spacer
spacer

Prògram Choinnich

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Prògram Choinnich
Fiosraichean - An t-Ollamh Tormod Dòmhnallach
Luchd-clàraidh - Coinneach MacÌomhair
Item Person - MacIllEathain, Lachlann [Lachlann na Gàidhlig/Lachlann nam Mogan]

Geàrr-chunntas - Cunntas air beatha Lachlainn MhicIllEathain à Eilean Cholla.

Tha cunntas ga thoirt air beatha Lachlainn MhicIllEathain à Eilean Cholla. Rugadh e ann an Àrnabost ann an Eilean Cholla ach chaidh e a Ghlaschu agus bha bùth aige ann. Bha dà fhar-ainm aige - 'Lachlann na Gàidhlig' agus 'Lachlann nam Mogan'. Chaidh chur às a leth gun robh e am measg a' cheathrair a b' fheàrr a bh' ann a-riamh air rosg Gàidhlig a sgrìobhadh. Nochd a' chiad leabhar aige ann an 1828, co-chruinneachadh de dhàin spioradail. Sgrìobh e grunnan leabhraichean, nam measg 'Adhamh agus Eubh' (1837) a rinn argamaid gur i a' Ghàidhlig a' chainnte a bha aig Adhamh agus Eubh ann an Gàrradh Èden. A bharrachd air seo bha esan agus Tormod MacLeòid 'Caraid nan Gàidheal' gu math mòr aig a chèile. Cuideachd, am measg dhaoine eile bhiodh Iain MacCoinnich, a dheasaich 'Sàr-obair nam Bàrd Gaelach' agus Eòghann MacColla, Bàrd Loch Fìne, a' tadhal air a' bhùth aig Lachlann ann an Glaschu. 'S e fìor àite cruinneachaidh do Ghàidheil a' bhaile a bha sa bhùth seo.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:11:32
Àm Clàraidh - 1998.01.07
Àm a' Chuspair - 1798 gu 1848
Àm Craolaidh - 1998.01.07
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Rèidio
Cruinneachadh - BBC

Àireamh a' Chlàir - 12466
Àireamh an Teip Thùsail - Program Choinnich 07.01.1998
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - DAT



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Ros is Cromba
  Paraiste - Steòrnabhagh
  Eilean - Leòdhas
  Baile/Àite - Steòrnabhagh


Àite a' Chuspair:
  Siorrachd - Siorrachd Lannraig
  Paraiste - Glaschu
  Baile/Àite - Glaschu

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/12466/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA