Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 01 April 1997
Àireamh a’ chlàir 12055
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 29.12.1997

Geàrr-chunntas

Cleas air Là na Gogaireachd.

Tha Ailig Dòmhnallach agus Murchadh Peutan a' cluich cleas air Là na Gogaireachd, ag ràdh gum bi luchd-bruidhinn na Gàidhlig a' faighinn tarsainn Drochaid an Eilein Sgitheanaich gun chìsean a phàigheadh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha Drochaid an Eilein Sgitheanaich agus ceist nan cìsean air a bhith gu mòr ri ar n-aghaidh air a' bhliadhna a chaidh seachad. Airson beagan mhionaidean air a' chiad latha dhen a' Ghiblean, bha dùil aig cuid gun robh luchd-bruidhinn na Gàidhlig gu bhith a' faighinn air ais 's air adhart an-asgaidh. Cairt dearbhaidh bhon a' Chomunn agus seòladh dachaigh anns an eilean. Sin uile 's a dh'fheumadh duine, chuala sinn. Ailig Dòmhnallach, comhairliche neo-àbhaisteach. Murchadh Peutan, ball de Chomhairle Sgìre Dhiùirinis, nach eil idir ann. Ailig an toiseach.

Ailig Dòmhnallach (AD): Uill, innsidh mi dhuibh, a Choinnich, dìreach dè thachair an toiseach. Chaidh grunnan againn còmhla, a Choinnich, agus... och o chionn, tha mi a' creidsinn gu bheil faisg air leth-bhliadhna no còrr ann, a Choinnich, agus 's e an rud a rinn sinn, chaidh sinn còmhla agus bha sinn a' smaoineachadh air rudeigineach a dhèanadh feum dha na daoine, a Choinnich, agus cuideachd dhan an sgìre - shin agad sgìre an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse. Nise, chaidh mòran, mòran bruidhinn 's deasbad agus, gu dearbh, argamaid cuideachd a dhèanamh, a Choinnich, ach bhuail sinn air a seo, a Choinnich, agus 's e sin daoine... daoine a tha a' fuireach 's a' còmhnaidh anns an sgìre, agus a tha fileanta, shin agad cnag na cùise, a Choinnich - daoine a tha fileanta anns a' Ghàidhlig, anns a' chànan againn fhìn - agus bhuail sinn air a seo, nam bitheadh iad fileanta anns a' Ghàidhlig, 's dòcha gum faigheadh iad a-null 's a-nall air an drochaid saor 's an-asgaidh.

CM: Nise, chan eil mi airson casg a chur air do chainnt idir, ach an robh sibh dha-rìribh a' smaoineachadh gun deigheadh gabhail ris a seo?

AD: Uill, a Choinnich, chaidh leinn glè mhath, ag innse na fìrinn dhuibh, gu dearbh. 'S e an rud a bh' ann, bha sinn a' bruidhinn ri buidhnean a tha an sàs anns a' Ghàidhlig, a Choinnich, agus bha sinn cuideachd, rinn sinn mòran rannsachadh agus bruidhinn ri daoine a tha an sàs ann an siubhal, anns a... air a' Ghàidhealtachd, a Choinnich, agus gu dearbh, air feadh na dùthcha, agus bha aon chompanaidh, gu dearbh, TravelWise, TravelWise UK, agus thug iadsan dìreach mòran, mòran taic dhuinn, agus tha sinn toilichte dha-rìribh innse dhuibh an-diugh, a Choinnich, gu bheil seo a' tighinn gu ìre agus gu buil aig toiseach an Ògmhios, no gu dearbh, mura tèid e air adhart an uair sin, aig a' char as fhaide, na teis-meadhan, a Choinnich.

CM: Tha ceist no dhà ag èirigh co-cheangailte ris a seo, ge-tà. 'S dòcha gum faod mi an cur ortsa, a Mhurchaidh Peutan. Tha thusa a' toirt taic do dh'Ailig anns a' cheist a tha seo. 'S e sin... uill, tha tòrr Sgitheanaich ann an-dràsta, mar eisimpleir, aig nach eil a' Ghàidhlig. A bheil sin a' ciallachadh nach fhaigh iadsan a-nall? No am feum iad a' Ghàidhlig ionnsachadh no dè... dè do bheachd?

