Rannsaich

Seann chàraid agus na trì iarrtasan aca a chaidh ceàrr.

Ceann-latha 19 March 1953
Àireamh a’ chlàir 1132
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.25.B7

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.025

Geàrr-chunntas

Seann chàraid agus na trì iarrtasan aca a chaidh ceàrr.

Bha seann chàraid a' fuireach faisg air sìthean. Nam faigheadh duine a-steach gu sìthean gheibheadh e trì iarrtasan dhe thoil. Chunnaic am boireannach gun robh e fosgailte aon oidhche agus chaidh iad a-steach. Chuir am bodach cruaidh anns an doras airson a chumail fosgailte. B' e a' chiad rud a dh'iarr am boireannach ladar a chunnaic i. Bha an cuthach air a' bhodach leis cho beag 's a dh'iarr i agus thuirt e, "Cuir nad dheireadh e!" Bha aca ris an treas iarrtas a chleachdadh airson an ladar a thoirt bho dheireadh a' bhoireannaich.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT750

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain (CM): Seo ma-thà, bha sibh ag ràdh gun robh naidheachd air choreigin agaibh mu dheidhinn sìthein?

Aonghas Iain Caimbeul (AC): Bha. Chuala mise naidheachd bheag an seo mu dheidhinn sìthean a bha shìos ann am meadhan na dùthcha, 's ann a bha e a rèir choltais, 's ann a chuala mise a bha e co-dhiù. Agus a rèir mar a tha sinn a' tuigsinn, mar a chuala sinn co-dhiù anns an t-seann aimsir, gun robh àiteachan fon talamh ris an canadh iad sìthein, agus daoine beaga a' fuireach ann a shin.

Nist, bha bodach agus cailleach a' fuireach goirid dhan t-sìthean a bha seo, agus co-dhiù bha sin fìor gus nach robh, bha... bha supposed ris nam faigheadh sibh sìos dhan t-sìthean a bha seo, gun robh trì iarrtasan agaibh; gum faigheadh sibh rud sam bith a dh'iarradh tu... a dh'iarradh sibh trì turais; trì iarrtasan agaibh. Agus bha am bodach 's a' chailleach a bha seo uabhasach bochd dheth nan staid, agus bha iad daonnan a' feitheamh feuch am fosgladh an sìthean a bha seo, feuch am faigheadh iad sìos; feuch am faigheadh iad sin 's na h-òrduighean a bha seo a-mach.

Ach co-dhiù, bha iad a' feitheamh 's cha robh tuar air an t-sìthean a bha seo a' fosgladh. Ach an oidhche a bha siud sheall a' chailleach a-mach, agus bha an sìthean air fosgladh. Agus thill i a-staigh agus thuirt i ris a' bhodach gum faodadh iad falbh; gun robh an sìthean air fosgladh. Ach dh'fheumadh iad a-nist, a rèir na seann chunntais, rudeigin a chur am beul an t-sìthein a chumadh fosgailte e, cruaidh. Iarainn no sgian no rud dhen t-seòrsa sin a chur na bheul, air neo mura cuirte rudeigin mar sin ann bha e a' dol a dhùnadh suas. Chan fhaigheadh duine às gu bràth tuilleadh.

Ach co-dhiù, chuir am bodach rudeigin na bheul agus chaidh an dithis aca sìos, agus bha an ceòl 's an dannsa 's an dol air n-aghaidh shìos gu h-ìseal an sin. Agus nuair a nochd a' chailleach, nuair a thug i sùil mun cuairt, 's e a' chiad rud air an do laigh a sùil-se, 's e ladar. Ladar. Agus ghabh am bodach uabhasach dona cho beag 's a dh'iarr i, agus thuirt e ris a' chaillich:

"Cuir nad dheireadh e."

A' chiad òrdachadh a rinn ise, ladar, bha iarrtas air falbh. B' e sin a' chiad iarrtas a-mach. Agus an ath iarrtas, 'Cuir nad dheireadh e', b' e sin a dhà. Agus b' fheudar dhan bhodach iarrtas eile a dhèanamh airson an ladar a thoirt às. Agus thàinig iad a-nuas gun sìon.

Sin mar a chuala mise, 's chan eil fhios a'm an robh e ceàrr ach co-dhiù ma bha, chan eil cothrom air.

CM: Bha i sin math. Gu dearbh fhèin e, bha.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math