Prògram Choinnich
Fiosraichean
Luchd-agallaimh
Ceann-latha
Àireamh a' chlàir
11466
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Tocuil MacRath a' bruidhinn air na ceithir leabhraichean as fheàrr leis.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Ros is Cromba
Eilean - Leòdhas
Paraiste - Steòrnabhagh
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Coinneach MacÌomhair (CM): Taghadh nan leabhar a-nis, agus còmhla rium a' taghadh ceithir leabhraichean, na ceithir leabhraichean as fheàrr leis a chòrd ris a-riamh, Torcuil MacRath à Grimiseadar, na Lochan, ann an Leòdhas. Ciamar a tha thu, a Thorcuil?
Torcuil MacRath (TM): Ò, chan eil adhbhar a bhith a' gearan, a Choinnich. Tha thu fhèin ann an clas one?
CM: A bheil thu a' ciallachadh gu bheil mi aig toiseach-tòiseachaidh, no gu bheil mi air ruighinn mullach a' chlas? An robh... an robh duilgheadas sam bith agad ann a bhith a' taghadh nan ceithir...?
TM: Cha robh duilgheadas sam bith agamsa.
CM: Nach robh?
TM: Cha robh.
CM: Airson bidh daoine, cuid a dhaoine ag ràdh gu bheil e uabhasach duilich.
TM: Uill, cha robh, cha robh. Bha e dhòmhsa cho furasta ri càil. Air a bha J. A. a' bruidhinn riumsa, thug mi dha trì dìreach...
CM: Seadh. Dè a' chiad fhear?
TM: 'S e a' chiad fhear, leabhar ris an canadh iad Forever Freedom, Freedom a-Chaoidh. A-nise, sin an leabhar... mar a tha fhios agad, cha d' fhuair mise sgoil ann, agus 's e sin an leabhar... fhuair... cheannaich mi e 's mi a' tighinn air leave, chan eil fhios a'm an ann ann an Euston no an ann anns an Central ann an Glaschu, 's chaidh an leabhar sin a-null 's a-nall air an Atlantaig gu mu dheireadh thuit e às a chèile. A-nise, bu chaomh leam fhaicinn a-rithist.
CM: Forever Freedom.
TM: Forever freedom. Chaidh a chur ri chèile... cha b' e... cha b' e leabhar mar sin... 's e a bh' ann leabhar a chaidh a chur ri chèile. Bha an theme sin a' ruith troimhe. Can an-dràsta, bha an litir, a bheil fhios agad, an Declaration of Arbroath, Litir Obar Brothaig, bha... bha am fear sin ann, agus bha Burns ann le a Man's a Man For a' That. A-nise, 's e feallsanachd an leabhair sin a th' agamsa chun an latha an-diugh. Uill, dh'fheuch mi ri fhaighinn, ach [???]. Bha e air a dhol a-mach à... a-mach à clò bho chionn fhada.
CM: 'S e... 's e leabhar a th' ann far an robh diofar sgrìobhaidhean air an tarraing ri chèile.
TM: Dìreach.
CM: Forever Freedom.
TM: Forever Freedom.
CM: Ò, uill, ma tha duine a-muigh an siud...
TM: Ma tha duine sam bith a-muigh an siud, bheir mise dha airgead a thogras e air.
CM: Agus bheir mise... [???] mo ghealladh. Tha airgead gu leòr aig a' bhalach seo. Forever Freedom a' chiad taghadh, a-rèiste, agad, a' dol air ais gu àm a' chogaidh. Dè an dara fear?
TM: An dàrna fear, the Count of Monte Cristo. Sin an seanchas a b' fheàrr leamsa a leugh mi a-riamh, agus tha cuid a' cumail a-mach gur e sin an seanchas a b' fheàrr a chaidh a sgrìobhadh a-riamh. Alexandre Dumas.
CM: Dè bha tarraingeach dhut mu dheidhinn?
TM: Ò, Thì, chan e a-mhàin gu bheil an seanchas air a chur ri chèile gu math, rud as caomh leamsa co-dhiù, ach tha feallsanachd agus eachdraidh toinnte a-staigh anns an t-seanchas. Fhios a'd, 's ann aig àm Napoleon, 's ann a... 's ann a shnìomh e siud a-mach às a' cheann. 'S e duine mìorbhaileach a bh' ann an Dumas. Rinn Dumas, cha b' e aon fortan ach dhà no trì, 's chuir e às dhan a h-uile càil mus do bhàsaich e.
CM: An e sin a chòrd riut mu dheidhinn?
TM: Chòrd sin rium mu dheidhinn cuideachd.
CM: Agus, uill, dè mu dheidhinn a' chount a bha seo a bha a' còrdadh riut? Dìreach gur e beagan de reubaltach a bh' ann, an e?
TM: Ò, cha b' e reubaltach a bh' anns a' chount idir. 'S ann a chaidh... chaidh ana-ceartas a dhèanamh air a' chount, agus chaidh a chur dhan a' phrìosan. Agus fhuair e às a' phrìosan. Bha an duine a bha seo, fear-eaglais, bha e air a bhith anns a' phrìosan roimhe, agus fhuair iad gu chèile, 's dh'ionnsaich an duine sin tòrr rudan dha. 'S air a bhàsaich e, chaidh... chaidh an Count of Monte Cristo, chaidh esan dhan a... dhan a... an t-aodach anns an robh iad air am fear a bhàsaich a chur, agus chaidh a shadail dhan a' mhuir. A-nise, bha an sgian aige deiseil 's gheàrr e an t-aodach 's shnàmh e air falbh. Agus, ò, bha e math. Seanchas math a th' ann. An seanchas a b' fheàrr a chaidh a sgrìobhadh a-riamh, tha mi a' smaoineachadh.
CM: Seadh. Dè an ath fhear?
TM: Tha, Henry David Thoreau, Walden.
CM: Cha chuala mi mu dheidhinn an leabhar a-riamh.
TM: Nach cuala gu dearbha? Uill, 's e Henry Thoreau... fhios agad an-dràsta, air a bhios tu a' cluinntinn daoine a' coiseachd air na sràidean, man a bha sinne a' coiseachd an aghaidh Comhairle nan Eilean ann a shiud, fhios a'd, air a chuir iad...
CM: Ò, caismeachd.
TM: Bha caismeachd air na sràidean an aghaidh... an aghaidh rud. Agus chan eil fhios agamsa dè a' Ghàidhlig a th' air. 'S e civil disobedience a bh' aigesan air. A-nise, 's e a' chiad duine às an àird an iar seo a thòisich air a shin, air a chaidh... air a chaidh Ameireagaidh a chogadh ri Meagsago. Thuirt e nach pàigheadh esan tax, bho nach robh an cogadh ceart, agus chaidh a chur dhan a' phrìosan. Thàinig an duine sa a shealltainn air, 's thuirt e ris:
"What are you doing here?"
"It's not what I'm doing here, but why aren't you here?"
Sin am freagairt a thug e dha. Agus sin agad, ma-thà, Walden. Bha e buileach a' còrdadh rium. Tha ùidh agamsa anns an t-saoghal a tha timcheall orm. Tha mi a' lorg rudeigin anns an t-saoghal a tha timcheall orm nach urrainn dhomh a chur ann an còmhradh ro mhath, agus bha Thoreau an aon dòigh.
CM: 'S cò mu dheidhinn a bha Walden?
TM: Chaidh e a-mach... 's e duine a bha math air a làmhan a bh' ann. Chaidh e a-mach dhan a' choille agus thog e taigh – uill, hut air choreigin – agus thug e dà bhliadhna ann a shin, ga chumail fhèin beò le obair a làmhan fhèin a-mhàin, obair a làmhan a-mhàin. Agus 's ann à sin a thàinig an leabhar Walden.
CM: Ò, seadh. An e... an e seòrsa de dh'fhèin-eachdraidh a th' ann, a-rèiste, ann an dòigh?
TM: Uill, leabhar math sam bith, tha e duilich dhut a chur ann an aon seantans, mar gun canadh tu. A bheil fhios agad, chan urrainn dhut a chur mar sin, a bheil fhios agad, ann an còrnair. Tha tòrr rudan a' ruith tron leabhar.
CM: An e sin... an e sin an seòrsa rud a chòrdadh riut fhèin? Taigh... bothag a bhith agad a-muigh air a' mhòintich agus...
TM: 'S e, air a bha mi òg, ach tha mi ro aosta a-nis.