Murchadh Peutan (MP): Uill, madainn mhath, a Choinnich. 'S e ceist mhòr a tha seo cuideachd, agus feumaidh tu chuimhneachadh gur ann às an Roinn Eòrpa a tha a' mhòr-chuid dhen airgead a tha seo a' tighinn, agus gur e buidhnean brosnachaidh nam mion-chànan a chuir an t-airgead air aghaidh. Agus feumaidh tu cuimhneachadh cuideachd nach eil sinn a' faighinn ach a dhàrna leth. Nise, feumaidh sinn a' cheist a thoirt gu na buidhnean eile mar CnaG 's an Comunn Gàidhealach. Mar a tha fios agad fhèin, airgead sam bith a gheibh thu on Roinn Eòrpa, feumaidh tu fhèin not a chur mu choinneamh a h-uile not a gheibh thu, agus feumaidh sinn a dhol 's bruidhinn ris na buidhnean a tha sin feuch an toir iad taic dhuinn. Ach a thaobh a bheil e, mar a chanadh tu, fair, gum faigh fileantaich anns a' Ghàidhlig a-null an-asgaidh, chan eil mise a' faicinn sìonadh ceàrr air, oir... uill, ma dh'fhaodas tu a ràdh, mar a tha iad a' ràdh anns a' Bheurla, 's e positive discrimination a th' ann a thaobh luchd-bruidhinn na Gàidhlig 's luchd-cleachdaidh na Gàidhlig, agus tha positive discrimination a tha seo air a chleachdadh ann an iomadh àite an-diugh.

CM: Ach tha fhios gum bi deasbad ann, gum bi argamaid ann co-cheangailte ri seo, ge-tà, oir far a bheil an rud a tha sin, positive discrimination, ga dhèanamh, tha e a' ciallachadh gu bheil cuideigin eile a tha a' dol a chall a-mach air, agus 's e an fheadhainn a tha a' dol a-mach air a seo, an fheadhainn nach eil a' dol ga fhaighinn. Chan eil buannachd sam bith gu bhith an seo dhan an Eilean Sgitheanach, a bheil?

MP: Ò gu sealladh orm, a Choinnich. Seo an naidheachd as motha a thàinig dhan Eilean Sgitheanach airson iomadach bliadhna. Cuimhnich nach e a-mhàin dràibhearan càraichean a gheibh a-null air an drochaid an-asgaidh, ach gheibh dràibhearan làraidh 's dràibhearan busaichean a-null cuideachd, ma tha Gàidhlig aca. Niste, smaoinich thusa thu fhèin air a' bhuaidh a bhios aige seo air eaconamaidh an eilein, 's chan e a-mhàin an t-eilean a tha seo, ach na h-Eileanan a-Muigh cuideachd.

CM: Ach 's e an rud a tha...

MP: Gheibh busaichean agus làraidhean a-null an-asgaidh ma tha Gàidhlig aig an dràibhear. Agus 's e an dòigh anns a bheil iadsan a' coimhead air, ma tha eaconamaidh làidir ann, agus obraichean gu leòr ann, airson luchd na Gàidhlig, cumaidh seo aig an taigh iad, agus dòcha gum bi e cuideachd a' tàladh feadhainn a dh'fhàg na h-eileanan a thighinn dhachaigh. 'S e naidheachd mhòr, mhòr a tha seo, a Choinnich.

CM: Bidh Sabhal Mòr Ostaig nas trainge na bha iad a-riamh le daoine ag iarraidh a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig airson gum faigh iad cosnadh. Ach 's e a' cheist, Ailig, tha sinn a' bruidhinn ann an seo mu dheidhinn rud a tha gu math connspaideach. Tha sinn air beagan a chluinntinn mu dheidhinn mar-thà an-diugh. Tha mi cinnteach gun cluinn sinn tòrr mu dheidhinn anns na làithean a tha romhainn. Oifis gu bhith anns a' Chaol aig a' Chomunn far an urrainn dha duine a dhol ann an sin agus deuchainn fheuchainn airson dearbhadh gu bheil a' Ghàidhlig aca dha-rìribh, 's tha thu a' faighinn an uair sin cairt le dealbh passport, mar a tha sinn gu math cleachdte air an-diugh. A bheil thu a' smaoineachadh gum bi daoine toilichte gu leòr sin a dhèanamh?

AD: Uill, ag innse na fìrinn dhuibh, a Choinnich, tha mi fhìn a' smaoineachadh gum bi, agus gu dearbha, tha sibh ceart anns a h-uile càil a tha sibh a' canail ann a shin, a Choinnich. Ach bhuail sibh ann a shiud air Sabhal Mòr Ostaig, agus bha Murchadh, mo charaid còir ann a sheo, bha e fhèin a' bruidhinn air luchd na Gàidhlig, agus feumaidh sinn cuimhneachadh cuideachd, a Choinnich, gu bheil daoine anns an eilean 's anns an rìoghachd air fad, gu dearbh, ag ionnsachadh na Gàidhlig, agus tha sin gu math, math cudromach, agus tha mise a' smaoineachadh gun toir seo spionnadh mòr, mòr, mòr air a' Ghàidhlig, a Choinnich, agus rud, tha mise air a bhith a' bruidhinn ri comhairlichean às gach sgìre ann a sheo, gu dearbh, agus, 's e rud a tha sinn am beachd a dhèanamh, 's tha sinn làn chinnteach, gu dearbh, gum faigh sinn airgead, a Choinnich, airson cùrsaichean bogaidh a chur air adhart anns gach sgìre. Nise, bheir seo mòran, mòran airgead a-staigh dhan an àite, agus gu dearbha, ma tha luchd-ionnsachaidh sam bith a-muigh ann a shin agus ùidh aca anns a' chànan bheautiful a tha seo, tha cùrsaichean bogaidh a' dol air adhart, a Choinnich, agus thèid e air adhart, agus chì sinne uile gum bi seo dìreach na mhisneachd mhòr dhuinne ann an saoghal na Gàidhlig. Agus gu dearbh, mas e discrimination a chanas tu ris, uill, tha mise gu mòr air mo mhealladh, gu dearbh.

CM: Uill tha, cha chan mi nach eil feadhainn eile cuideachd. Ach 's e a' cheist a th' agamsa, dè as coireach... tha seo air a bhith uabhasach sàmhach. Chan eil sinn air dad a chluinntinn mu dheidhinn, 's tha sinn air an t-uabhas dhe na naidheachdan eile a chluinntinn. An robh sibh ga chumail am falach a dh'aona ghnothaich?

MP: Uill, ma dh'fhaodas mise thighinn a-staigh an seo, a Choinnich. Chuir e beagan iongnadh ormsa gun tàinig an naidheachd a-mach an-diugh, feumaidh mi ràdh. Agus rud eile a chuir, ma dh'fhaodas mi ràdh, beagan iongnadh orm, naidheachd cho mòr agus cho cudromach seo, nach robh e aig fìor thoiseach a' phrògraim agad fhèin, agus na phrìomh chuspair ga dheasbad air a' phrògram, ach tha mi cinnteach gun tig sin anns na lathaichean a tha ri teachd.

CM: Uill tuigidh tu carson a tha e aig an àm seo agamsa. 'S e sin, tha daoine a' dol a dh'fhaighinn an dara cothrom air a-rithist, agus mar sin, tha daoine a' dol ga chluinntinn dà thuras, airson a bhith a' dèanamh cinnteach air an fheasgar, an rud a chuala iad anns a' mhadainn, gun robh e ceart.

MP: Seadh. Agus bha sinn airson a chumail beagan dìomhair an-dràsta gus am faigheadh sinn cothrom... bha sinn ag iarraidh bruidhinn ri buidhnean mar a tha na companaidhean iomairt, agus CnaG agus an Comunn Gàidhealach, mus tàinig an naidheachd seo a-mach dhan an roinn phoblach.

CM: Ailig Dòmhnallach agus Murchadh Peutan air Latha na Gòcaireachd, agus cò chreideas facal a chanas iad a-chaoidh tuilleadh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math