rud a tha seo a bhios ann bliadhnaichean eile?
AB: Tha. Sin as coireach gu bheil dusan sgiath timcheall air a' chopan a tha seo. Tha sinn an dòchas gun cùm e a' dol às dèidh seo.
CM: Tha sibh ga dhèanamh air a' Bhac ann an Leòdhas am-bliadhna sa. An ann an sin a bhios e às dèidh seo, a bheil fhios agaibh? No am bi e ann an àitichean eile? No a bheil sibh... a bheil sibh airson obrachadh a-mach fhathast?
AB: Bidh. Bidh e ann an Leòdhas, saoilidh sinn, bhon as e Comann Camanachd Leòdhais a tha ga chur air dòigh, ach chan eil... chan eil e stèidhichte air a' Bhac. Dh'fhaodadh e bhith ann an àite sam... àite sam bith ann an Leòdhas. Tha sinn an dòchas gum faigh sinn raon-chluiche ceart airson camanachd anns na h-eileanan, tha sinn an dòchas, aig a h-uile baile far a bheil aiseag a' tighinn a-steach airson brosnachadh sgiobaidhean tighinn bho tìr-mòr. Tha na raoin-cluiche aig... airson camanachd nas motha, an dàrna leth a-rithist na raon-cluiche ball-coise, 's mar sin tha sinn airson co-dhiù ceithir no rudeigin a thogail anns na h-Eileanan an Iar.
CM: Thuirt thu siud ann an ùine gu math... gu math goirid, ach 's e obair mhòr a tha sin, ceithir pàircean dhen a' mheud sin fhaighinn anns na h-Eileanan an Iar. Mo thaing dhan an dithis agaibh airson a thighinn a-steach a dh'innse dhuinn mu dheidhinn seo. Agus tha an iomain a tha siud ri fhaicinn aig Pàirce Chuil anns a' mhadainn Dihaoine, agus bidh am pàrtaidh a' dol feasgar Dihaoine. Thig feadhainn chun a sin, ceart gu leòr, tha mi cinnteach. Mo thaing dhan an dithis agaibh airson a thighinn a-steach a dh'innse dhuinn mu dheidhinn an fhèis ùr a tha seo. Niall Fearghasdan agus an Dotair Alasdair Barden.
Cruth Inneal a' Chlàir
Dat
Càileachd an Fhuaime
Math