CM: Henry D. Thoreau, ma-thà, a-rèiste. Agus cà bheil thu a' dol airson an leabhar mu dheireadh?
TM: An leabhar mu dheireadh. Ann an nineteen forty-three, chaidh boireannach a thiodhlacadh ann an cladh ann an Sasainn. A-nise, chuala mise mu dheidhinn a' bhoireannaich sin, agus bha i ag obair còmhla ris a' Free French ann an Lunnainn, agus bha i ag iarraidh a-null dhan a... dhan an Fhraing a shabaist còmhla ris a... ris an Resistance, agus cha leigeadh de Gaulle ann i, bhon 's e Iùdhach a bh' innte air an dàrna taobh agus bha fhios aige glè mhath cà robh i a' dol, 's air a chunnaic i sin, chan itheadh i càil ach na rations a bha na daoine a bh' anns an Fhraing a' faighinn. Cha b' e boireannach làidir a bh' innte, ged a bha i air a bhith anns a' French Civil War... anns an Spanish Civil war, agus bhàsaich i leis a' chaitheamh, agus chaidh a cur ann an uaigh, dìreach pauper's grave ann a... ann an Sasainn. A-nise, chuala mise mu dheidhinn sin. 'S ann às dèidh a' chogaidh a thàinig na sgrìobhaidhean aice a-mach. 'S e boireannach beannaichte a bh' innte, probably air a taghadh, [???] duine dhen t-seòrsa sin an taobh sa co-dhiù. Agus tha... bha taobh aice ris an Eaglais Chaitligeach. Ach cha deach i a-riamh a dh'eaglais, 's bidh iad a' cantainn, that she was the saint of the outsiders.
CM: Dè an t-ainm a bh' oirre?
TM: Simone Weil. Agus...
CM: Agus dè sgrìobh i?
TM: Ò, sgrìobh i... 's ann air creideamh a bha i a-mach. Sgrìobh i... sgrìobh i... tha i air grunn a chur a-mach. A-nise, bheirinn-sa leam fear sam bith aca. Tha Grace and Gravity, agus the Need for Roots. Sin dà leabhar, ach tha feadhainn eile ann cuideachd. Ach bheirinn-sa leam fear sam bith dhen fheadhainn sin.
CM: Agus dè tha thu a' faighinn cho tarraingeach mun deidhinn?
TM: Tha, gu bheil iad... gu bheil mi fhìn a' faighinn rudeigin annta, gu bheil i a' cur ann an còmhradh rud nach b' urrainn dhòmhsa cur ann an còmhradh.
CM: 'S e sgil a tha sin.
TM: Ò, dhìol, 's e. Tha barrachd 's sgil ann. Tha daoine sgileil gu leòr a' sgrìobhadh, nach... Seall, air bàrdachd an latha an-diugh. Chan eil, fhios a'd, [???] daoine a-mach, 's tha sgil gu leòr aca.
CM: Uill, 's e mi a' ciallachadh, tha sgil ann a bhith a' cur rudan a tha dìomhair agus duilich bruidhinn mun deidhinn ann am briathran a thuigeas daoine, nach eil?
TM: Ò, tha. Tha. Tha. Tha. Tha. Ò, tha gun teagamh. Sin agad a-nis, ma-thà.
CM: A-nise...
TM: Ceithir leabhraichean.
CM: Ceithir leabhraichean. Uill, ann an dòigh, 's dòcha gun canadh tu gu bheil iad rud beag diofraichte, ach air an làimh eile, tha seòrsa de...
TM: A bheil fhios agad dè mhothaich...
CM: De shnàithlean a' ruith tromhpa ann.
TM: A bheil fhios agad dè mhothaich mi dheth? Tha buntanas aca cha mhòr gu lèir ris an Fhraing, ach aon.
CM: Forever Freedom.
TM: A-nise, Thoreau, bha buntanas... buntanas aigesan ris an Fhraing agus ri Alba. 'S e a mhàthair, 's ann taobh Alba a bha i. Athair, taobh na Frainge. Thoreau. Uill, tha an t-ainm ag innse sin dhut. 'S e Dunbar a tha mi a' smaoineachadh a bh' air a... a bh' air a mhàthair.
CM: 'S an do smaoinich thu air a sin a-riamh gus am faca thu dìreach an taghadh?
TM: Cha do smaoinich mi air gu an robh mi a' bruidhinn ri J. A. Thàinig e a-steach orm, bhuail e orm gun robh... gun robh na leabhraichean a thagh mi, gun robh buntanas aca ris an Fhraing.
CM: An robh thu a-riamh... an robh thu a-riamh anns an Fhraing?
TM: Bha, mise anns an Fhraing, tìde a' chogaidh. Tha... tha mi a' smaoineachadh, can an-dràsta... Chan eil Fraingis agamsa ann. Tha mi a' creidsinn gun can thu rium nach eil Beurla no Gàidhlig agam. Chan eil Fraingis agamsa ann, ach tha mi a' smaoineachadh, nan leughadh tu the Count of Monte Cristo man a sgrìobh Dumas e, 's iongantach mana h-e an seanchas a b' fheàrr a chaidh a sgrìobhadh a-riamh.
CM: Uill, tha sin inntinneach gu dearbha, a Thorcuil, na leabhraichean. Am faod mi a dhol thairis orra a-rithist ann an seo? A' chiad fhear a thagh thu, Forever Freedom, taghadh de sgrìobhaidhean, agus chan eil cuimhne agad cò chuir ri chèile e.
TM: Tha mi a' smaoineachadh gur e... gur ann dhe na Wedgwood Benns. Tha mi a' smaoineachadh gur e Josiah... Josiah Wedgwood a bh' air. Ach a-nise, faodaidh mi a bhith ceàrr. Faodaidh... tha e cho fada bhuaithe, a bheil fhios agad.
CM: 'S dòcha gu bheil sin fhèin na chuideachadh do dhuine sam bith aig am biodh fhios aca càit am faigheadh iad leth-bhreac dhen a sin.
TM: 'S e Penguin a bh' ann.
CM: Seadh.
TM: Penguin Books.
CM: Forever Freedom, co-dhiù.
TM: Sin a... sin a... sin a... ma-thà, an leabhar a thug mise gu mi fhìn tòiseachdainn air sgrìobhadh.
CM: Seadh.
TM: 'S e.
CM: Ciamar a thug e ort tòiseachainn air sgrìobhadh?
TM: Uill, dìreach fhuair mi an sgoil nach d' fhuair mi anns an sgoil, a' leughadh an leabhair.
CM: Seadh. Ò, uill, 's tha thu... tha thu ag obair air sgrìobhadh fear eile an-dràsta, tha mi a' tuigse.
TM: Uill, tha e air a sgrìobhadh.
CM: Seadh. Cò mu dheidhinn a tha an fhear seo? A bheil càil Frangach mu dheidhinn?
TM: Chan eil, càil Frangach mu dheidhinn. Tha e ann an Gàidhlig gu lèir.
CM: Seadh. 'S cuin a bhios e a' nochdadh?
TM: Ò, chan eil càil a dh'fhios a'm. Tha mi a' coimhead airson publisher.
CM: Ò, uill, ma gheibh thu cuideigin a lorgas an leabhar dhut, Forever Freedom, a-rèiste, bidh thu gu math toilichte mu dheidhinn.
TM: Ma gheibh duine sam bith dhòmhsa e, pàighidh mi gu math air. Bu chaomh leam a leughadh mus bàsaich mi.
CM: Ò, seadh. Ò, uill, chan eil rian nach eil e ann an leabharlann air choreigin. Thèid mi thairis orra a-rithist, ma-thà, a-rèiste. Forever Freedom, a' chiad fhear, agus tha Torcuil a' smaoineachadh gur e Josiah Wedgwood Benn a tharraing ri chèile e. An dara fear, an Count of Monte Cristo le Alexandre Dumas. An treas fear, Walden le Henry D. Thoreau. Agus am fear bho dheireadh, uill, taghadh eadar a dhà, Grace and Gravity, no the Needs for Roots, agus Simone Weil a chuir ri chèile iad.
TM: Sin e.
CM: A Thorcuil, tapadh leatsa airson a thighinn a-steach a thoirt dhuinn do thaghadh an-diugh.
TM: Math dha-rìribh. Cha tug siud fada, ma-thà.
CM: Dè? Torcuil MacRath ann an sin, agus, uill, chòrd a' chùis ris-sin. Carson nach còrdadh, gu dearbh.

Cruth Inneal a' Chlàir
Dat
Càileachd an Fhuaime
Math