Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 26 November 1997
Àireamh a’ chlàir 11301
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 26.11.1997

Geàrr-chunntas

Co-chruinneachadh eadar-nàiseanta ann am Vancouver.

Tha riochdairean às na Stàitean Aonaichte agus dùthchannan Àisianach ann am Vancouver airson co-labhairt eadar-nàiseanta air an eaconamaidh. Tha Murchadh MacÌomhair a' fuireach sa bhaile agus tha e ag ràdh nach e a-mhàin gun robh e cosgail do Vancouver a' choinneamh seo a bhith ann, le feum air trì mìle poileas a bharrachd, ach gun robh e cuideachd doirbh do mhuinntir an àite, le rathaidean dùinte 's a leithid sin.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha ceannardan Ameireagaidh agus na dùthchannan Àisianach air a bhith a' coinneachadh thairis air na dhà no thrì làithean mu dheireadh ann am Vancouver. Iad a' dèanamh sin agus margaidean an airgid anns na dùthchannan sin gu math troimh-a-chèile às dèidh do dh'fhear dhe na bancaichean as motha ann an Iapan na dorsan a dhùnadh air sgàth fiachan mòra. Tha na nithean sin cudromach, ach do mhuinntir Vancouver, 's e crois a th' ann a leithid a dhaoine mòra a bhith an làthair aig an aon àm. Rudeigin mar a bha Dùn Èideann aig àm coinneamh a' Cho-fhlaitheis. Tha iad a' faighinn sràidean dùinte agus dàil ann a bhith a' siubhal tro mheadhan a' bhaile. 'S ann aig Oilthigh British Columbia a tha na ceannardan a' coinneachadh. Chan eil Murchadh MacÌomhair ach dà mhìle bhon a sin. Tha e air an loidhne agam an-dràsta. Uill, a Mhurchaidh, dè... dè tha seo air a dhèanamh air meadhan Vancouver, na tha seo de dhaoine mòra cruinn còmhla aig an aon àm?

Murchadh MacÌomhair (MM): Uill, canaidh mi riut aon rud. Tha e a' cosg, 's e sin a chuala mi an-diugh, gun robh e a' cosg dà fhichead agus a naoi de mhilleanan dollars airson an conference a tha seo a chur air. Chan eil fhios a'm cò tha a' dol na phàigheadh. Tha mi a' creidsinn gum bi sinn gu lèir na phàigheadh uaireigin. Ach 's e sin a chuala mi an-diugh. Agus 's e rud eile a rinn iad, tha na sràidean air a bhith air an dùnadh faisg air a h-uile latha bho thàinig iad. Tha iad air a bhith ann a sheo airson seachd latha. Dh'fhalbh iad a-nochd, agus tha mi toilichte gun do dh'fhalbh.

CM: Uill, 's e a-nochd a th' ann dhutsa, gu dearbha, oir tha e an-dràsta faisg air còig mionaidean fichead gu uair sa mhadainn agad. Tha fhios agam air a sin, agus mo thaing dhut airson fuireach an-àirde gu dearbha, a Mhurchaidh. Ach, uill, tha cosgais mhòr dhen t-seòrsa sa do bhaile Vancouver, ach tha e follaiseach, bidh Vancouver an dòchas rudeigin fhaighinn às, nach bi?

MM: Ò, tha mi... bha iad... bha iad ag ràdh gun deach timcheall air fichead agus a trì de mhilleanan a chur a-steach ann am Vancouver airson gun robh an conference ann, ceart gu leòr, ach tha sin còrr agus... barrachd air an dàrna leth sin air a chur a-mach airson a chumail. Ach tha mi a' creidsinn, ma gheibh... ma thèid cùisean nas fheàrr dhan Asian Pacific Trade Convention that they had, [???] cinnteach gu bheil... gum bi Vancouver a' faighinn pàirt dhen a sin, ceart gu leòr.

CM: 'S e rud mu dheidhinn seo, ge-tà, tha e a' cur àite mar Vancouver, tha e ga chur air a' mhap, ma dh'fhaodas sinn a chur mar sin, oir thèid na deilbh de Vancouver, thèid iad air feadh an t-saoghail, nach tèid?

MM: Ò, thèid gu dearbha. Ach chan eil sin a' dol a chuideachadh Vancouver glè mhath man a... man a tha a' tachairt ann an South-east Asia an-diugh.

CM: Uill, 's dòcha nach eil an-diugh.

