Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 07 January 1998
Àireamh a’ chlàir 12466
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 07.01.1998

Geàrr-chunntas

Cunntas air beatha Lachlainn MhicIllEathain à Eilean Cholla.

Tha cunntas ga thoirt air beatha Lachlainn MhicIllEathain à Eilean Cholla. Rugadh e ann an Àrnabost ann an Eilean Cholla ach chaidh e a Ghlaschu agus bha bùth aige ann. Bha dà fhar-ainm aige - 'Lachlann na Gàidhlig' agus 'Lachlann nam Mogan'. Chaidh chur às a leth gun robh e am measg a' cheathrair a b' fheàrr a bh' ann a-riamh air rosg Gàidhlig a sgrìobhadh. Nochd a' chiad leabhar aige ann an 1828, co-chruinneachadh de dhàin spioradail. Sgrìobh e grunnan leabhraichean, nam measg 'Adhamh agus Eubh' (1837) a rinn argamaid gur i a' Ghàidhlig a' chainnte a bha aig Adhamh agus Eubh ann an Gàrradh Èden. A bharrachd air seo bha esan agus Tormod MacLeòid 'Caraid nan Gàidheal' gu math mòr aig a chèile. Cuideachd, am measg dhaoine eile bhiodh Iain MacCoinnich, a dheasaich 'Sàr-obair nam Bàrd Gaelach' agus Eòghann MacColla, Bàrd Loch Fìne, a' tadhal air a' bhùth aig Lachlann ann an Glaschu. 'S e fìor àite cruinneachaidh do Ghàidheil a' bhaile a bha sa bhùth seo.

Neach/Cuspair a' Chlàir

MacIllEathain, Lachlann [Lachlann na Gàidhlig/Lachlann nam Mogan]

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Lannraig

Paraiste - Glaschu

Baile/Àite - Glaschu

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math