Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 19 November 1997
Àireamh a’ chlàir 11827
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 19.11.1997

Geàrr-chunntas

Fiosrachadh air co-chruinneachadh a bhuineas do dh'eachdraidh Leòdhais.

Tha Aonghas MacLeòid, à Calabost, air a bhith a' cruinneachadh nithean eachdraidheil bho chionn còrr agus 30 bliadhna agus tha e an dòchas gun gabh Comhairle nan Eilean uallach airson a' cho-chruinneachaidh agus gun tèid cuid de na nithean a chumail agus a thaisbeanadh ann an Sgoil ùr nan Loch. Tha còrr is 900 rud aige agus tha e ag innse mar a thòisich e air cruinneachadh agus mu chuid de na nithean a th' anns a' cho-chruinneachadh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Na Lochan

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Calabost

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha a h-uile coltas gu bheil Comhairle nan Eilean a' dol a ghabhail thairis uallach cruinneachadh de chòrr agus naoi ceud pìos co-cheangailte ri eachdraidh Leòdhais a tha an-dràsta ann an Calabost ann an Ceann a Deas Sgìre nan Lochan anns an eilean. Nithean a tha seo a tha Aonghas MacLeòid air a thional thairis air deich bliadhna fichead. Tha e ag iarraidh gun tèid coimhead às a dhèidh ceart, agus bha e a' smaoineachadh gum biodh na th' aige iomchaidh a bhith stèidhte ann an sgoil na coimhearsnachd air na Lochan nuair a thig i. Tha Aonghas a-staigh còmhla rium anns an stiùidio an-dràsta. Uill, nuair a thòisich thu a' cruinneachadh an toiseach, an robh càil a bheachd agad gun robh cruinneachadh mòr dhen t-seòrsa sa gu bhith agad? No an ann a dh'aona ghnothaich airson cruinneachadh mòr a thòisich thu?

Aonghas MacLeòid (AM): Uill, chan ann. Bha ùidh agam anns na seann rudan a ghleidheadh, agus, uill, cha robh dùil a'm gum faighinn... fhuair mi tòrr mòr a bharrachd air na bha dùil a'm a gheibhinn.

CM: Ciamar a thòisich thu?

AM: Uill, leasaich mi taigh m' athair. Bha am mullach aige dona 's leasaich mi e, agus, uill, thuirt mi rium fhìn, tha àite mòr agam ann a sheo. 'S e seo an seòrsa àite a bha mi a' feumachdainn. Dh'fhalbh mi dha na Hearadh a shealltainn am faighinn beairt. Chaidh beairt fhiodha m' athair a reic dha na Hearadh. Cha d' fhuair mi an tè sin idir, ach fhuair mi tè eile, agus 's e sin... 's e sin mise a' start-adh.

CM: An ann leis a' bheairt a thòisich thu?

AM: 'S ann, 's ann. 'S e a' bheairt a' chiad rud. Chaidh mi a shealltainn airson beairt m' athair. Bha mise air falbh bhon taigh, a bheil thu a' faicinn, 's reic iad a' bheairt, 's nuair a thill mi, thòisich mi a' coimhead air a son.

CM: Tha an taigh a tha seo ann an Calabost, Ceann a Deas nan Lochan ann an Leòdhas, agus dh'fheumadh duine a ràdh, chan e am baile as beothaile a th' anns an eilean anns an latha a th' ann, an e?

AM: Gu mì-fhortanach. Tha e air a dhol sìos. Tha Taobh Deas nan Loch air fad air a dhol sìos. Tha tuath Leòdhais agus na Hearadh 's na h-eileanan air fad air dhol sìos, ach tha Calabost gu h-àraid chan eil duine air fhàgail ann.

CM: Innis dhomh mar a thòisich thu a' cruinneachadh 's a' cruinneachadh, 's a' tiùrradh.

AM: Uill, a bheil fhios a'd, 's e an rud a bhithinn a' dèanamh, bhithinn... bhithinn a' gabhail note air bìdeag de phàipear na mo làimh air rudeigin a bha cuimhn' a'm a bhith... a chunnaic mi no rud a bha cuimhn' a'm a bhith a' cluinntinn, agus ged a bha mi uabhasach trang aig an àm, air a dh'fhalbhainn a dh'àiteigin, dheighinn a dh'fhaighneachd an siud 's an seo, 'An aithne dhuibh duine aig a bheil a leithid seo a rud?' 'Ò, theirig thusa a dh'fhaicinn am fear ud shìos an rathad, [?air neo] am fear sin.' Agus tha e iongantach an rud a bha iad... an rud a bh' air fhàgail fhathast. Tha e dìreach iongantach. Chuir e iongantas ormsa na fhuair mi de rudan.

CM: 'S na rudan a tha agadsa anns an taigh a tha seo, 's e nithean a th' annta nach robh luachmhor dha na daoine aig an robh iad, agus chaidh iomadh nì dhen seòrsa sin an tilgeil às, nach deach?

AM: Chaidh an sadail às gu lèir, a Choinnich, agus bha an uair ud an electric air a thighinn a-steach, agus och, cha robh càil ach a-mach leis a h-uile càil air na càirn, agus shàbhail mise dìreach na rudan ud. Tha cuimhn' a'm a dhol a dh'Orasaigh aon latha, 's cha robh... bha màthair an fhear a bh' ann a shin air bàsachadh, agus dh'fhaighnich mi dha:

"An robh càrd aig do mhàthair?"

"Hà," ars esan, "shad mise sin a-mach às an taigh."

"Ò, Shìorraidh. Thalla 's seall an lorg thu i."

Dh'fhalbh e, 's lorg e i air a' chàrn. Sin man a bha cùisean. Sin man a bha cùisean.

CM: Agus thòisich thu a-rèiste agus 's e fighe, eachdraidh an fhighe 's eachdraidh a' chlò a bh' air d' aire, airson bha thu fhèin an sàs ann an gnìomhachas a' chlò.

AM: Uill, bha clò air a dhèanamh anns an taigh againn, bha a h-uile duine a bh' anns an taigh againn a' dèanamh clòithtean. Bha mo mhàthair a' fighe anns an linn a dh'fhalbh bho bha na nighean òg, 's bha m' athair a' fighe, 's bha a h-uile duine a bh' ann a' fighe, 's bha beairt ann a shiud, 's bha mise a' fighe, 's a h-uile càil a bh' ann.

CM: Mar sin, tha beagan de dh'eachdraidh a' chlò ann, Calabost ri taobh na mara, eachdraidh an iasgaich, uidheaman iasgaich cuideachd, nach eil?

AM: 'S e call mòr a th' ann. Tha na rudan sin air chall, agus 's e an gleidheadh, a' feuchainn ri an gleidheadh. Na daoine aig a bheil iad, mana toir iad seachad iad, glèidheadh iad fhèin iad.

CM: 'S e tha a' dèanamh dragh dhuibhse an-dràsta, ge-tà, uill, chan eil dòigh furasta ann seo a ràdh, tha sibh fhèin a' fàs beagan aosta agus tha eagal oirbh nach tèid coimhead às an dèidh, nach eil?

AM: Uill, 's e sin a-nis... 's e sin a-nis an rud - gabh mo leisgeil - uill, glè thric, tha an ginealach òg, uill, chan eil iad... fhad 's a bhios iad òg. 'S ann nuair a dh'fhàsas sinn aosta a tha sinn a' gabhail ùidh. 'S mise cuideachd. Nuair a dh'fhàsas mi... dh'fhàsas sinn aosta, tha sinn a' gabhail ùidh anns na rudan ud. Agus tha rud eile ann. Bidh iad ag iarraidh an togalach anns a bheil iad, 's a' dol a dhèanamh rudeigin eile leis, 's a h-uile càil mar sin, 's bidh feagal ort gun tèid an sgapadh. Bu chòir dha na rudan ud a bhith air an cumail cruinn. Chan ann airson rud sam bith ach airson a' choimhearsnachd anns a bheil sinn.

CM: Còrr agus ceud... naoi ceud rud diofraichte ann. Dè... dè na rudan as inntinniche, a chanadh tu fhèin?

AM: Tha sin a' cunntadh na truinnsearan anns an dreasair.

CM: Dè na rudan as inntinniche, a chanadh tu, a th' ann, dhut fhèin? A bharrachd air a' bheairt.

AM: Uill, a bhalaich, 's e ceist a tha sin. Ò uill, a bhalaich ort, tha an tè sin gu math duilich. Tha rudan ann a shiud a tha glè mhath. Tha cuigeal, mar a chanas tu, ann. Uill, cha robh dùil agamsa gum faighinn cuigeal a-chaoidh.

CM: Tha cuimhn' agam cathair a bhith ann far am biodh iad a' toirt tè uasal thairis air na monaidhean.

AM: Tha, cathair Tè Ìsgein

CM: Dè an t-ainm a th' oirre? Lady dè?

AM: Leadaidh Flat. Uill, 's e Leadaidh a bh' againn oirre, ach 's e Mrs Flat bu chòir a bhith oirre. Ach bha sinne gu math dhi. Och, cha robh i fhèin dona. Bha i glè mhath. Bha i a' ceannach a' chlò. Cha robh i glè mhath. Ach cha robh i... 's e tha mi a' minigeadh, cha robh i dona idir. Bha i glè mhath.

CM: Tòrr rudan ann an sin, ge-tà, a dh'fhàs thusa suas leis, a bha mar phàirt dhen a' ghinealach agad nuair a bha thu òg, nach eil mise... nach fhaca mi fiù 's feadhainn dhiubh ag obair a-riamh, agus gu cinnteach, nach fhaca an ginealach as òige an-diugh.

AM: Uill, 's e sin a-nis an rud, a bheil thu a' faicinn. Bha sinne, eadhon mise, chunna mi rudan ann an cleachdadh, agus bha rudan ann nach fhaca mi ann an cleachdadh aig na daoine a bha romham, agus... ach bhithinn a' cluinntinn mun deidhinn, 's bhithinn a' dol a-mach a dh'fhaighneachd, 'An aithne dhuibh duine aig a bheil siud? An aithne dhuibh duine aig a bheil seo?' Agus glè thric bhiodh e aig duineigin anns a' bhaile.

CM: Tha cuimhn' agam fiù 's taobh a-muigh an taighe, mas math mo chuimhne, pìos cloiche a bhith agad ann an sin, agus a bhiodh tu... bha thu ag innse dhomh gun robh e a' dol air ais chan e na ceudan ach 's dòcha na mìltean a bhliadhna?

AM: Tha, tha. Clach-baistidh. Tha, clach-baistidh mar sin. 'S tha a-rithist, tha clach eile taobh a-muigh an taighe ann a shin a bh' aca airson a bhith a' dèanamh càise. Cheese weight. Clach mhòr a bha a' dìtheadh a' bhùirn a-mach às a' bhainne nuair a bhiodh iad a' dèanamh càise dheth, 's rudan mar sin. Bha sin ann a... air na Lochan fhèin a bha sin, ann am Bhaltos air na Lochan. Agus an clàr Lochlannach, a bheil thu a' faicinn, airson a bhith a' dòrtadh am buntàta às an dàrna ceann 's an t-iasg às a' cheann eile, 's na daoine nan suidhe timcheall air a' chlàr a bha sin. Cha robh bòrd ann. Agus chunna mi fhìn duine a bha an clàr sin aige ann an Cabhartaigh a' slaighdeadh. Bha e a' cleachdadh a' chlàir airson slaighdeadh. Agus... uill, tha sin a-nis, tha eachdraidh an cois sin. Tha e glè mhath a bhith ga ghleidheadh.

CM: 'S an eachdraidh a bha... eachdraidh co-cheangailte ris a h-uile pìos a th' agaibh ann an sin...

AM: Uill, bha eachdraidh a' chlàir sin, bha e shìos ann am poll-mònach, bha e shìos fada, an tritheamh buain air a' pholl-mhònach, agus tha sin 's dòcha mìle gu leth a bhliadhnaichean, ma bha e anns a' pholl-mhònach, bha iad an fhad a bha sin. Co-dhiù, bha e ann fada gu leòr.

CM: Agus ann a bhith a' tabhachd seo dhan a' Chomhairle, airson a dhol dhan an sgoil ùr, nuair a thig i gu na Lochan, 's e an rud a bhiodh sibh an dòchas gum biodh i ann airson ginealaichean a tha ri teachd agus na sgeulachdan nan cois.

AM: Seadh. Uill, a bheil thu a' faicinn, bhiodh e uabhasach math an cois na sgoile. Uill, bhiodh an sgoil ann a shin co-dhiù 's bhiodh iad a' coimhead às a dhèidh ann a shin, 's bhiodh e gu math dhan a' chlann anns an sgoil, 's do dhuine sam bith a thigeadh... a dh'fhaodadh a thighinn a-steach. 'S tha an sgoil ann am meadhan an eilein cuideachd, airson daoine a bhith a' dol seachad oirre.

CM: Agus mana tachair sin, bhitheadh cunnart ann, nach bitheadh, uill, gum breòthadh feadhainn dhe na rudan seo dìreach air sgàth nach urrainn dhuibhse a bhith a' coimhead às an dèidh, gun deigheadh an call, agus nach biodh fhios aig duine dè bh' annta.

AM: Uill, tha sin glè cheart. Tha sin air tachairt mar-thà ann an cuid, a bheil thu a' faicinn... tha na rudan ud, rudan aosta mar siud, tha iad a' feumachdainn a bhith a' coimhead riutha, 's an gleidheadh ceart, agus an gleidheadh ann an àite le blàths ann 's a h-uile càil mar sin, 's tha sin feumail cuideachd.

CM: Uill, Aonghais, tha mi an dòchas, gu dearbh, gun tèid a h-uile càil ceart gu leòr agus nuair a thig an sgoil ùr gum bi na seann rudan sin a tha thu fhèin air a bhith cho dìleas a' cruinneachadh thairis air deich bliadhna fichead mar phàirt chudromach dhen an sgoil. Tapadh leatsa gu dearbha airson a thighinn a-steach a dh'innse dhuinn beagan mun deidhinn an-diugh.

AM: Tapadh leibhse.

CM: Aonghas MacLeòid ann an sin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math