MM: Tha na... tha a h-uile stock market a' dol sìos. 'S e sin a bha iad ag ràdh, gun robh aon rud a dh'fhàg iad gun cantainn cus mu dheidhinn, an dà rud mu dheireadh, bha iad ag ràdh, agus 's e South-east Asia economic agus global warming. Tha sin dà rud aca air fhàgail fosgailte, airson gum bi iad ag obair air fad an tìde. Ach man a tha fios agad fhèin, cò mheud dùthaich ann an South-east Asia a tha air a dhol fodha. Tha an International Monetary Fund, bailout aig Thailand, Indonesia, South Korea, 's na Philippines. Agus tha a-nise, tha Japan, tha - dè man a chanadh tu e? - tha...

CM: Tha iad ann an duilgheadas.

MM: Tha duilgheadas acasan, agus 's iad an second biggest economy in the world.

CM: Tha mi a' tuigse, a-rèiste, a Mhurchaidh, gu bheil thusa a' faireachdainn mar a tha tòrr de mhuinntir Vancouver. Tha e glè mhath dhaibh a bhith a' tighinn, ach chan eil sibhse a' dol a dh'fhaighinn tòrr buannachd às.

MM: 'S e sin man a tha mise a' faireachdainn mu dheidhinn co-dhiù.

CM: Nise, far an robh iad a' coinneachadh ann an seo, aig Oilthigh British Columbia, agus na deilbh a bha sinn a' faicinn dhen an taigh-tasgaidh ann an sin, mar a chanas iad, ris an anthropological museum, 's e àite air leth annasach a tha sin, nach e?

MM: Uill, 's e. 'S e àite brèagha a th' ann am Vancouver co-dhiù, agus 's e àite brèagha dha-rìribh a th' ann, a th' anns a... am pàirt anns a bheil an oil-... an university. Agus chaidh iad... chaidh iad gu lèir a-mach an sin anns a' mhadainn an-diugh, ach abair thusa gun robh protests gu leòr aig na students.

CM: An robh?

MM: Ò, bha, bha. Bha iad ag ràdh gur e... gur e murtairean a bh' ann an Suharto agus ann an... ann an Jiang Zemin, 's bha iad a' feuchainn... feumas e bhith gun robh timcheall air trì mìle poileasman anns a' bhaile sa, airson an t-seachdain a chaidh seachad.

CM: Uill, tuigidh duine carson... carson a bhitheadh sin, airson man a tha Vancouver ann an sin an-dràsta, tha iad ann às a h-uile dùthaich a tha sin, à Iapan, à Sìona, mar a thuirt thu fhèin, Indonesia 's a h-uile dùthaich a tha sin, agus tha iad saor airson sin a dhèanamh ann am Vancouver, rud 's dòcha nach eil iad anns na dùthchannan aca fhèin.

MM: Tha sin ceart. Uill, bha ochd duine deug aca ann gu lèir, agus bha an duine bu bheairteach air an t-saoghal ann, Sultan of Brunei, agus bha iad às na Stàitean Aonaichte 's à Sìona 's à New Zealand, Mexico, Philippines, Malaisia, Japan, Honk Kong, Indonesia, South Korea, Chile, Australia, Thailand, agus chan eil fhios a'm dè na dithis eile a dh'fhàg mi a-mach.

CM: Uill, a Mhurchaidh, mòran taing dhut gu dearbh airson beagan de dhealbh a thoirt dhuinn dhen a' bhuaidh a th' air a bhith aige air baile Vancouver fhèin. 'S e sin, dìreach gu bheil e air a bhith... daoine caran sgìth dhen a h-uile càil a th' ann 's iad a' dùnadh nan sràidean, agus iad a' gabhail a' chothruim a bhith ag èigheach riutha 's rudan mar sin, agus... tha mi a' smaoineachadh gu bheil an cù bochd agad a' dol às a chiall 's tu a' bruidhinn cho anmoch a dh'oidhche.

MM: Tha e... tha e a' faicinn cuideigin a-muigh... a-muigh air an uinneag. Ach 's e sin an rud as urrainn dhòmhsa chantainn riut mu dheidhinn. Tha mi a' creidsinn gun tig feum às uaireigin, ach chan eil iad... chan eil iad glè thoilichte man a tha cùisean a' dol ann a... ann an Àisia, man a chanas iad anns a' Ghàidhlig, an-dràsta mu dheidhinn an economic conference co-dhiù.

CM: Uill, a Mhurchaidh, tapadh leatsa gu dearbha.

MM: 'S e do bheatha, gu dearbha, a Choinnich.

CM: Murchadh MacÌomhair ann an sin air an loidhne à Vancouver.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math