spacer
spacer

Tuathanach a' tabhann do Dhòmhnall Èireannach, a chuir roimh...

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Tuathanach a' tabhann do Dhòmhnall Èireannach, a chuir roimh...
Fiosraichean - Angus John MacLellan
Luchd-clàraidh - An Dotair Alasdair MacIllEathain
Item Person - Dòmhnall Èireannach

Geàrr-chunntas - Tuathanach a' tabhann do Dhòmhnall Èireannach, a chuir roimhe obair fhàgail agus tilleadh dhachaigh, a thuarastal no trì comhairlean.

Dh'fhàg Dòmhnall Èireannach Gèirinis is e a' lorg obair. Thug tuathanach faisg air Glaschu obair dha. An ceann trì bliadhna, chuir Dòmhnall roimhe gun tilleadh e dhachaigh. Dh'fhaighnich an tuathanach dha an robh e ag iarraidh a thuarastal air neo trì comhairlean. Thagh Dòmhnall na comhairlean. Is e a' chiad chomhairle a fhuair e, gun an rathad bu ghiorra a ghabhail. B' e an dara comhairle, gun a bhith a' fuireach ann an taigh-òsta a bha le seann duine aig an robh bean òg. B' e a' chomhairle mu dheireadh, smaoineachadh trì turais mun dèanadh e rud sam bith. Thug bean an tuathanaich dha bonnach agus dh'iarr i air gun ithe gus an ruigeadh e an taigh.

Thachair e ri dithis mharsantan-màileid air an rathad. Bha fios acasan air an rathad bu ghiorra, ach ghabh Dòmhnall an rathad fada. Ràinig na marsantan-màileid an toiseach agus fhuair iad seòmraichean anns an taigh-òsta. B' fheudar do Dhòmhnall cadal anns an stàball. Tron oidhche, chuala e dithis a' bruidhinn. Bha droch amharas aige agus gheàrr e pìos o chòta fear dhiubh. An ath latha, fhuaireadh fear an taigh-òsta air a mhurt, agus chuireadh na marsantan-màileid an grèim. Anns a' chùirt, dh'aithnich Dòmhnall gur ann o chòta an t-siorraim a gheàrr e am pìos aodaich agus thug e seachad sin mar dhearbhadh. Chuireadh an siorram an grèim agus leigeadh na marsantan-màileid ma sgaoil.

Nuair a thill Dòmhnall dhachaigh, cò bh' anns an leabaidh còmhla ris a' bhean aige ach fear òg. Bha Dòmhnall deiseil gus ionnsaigh a thoirt air leis an sgithinn, nuair a chuimhnich e an treas comhairle aig an tuathanach. Chuala Dòmhnall an gille ag innse mar a bha aisling aige gu robh athair os a chionn agus sgian aige. Nuair a bhrist Dòmhnall am bonnach a thug bean an tuathanaich dha, dè bha na bhroinn ach tuarastal trì bliadhna. An ath latha, fhuair mac Dhòmhnaill leabhar-pòca agus £5 ann. B' ann le Siosalach Ghèirinis a bha e. Bha fios aig an t-Siosalach gu robh Dòmhnall air tilleadh dhachaigh nuair a thill a mhac dha an t-airgead.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:13:19
Àm Clàraidh - 1954.01.03
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 13365
Àireamh an Teip Thùsail - SA1953.272
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1953.272.A1
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R

Seòrsachadh - AT910B;


Àite a' Chuspair:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Uibhist a Deas
  Eilean - Uibhist a Deas
  Baile/Àite - Gèirinis

Notaichean a' Chlàir - See:
'More West Highland Tales' vol. 1 (J. F. Campbell) p. 74

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/13365/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA